Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eabhraidhich 13 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Comhairlean eugsamhail a‑chum seirc, 4 a‑chum caitheamh‐beatha ciatach, 5 a‑chum sannt a sheachnadh, 7 a‑chum a bhith dleasdanach do luchd‐searmonachaidh an t‑soisgeil, 9 a bhith air ar faicill o theagasgean coimheach, 16 dèirce a thoirt seachad, 17 a bhith umhail do uachdarain, 18 ùrnaigh a dhèanamh airson an abstoil. 20 A’ chrìoch.

1 Fanadh gràdh bràthaireil agaibh.

2 Na dearmadaibh aoigheachd a thoirt do choigrich; oir le seo thug dream àraidh aoigheachd do ainglean gun fhios dhaibh.

3 Bithibh cuimhneachail orrasan a tha ceangailte, mar gum biodh sibh ceangailte maille riu; agus air an dream a tha a’ fulang anshocair, mar mhuinntir a tha sibh fhèin mar an ceudna anns a’ cholainn.

4 Tha am pòsadh urramach anns na h‑uile, agus an leabaidh neo‐shalach: ach air luchd‐strìopachais agus adhaltranais bheir Dia breith.

5 Biodh ur caitheamh‐beatha gun sannt; agus bithibh toilichte leis na nithean a tha an làthair agaibh: oir thubhairt e, Chan fhàg, agus cha trèig mi am feasd thu.

6 Ionnas gum faod sinn a ràdh gu dàn, Is e an Tighearna m’fhear‐cuideachaidh, agus chan eagal leam aon nì a dh’fhaodas duine a dhèanamh orm.

7 Bithibh cuimhneachail air ur cinn‐iùil, a labhair ribh facal Dhè: leanaibh an creideamh‐san, a’ beachdachadh air crìch an caitheamh‐beatha:

8 Iosa Crìosd an‑dè, agus an‑diugh, agus gu sìorraidh an Tì ceudna.

9 Na bithibh air ur giùlan mun cuairt le teagasgan eugsamhail coimheach: oir is math an nì an cridhe a bhith air a dhaingneachadh le gràs, chan ann le biadhan, nithean nach tug tairbhe don dream a ghnàthaich iad.

10 Tha altair againne, de nach eil còir acasan a’ bheag ithe, a tha a’ dèanamh seirbhis don phàillean.

11 Oir tha cuirp nan ainmhidhean sin, aig a bheil am fuil air a toirt a‑steach airson peacaidh don ionad naomh leis an àrd‐shagart, air an losgadh an leth a‑muigh den champ.

12 Uime sin a‑chum gun dèanadh Iosa an sluagh a naomhachadh le a fhuil fhèin, dh’fhuiling e mar an ceudna an taobh a‑muigh den gheata.

13 Air an adhbhar sin, rachamaid a‑mach da ionnsaigh‐san an taobh a‑muigh den champ, a’ giùlan a mhaslaidh.

14 Oir an seo chan eil againn baile a mhaireas, ach tha sinn ag iarraidh aoin a tha ri teachd.

15 Uime sin trìdsan thugamaid suas ìobairt‐bhuidheachais do Dhia a‑ghnàth, is e sin toradh ar bilean, a’ toirt molaidh da ainm.

16 Ach na dìochuimhnichibh math a dhèanamh, agus co‑roinn a thoirt uaibh: oir tha an leithidean sin de ìobairtean taitneach do Dhia.

17 Bithibh umhail dur cinn‐iùil, agus thugaibh gèill dhaibh: oir tha iad ri faire air ur n‑anaman, mar mhuinntir don èiginn cunntas a thoirt uapa, a‑chum gun dèan iad e le gàirdeachas, agus chan ann le doilgheas: oir tha seo neo‐thairbheach dhuibhse.

18 Dèanaibh ùrnaigh air ar son‐ne: oir is dòigh leinn gu bheil deagh chogais againn, air dhuinn a bhith toileach ar beatha a chaitheamh gu cubhaidh anns na h‑uile nithean.

19 Ach is mò a ghuidheam oirbh seo a dhèanamh, a‑chum gur luaithe a dh’aisigear mise dhuibh.

20 A‑nis gun dèanadh Dia na sìthe, a thug air ais o na mairbh ar Tighearna Iosa, àrd‐bhuachaille nan caorach, tre fhuil a’ choicheangail shìorraidh,

21 Sibhse coileanta anns gach uile dheagh obair, a‑chum sibh a dhèanamh a thoile‐san, ag obrachadh annaibh an nì a tha taitneach na làthair‐san, tre Iosa Crìosd; dhàsan gu robh glòir gu saoghal nan saoghal. Amen.

22 Agus guidheam oirbh, a bhràithrean, sibh a ghiùlan facal na h‑earalach; oir sgrìobh mi gu h‑aithghearr dur n‑ionnsaigh.

23 Biodh fhios agaibh gun do chuireadh ar bràthair Timòteus air a chomas; maille ris‐san, ma thig e gu goirid, chì mi sibh.

24 Cuiribh fàilte orrasan uile a tha nan cinn‐iùil dhuibh, agus air na naoimh uile. Tha muinntir na h‑Eadailt a’ cur fàilte oirbh.

25 Gràs gu robh maille ribh uile. Amen.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan