Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eabhraidhich 10 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Anfhainneachd ìobairtean an lagha. 10 Thug ìobairt cuirp Chrìosd, a thugadh suas aon uair, peacadh gu sìorraidh air falbh. 19 Earail a‑chum an creidimh a ghleidheadh gu daingean, le foighidinn agus buidheachas.

1 Uime sin, air a bhith aig an lagh sgàil nithean matha ri teachd, agus chan e fìor‐choslas nan nithean fhèin, chan eil e comasach dha an dream a thig da ionnsaigh a‑chaoidh a dhèanamh coileanta leis na h‑ìobairtean sin a bha iad a’ toirt suas o bhliadhna gu bliadhna a‑ghnàth:

2 Oir an sin nach sguireadh iad de bhith gan toirt suas? Do bhrìgh nach biodh aig luchd‐dèanamh na naomh‐sheirbhis tuilleadh cogais air bith peacaidh, air dhaibh a bhith aon uair air an glanadh.

3 Ach anns na h‑ìobairtean sin nìthear ath‐chuimhneachadh air na peacaidhean gach bliadhna.

4 Oir chan eil e an comas gun tugadh fuil tharbh agus ghobhar peacaidhean air falbh.

5 Uime sin a’ teachd dha don t‑saoghal, tha e ag ràdh, Ìobairt agus tabhartas cha b’àill leat, ach dh’ullaich thu corp dhòmhsa:

6 Ann an ìobairtean‐loisgte, agus ann an ìobairtean airson peacaidh cha robh tlachd agad:

7 An sin thubhairt mise, Feuch, tha mi a’ teachd (ann an ròla an leabhair tha siud sgrìobhte orm), a‑chum do thoil‐sa a dhèanamh, O Dhè.

8 Air dha a ràdh roimhe sin, Ìobairt, agus tabhartas, agus ìobairtean‐loisgte, agus ìobairt airson peacaidh cha b’àill leat, agus cha robh do thlachd annta (a tha air an toirt suas a rèir an lagha);

9 An sin thubhairt e, Feuch, tha mi a’ teachd a dhèanamh do thoil‐sa, O Dhè. Tha e a’ cur air cùl a’ chiad nì, a‑chum gun daingnich e an dara nì.

10 Leis an toil seo tha sinne air ar naomhachadh, tre toirt suas corp Iosa Crìosd aon uair.

11 Agus tha gach uile shagart a’ seasamh gach là, a’ frithealadh agus a’ toirt suas nan ìobairt ceudna gu minig, nithean do nach eil e an comas a‑chaoidh peacaidhean a thoirt air falbh:

12 Ach an duine seo, an dèidh dha aon ìobairt a thoirt suas airson peacaidh, shuidh e a‑chaoidh tuilleadh air deaslàimh Dhè:

13 A’ feitheamh o sin suas gus an cuirear a naimhdean nan stòl‐chas fo a chasan.

14 Oir le aon ìobairt rinn e a‑chaoidh foirfe iadsan a tha air an naomhachadh.

15 Agus tha an Spiorad Naomh mar an ceudna a’ dèanamh fianais dhuinne air na nithean seo: oir an dèidh dha a ràdh roimhe,

16 Is e seo an coicheangal a nì mi riu an dèidh nan làithean ud, tha an Tighearna ag ràdh, Cuiridh mi mo reachdan nan cridhe, agus sgrìobhaidh mi iad air an inntinn:

17 Agus am peacaidhean agus an euceartan cha chuimhnich mi nas mò.

18 A‑nis, far a bheil maitheanas nan nithean seo, chan eil tabhartas airson peacaidh ann nas mò.

19 Uime sin, a bhràithrean, do bhrìgh gu bheil dànachd againn gu dol a‑steach don ionad as naoimhe tre fhuil Iosa,

20 Air slighe nuaidh agus bheò a choisrig e dhuinne, tre an roinn‐bhrat, is sin ri ràdh, tre a fheòil fhèin:

21 Agus do bhrìgh gu bheil againn Ard‐shagart os cionn taigh Dhè,

22 Thigeamaid am fagas le cridhe fìor, ann an làn dearbhachd a’ chreidimh, le ar cridheachan air an crath‐ghlanadh o dhroch cogais, agus le ar cuirp air an nighe le uisge glan.

23 Cumamaid gu daingeann aidmheil ar dòchais gun chlaonadh (oir is fìrinneach an tì a gheall):

24 Agus thugamaid an aire da chèile a‑chum ar brosnachadh gu gràdh, agus gu deagh obraichean:

25 Gun a bhith a’ leigeadh dhinn sinn fhèin a chruinneachadh an ceann a chèile, mar as gnàth le dream àraidh; ach a’ comhairleachadh a chèile: agus gum bu mhò a nì sinn seo, gu bheil sibh a’ faicinn an là a’ tarraing am fagas.

26 Oir ma pheacaicheas sinn de ar toil fhèin an dèidh dhuinn eòlas na fìrinn fhaotainn, chan fhàgar tuilleadh dhuinn ìobairt airson peacaidh,

27 Ach dùil eagalach ri breitheanas, agus feirg theinntich, a sgriosas na h‑eascairdean.

28 An neach a rinn tàir air lagh Mhaois, bhàsaich e gun tròcair, fo dhithis no thriùir de fhianaisean:

29 Cia mòr as mò na sin am peanas a shaoileas sibh air am measar esan toillteanach, a shaltair fo a chasan Mac Dhè, agus a mheas mar nì mì‑naomh fuil a’ choicheangail, leis an do naomhaicheadh e, agus a rinn tarcais air Spiorad nan gràs?

30 Oir is aithne dhuinn an Tì a thubhairt, Is leamsa an dìoghaltas, agus bheir mi dìoladh uam, tha an Tighearna ag ràdh: agus a‑rìs, Bheir an Tighearna breith air a shluagh.

31 Is nì eagalach tuiteam ann an làmhan an Dè bheò.

32 Ach biodh ath‐chuimhne agaibh air na làithean a chaidh seachad, anns an d’fhuiling sibh, an dèidh dhuibh a bhith air ur soillseachadh, gleac mhòr fhulangas;

33 Ann an cuid, am feadh a rinneadh sibh nur ball‐amhairc, araon tre mhaslaidhean agus thrioblaidean; agus ann an cuid, am feadh a rinneadh sibh nur companaich dhaibhsan ris an do bhuineadh mar sin.

34 Oir bha co‑fhulangas agaibh riumsa ann am ghèimhlean, agus ghabh sibh le luathghair ri creachadh ur maoin, air dhuibh fios a bhith agaibh annaibh fhèin gu bheil agaibh air nèamh maoin as fheàrr, agus a tha maireannach.

35 Uime sin na tilgibh uaibh ur muinghinn, aig a bheil mòr dhìol‐thuarasdal.

36 Oir tha feum agaibh air foighidinn; a‑chum an dèidh dhuibh toil Dhè a dhèanamh, gum faigh sibh an gealladh.

37 Oir fhathast sealan beag, agus an Tì a tha ri teachd thig e, agus cha dèan e moille.

38 A‑nis bidh am fìrean beò tre chreideamh: ach ma thilleas neach sam bith air ais, cha bhi aig m’anamsa tlachd ann.

39 Ach chan eil sinne den dream sin a thilleas air an ais a‑chum sgrios; ach den dream a chreideas a‑chum tèarnadh an anama.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan