Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eabhraidhich 11 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Ciod e creideamh. 6 As eugmhais creideamh chan eil e an comas dhuinn toil Dhè a dhèanamh: 7 deagh thoradh a’ ghràis sin anns na h‑aithrichean o shean.

1 A‑nis is e creideamh brìgh nan nithean rim bheil dòchas, dearbh‐chinnte nan nithean nach faicear.

2 Oir is ann tre seo a fhuair na sinnsirean deagh theisteas.

3 Tre chreideamh tha sinn a’ tuigsinn gun do chruthaicheadh na saoghail tre fhacal Dhè, air chor is nach do rinneadh na nithean a chìthear de nithean a bha rim faicinn.

4 Tre chreideamh thug Abel suas do Dhia ìobairt na b’fheàrr na Càin, tre an tugadh teisteas dha gu robh e na fhìrean, air a bhith do Dhia a’ dèanamh fianais de a thìodhlacan: agus tre sin, air dha a bhith marbh, tha e fhathast a’ labhairt.

5 Tre chreideamh dh’atharraicheadh Enoch a‑chum nach faiceadh e bàs; agus cha d’fhuaireadh e, do bhrìgh gun d’atharraich Dia e: oir ro a atharrachadh thugadh fianais dha gun do thaitinn e ri Dia.

6 Ach as eugmhais creidimh chan eil e comasach a thoileachadh: oir is èiginn don tì a thig a dh’ionnsaigh Dhè a chreidsinn gu bheil e ann, agus gur e an Tì e a bheir duais don dream a dh’iarras e gu dìcheallach.

7 Tre chreideamh, air do Nòah rabhadh fhaotainn o Dhia mu thimcheall nithean nach robh idir rim faicinn, agus eagal a ghabhail, dh’ullaich e àirc a‑chum tèarnadh a theaghlaich; tre an do dhìt e an saoghal, agus rinneadh e na oighre air an fhìreantachd a tha a‑thaobh creidimh.

8 Tre chreideamh, nuair a ghairmeadh Abrahàm gu dol a‑mach do ionad a bha e gu fhaotainn an dèidh sin mar oighreachd, fhreagair e; agus dh’imich e a‑mach gun fhios a bhith aige càit an robh e a’ dol.

9 Tre chreideamh bha e air chuairt ann an tìr a’ gheallaidh, mar ann an tìr choimhich, a’ gabhail còmhnaidh ann am pàilleanan maille ri Isaac agus Iàcob, co‑oighreachan a’ gheallaidh cheudna.

10 Oir bha sùil aige ri baile aig a bheil bunaitean, air a bheil Dia na fhear‐dealbhaidh agus na fhear‐togail.

11 Tre chreideamh mar an ceudna fhuair Sàrah fhèin neart gu sliochd a ghabhail na broinn, agus rug i leanabh an dèidh dhi dol thar aois cloinne, do bhrìgh gun do mheas i gu robh esan fìrinneach a thug an gealladh.

12 Uime sin ghineadh o aon a‑mhàin, agus esan ionnan agus marbh, sliochd mar reultan nèimh a‑thaobh lìonmhorachd, agus mar a’ ghaineamh air tràigh na fairge do‑àireamh.

13 Fhuair iad seo uile bàs ann an creideamh, gun na geallaidhean fhaotainn, ach air dhaibh am faicinn fad o làimh (agus an làn‐chreidsinn), ghabh iad riu, agus dh’aidich iad gum bu choigrich agus luchd‐cuairt air an talamh iad fhèin.

14 Oir an dream a tha ag ràdh nan nithean sin, tha iad a’ nochdadh gu soilleir gu bheil iad ag iarraidh dùthcha.

15 Agus gu fìrinneach nam biodh iad cuimhneachail air an dùthaich sin as an tàinig iad a‑mach, dh’fhaodadh iad àm iomchaidh fhaghail air tilleadh:

16 Ach a‑nis tha dèidh aca air dùthaich as fheàrr, eadhon dùthaich nèamhaidh: uime sin cha nàir le Dia gun goirear an Dia‐san dheth, oir dh’ullaich e dhaibh baile.

