Eabhraidhich 1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Tha Crìosd a thàinig on Athair anns na h‑àmannan deireannach seo, 4 nas mò na na h‑aingil, araon a‑thaobh a phearsa agus a dhreuchd. 1 Dia, a labhair o shean gu minig, agus air iomadh dòigh ris na h‑athraichean leis na fàidhean, 2 Labhair e anns na làithean deireannach seo rinne le a Mhac, a dh’òrdaich e na oighre air na h‑uile nithean, tre an do chruthaich e fòs na saoghail; 3 Neach air a bhith dha na dhealradh a ghlòire‐san, agus na fhìor ìomhaigh a phearsa, agus a’ cumail suas nan uile nithean le facal a chumhachd, nuair a ghlan e ar peacaidhean troimhe fhèin, shuidh e air deas‐làimh na mòrachd anns na h‑àrdan: 4 Air dha a bhith air a dhèanamh nas ro‑òirdheirce na na h‑aingil, a mheud is gun d’fhuair e mar oighreachd ainm a bu ro‑fheàrr na iadsan. 5 Oir cò de na h‑aingil ris an dubhairt e uair air bith, Is tu mo Mhac‐sa, an‑diugh ghin mi thu? Agus a‑rìs, Bidh mise am Athair dhàsan, agus bidh esan na Mhac dhòmhsa? 6 Agus a‑rìs, nuair a tha e a’ tabhairt a’ chiad‐ghin a‑steach don t‑saoghal, tha e ag ràdh, Agus dèanadh uile aingil Dhè adhradh dha. 7 Agus a‑thaobh nan aingeal tha e ag ràdh, Neach a tha a’ dèanamh ainglean nan spioradan, agus a mhinistearan nan lasair theine. 8 Ach ris a’ Mhac tha e ag ràdh, Tha do rìgh‐chathair, a Dhè, gu saoghal nan saoghal; is slat‐rìoghail ro‑chothromach slat do rìoghachd‐sa: 9 Ghràdhaich thu fìreantachd, agus thug thu fuath do aingidheachd; uime sin dh’ung Dia, do Dhia‐sa, thu le ola aoibhneis os cionn do chompanach. 10 Agus, Leag thusa, a Thighearna, bunaitean na talmhainn air tùs; agus is iad na nèamhan obraichean do làmh: 11 Teirgidh iadsan, ach mairidh tusa: agus fàsaidh iad uile sean mar aodach; 12 Agus fillidh tu iad mar bhrat, agus caochlaidhear iad: ach is tusa an Tì ceudna, agus chan fhàilnich do bhliadhnachan. 13 Ach cò de na h‑ainglean ris an dubhairt e uair air bith, Suidh air mo dheaslàimh, gus an cuir mi do naimhdean nan stòl‐chas fod chasan? 14 Nach spioradan‐frithealaidh iad uile, air an cur a‑mach a‑chum frithealaidh dhaibhsan a bhios nan oighreachan air slàinte? |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society