17 Tre chreideamh dh’ìobair Abrahàm, air dha a bhith air a dhearbhadh, a mhac Isaac; agus thug an tì a fhuair na geallaidhean suas a aon‐ghin mhic;

18 Ris an dubhairteadh, Ann an Isaac goirear do shliochd:

19 A’ meas gum bu chomasach Dia air a thogail eadhon o na mairbh; on d’fhuair e e eadhon ann an samhladh.

20 Tre chreideamh bheannaich Isaac Iàcob agus Esau mu thimcheall nithean a bha ri teachd.

21 Tre chreideamh bheannaich Iàcob, aig faghail bàis dha, dithis mhac Iòseiph; agus rinn e adhradh, a’ leigeadh a chudthrom air bàrr a bhata.

22 Tre chreideamh rinn Iòseph, ri àm faghail a’ bhàis dha, iomradh air dol a‑mach chloinn Israeil: agus thug e àithne mu thimcheall a chnàmh.

23 Tre chreideamh nuair a rugadh Maois, dh’fhalaicheadh e trì mìosan le a phàrantan, do bhrìgh gum faca iad gum bu leanabh tlachdmhor e; agus cha robh eagal orra ro àithne an rìgh.

24 Tre chreideamh air teachd gu aois do Mhaois, dhiùlt e a bhith air a ghairm na mhac do nighinn Phàraoh;

25 A’ roghnachadh àmhghar fhulang maille ri sluagh Dhè, ro shòlas a’ pheacaidh a mhealtainn rè seal;

26 A’ meas gum bu mhò an saoibhreas masladh Chrìosd na ionmhasan na h‑Èiphit: oir bha sùil aige ris an luach‐saothrach.

27 Tre chreideamh thrèig e an Èiphit, gun eagal a bhith air ro chorraich an rìgh: oir bha e làidir na inntinn, mar neach a bha a’ faicinn an Tì a tha neo‐fhaicsinneach.

28 Tre chreideamh ghlèidh e a’ chàisg, agus an dòrtadh fala, a‑chum nach beanadh an tì a sgrios na ciad‐ghin riùsan.

29 Tre chreideamh chaidh iad tre an mhuir ruaidh, mar tre thalamh tioram: nì nuair a thug na h‑Èiphitich ionnsaigh air a dhèanamh, bhàthadh iad.

30 Tre chreideamh thuit ballachan Iericho, an dèidh a bhith air an cuartachadh rè seachd làithean.

31 Is ann tre chreideamh nach do sgriosadh Rahab, an strìopach, maille riùsan nach do chreid, nuair a ghabh i ris an luchd‐brathaidh ann an sìth.

32 Agus ciod tuilleadh a their mi? Oir theirgeadh an ùine dhomh ann an labhairt mu Ghideon, Bharac, agus Shampson, agus Iephtah, Dhaibhidh mar an ceudna, agus Shamuel, agus na fàidhean:

33 Muinntir tre chreideamh a cheannsaich rìoghachdan, a dh’obraich fìreantachd, a fhuair geallaidhean, a dhruid beòil leòmhann,

34 A mhùch neart teine, a chaidh as o fhaobhar a’ chlaidheimh, o anfhainneachd a rinneadh neartmhor, a dh’fhàs treun ann an cath, a chuir air theicheadh armailtean nan coimheach.

35 Fhuair mnathan am mairbh air an togail a‑rìs gu beatha: agus chràidh‐phianadh dream eile, gun iad a ghabhail ri saorsa; a‑chum gum faigheadh iad aiseirigh a b’fheàrr.

36 Fhuair dream eile deuchainn de fhanaidean, agus de sgiùrsaidhean, seadh fòs, de ghèimhlean agus de phrìosan.

37 Chlachadh iad, shàbhadh as a chèile iad, bhuaireadh iad, chuireadh gu bàs leis a’ chlaidheamh iad: chaidh iad mun cuairt nam fògarraich ann an craicinn chaorach agus ghobhar, ann an uireasbhaidh, ann an trioblaidean, ann an cràdh;

38 (Dream air nach b’airidh an saoghal); a’ dol air seachran ann am fàsaichean, agus air slèibhtean, agus ann an uaimhean agus ann an sluic na talmhainn.

39 Agus air dhaibh seo uile deagh theisteas fhaotainn tre chreideamh, cha d’fhuair iad an gealladh:

40 Air do Dhia nì‑eigin as fheàrr a sholar dhuinne, ionnas nach biodh iadsan air an dèanamh foirfe as ar n‑eugmhais‐ne.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan