Deuteronomi 1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Ath‐aithris le Maois air na thachair do chloinn Israeil anns an fhàsach. 34 Geur‐smachdachadh an Tighearna dhaibh airson am mì‑chreideimh. 1 Is iad seo na briathran a labhair Maois ri Israel uile, air an taobh seo de Iòrdan anns an fhàsach, anns a’ chòmhnard fa chomhair na mara ruaidhe, eadar Paran, agus Tophel, agus Làban, agus Haserot, agus Disahab. 2 (Tha astar aon‐là‑deug o Hòreb, rathad sliabh Sheirm, gu Cadeis‐barnea.) 3 Agus anns an dà‑fhicheadamh bliadhna, anns an aon‐mhìos‐deug, air a’ chiad là den mhìos, labhair Maois ri cloinn Israeil, a rèir nan uile nithean a dh’àithn an Tighearna dha dan taobh; 4 An dèidh dha Sihon rìgh nan Amorach a mharbhadh, a bha a chòmhnaidh ann an Hesbon, agus Og rìgh Bhasain, a bha a chòmhnaidh aig Astarot ann an Edrei, 5 Aig an taobh seo de Iòrdan, ann an tìr Mhòaib, thòisich Maois air an lagh seo a chur an cèill, ag ràdh, 6 Labhair an Tighearna ar Dia rinn ann an Hòreb, ag ràdh, Ghabh sibh còmhnaidh fada gu leòr anns an t‑sliabh seo: 7 Tillibh agus gabhaibh ur turas, agus rachaibh a‑chum sliabh nan Amorach, agus a‑chum nan ionadan uile am fagas dha anns a’ chòmhnard, anns a’ mhonadh, agus anns an t‑srath, agus mu dheas, agus ri taobh na fairge, gu fearann nan Canàanach, agus gu Lebanon, a dh’ionnsaigh na h‑aibhne mòire, abhainn Euphràtes. 8 Feuch, chuir mi an tìr romhaibh; rachaibh a‑steach, agus sealbhaichibh am fearann a mhionnaich an Tighearna dur n‑athraichean, Abrahàm, Isaac, agus Iàcob, gun tugadh e dhaibh e, agus dan sliochd nan dèidh. 9 Agus labhair mi ribh anns an àm sin, ag ràdh, Chan urrainn mise ur giùlan am aonar: 10 Rinn an Tighearna ur Dia lìonmhor sibh, agus, feuch, tha sibh an‑diugh mar reultan nèimh a‑thaobh lìonmhorachd. 11 (Gun dèanadh an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, sibh mìle uair nas lìonmhoire na tha sibh, agus gum beannaicheadh e sibh, mar a gheall e dhuibh!) 12 Cionnas as urrainn mise leam fhèin ur dragh a ghiùlan, agus ur n‑eallach, agus ur còmhstri? 13 Gabhaibh‐se dhuibh fhèin daoine glice agus tuigseach, agus aithnichte nur treubhan, agus nì mise iad nan ceannardan oirbh. 14 Agus fhreagair sibh mi, agus thubhairt sibh, Tha an nì a labhair thu math dhuinne ra dhèanamh. 15 Agus ghabh mi cinn ur treubhan, daoine glice agus aithnichte, agus rinn mi iad nan ceannardan oirbh, nan uachdarain mhìltean, agus nan uachdarain cheudan, agus nan uachdarain leth‐cheudan, agus nan uachdarain dheichnear, agus nan luchd‐riaghlaidh am measg ur treubhan. 16 Agus dh’àithn mi dur britheamhan anns an àm sin, ag ràdh, Eisdibh ris na cùisean a bhios eadar ur bràithrean, agus thugaibh breith cheart eadar gach duine agus a bhràthair, agus an coigreach a tha maille ris. 17 Cha bhi suim agaibh do neach seach a chèile ann am breitheanas; ris a’ bheag èisdidh sibh cho math is ris a’ mhòr; cha bhi athadh oirbh ro ghnùis dhuine, oir is le Dia a’ bhreith: agus a’ chùis a bhios ro‑chruaidh oirbh, bheir sibh am ionnsaigh‐sa, agus èisdidh mise rithe. 18 Agus dh’àithn mi dhuibh anns an àm sin na h‑uile nithean a bu chòir dhuibh a dhèanamh. 19 Agus nuair a dh’fhalbh sinn o Hòreb, chaidh sinn tron fhàsach mhòr agus uamhasach sin uile, a chunnaic sibh air slighe sliabh nan Amorach, a rèir mar a dh’àithn an Tighearna ar Dia dhuinn; agus thàinig sinn gu Cadeis‐barnea. 20 Agus thubhairt mi ribh, Tha sibh air teachd gu sliabh nan Amorach, a tha an Tighearna ar Dia a’ tabhairt dhuinn. 21 Feuch, chuir an Tighearna do Dhia am fearann romhad, imich suas, sealbhaich e, a rèir mar a thubhairt an Tighearna Dia d’athraichean riut; na biodh eagal ort, agus na biodh faitcheas ort. 22 Agus thàinig sibh am fagas dhòmhsa, gach aon agaibh, agus thubhairt sibh, Cuireamaid daoine romhainn, agus rannsaicheadh iad a‑mach dhuinn am fearann, agus thugadh iad fios dar n‑ionnsaigh a‑rìs ciod an t‑slighe air an tèid sinn suas, agus ciod na bailtean gus an tig sinn. 23 Agus thaitinn a’ chainnt rium gu math; agus ghabh mi dà‑fhear‐dheug dhibh, aon fhear as gach treubh. 24 Agus thionndaidh iad, agus chaidh iad suas don t‑sliabh, agus thàinig iad gu gleann Escoil, agus rannsaich iad a‑mach e. 25 Agus ghabh iad nan làimh de thoradh an fhearainn, agus thug iad a‑nuas e dar n‑ionnsaigh‐ne, agus thug iad fios dhuinn a‑rìs, agus thubhairt iad, Is math am fearann a tha an Tighearna ar Dia a’ tabhairt dhuinn. 26 Gidheadh, cha b’àill leibh dol suas, ach chuir sibh an aghaidh àithne an Tighearna ur Dia. 27 Agus rinn sibh gearan nur bùthan, agus thubhairt sibh, A chionn gum b’fhuathach leis an Tighearna sinn, thug e a‑mach sinn à tìr na h‑Eiphit, gu ar toirt thairis do làimh nan Amorach, a chur as dhuinn. 28 Càit an tèid sinn suas? Chuir ar bràithrean ar cridhe fo mhì‐mhisnich, ag ràdh, Tha an sluagh nas mò agus nas àirde na sinne; tha na bailtean mòr, agus daingnichte suas gu nèamh, agus os bàrr, chunnaic sinn mic nan Anacach an sin. 29 An sin thubhairt mi ribh, Na biodh geilt oirbh, no eagal romhpa. 30 An Tighearna ur Dia, a tha a’ dol romhaibh, cogaidh esan air ur son, a rèir nan uile nithean a rinn e air ur son anns an Eiphit fa chomhair ur sùl, 31 Agus anns an fhàsach, far am faca tu cionnas a ghiùlain an Tighearna do Dhia thu, mar a ghiùlaineas duine a mhac, anns an t‑slighe sin uile air an deachaidh sibh, gus an tàinig sibh don àite seo. 32 Gidheadh anns an nì seo cha do chreid sibh an Tighearna ur Dia, 33 A dh’imich romhaibh anns an t‑slighe, a rannsachadh a‑mach àite dhuibh gus ur bùthan a shuidheachadh ann, ann an teine anns an oidhche, a nochdadh dhuibh ciod an t‑slighe air an imicheadh sibh, agus ann an neul anns an là. 34 Agus chuala an Tighearna fuaim ur briathran, agus bha corraich air, agus mhionnaich e, ag ràdh, 35 Gu cinnteach chan fhaic a h‑aon de dhaoine a’ ghinealaich uile seo am fearann math sin, a mhionnaich mise gun tugainn dur n‑athraichean; 36 Saor o Chàleb mac Iephuneh; chì esan e, agus dhàsan bheir mi am fearann air an do shaltair e, agus da chloinn, a chionn gun do lean e an Tighearna gu h‑iomlan. 37 Mar an ceudna, bha fearg air an Tighearna riumsa air ur sgàth, ag ràdh, Cha tèid thusa fhèin a‑steach an sin. 38 Ach Iosua mac Nuin, a tha na sheasamh ad làthair, thèid esan a‑steach an sin. Thoir misneach dha, oir bheir e air Israel a shealbhachadh. 39 Agus ur leanabanan, a thubhairt sibh gum biodh iad nan creich, agus ur clann, aig nach robh anns an là ud eòlas air math seach olc, thèid iadsan a‑steach an sin, agus dhaibhsan bheir mi e, agus sealbhaichidh iad e. 40 Ach air ur son‐se, tillibh, agus gabhaibh ur turas don fhàsach, air slighe na mara ruaidhe. 41 An sin fhreagair sibh agus thubhairt sibh rium, Pheacaich sinn an aghaidh an Tighearna, thèid sinn suas agus cogaidh sinn, a rèir nan uile nithean a dh’àithn an Tighearna ar Dia dhuinn. Agus chrioslaich sibh oirbh gach fear agaibh a airm‐chogaidh, agus bha sibh ullamh gu dol suas don t‑sliabh. 42 Agus thubhairt an Tighearna rium, Abair riu, Na rachaibh suas, agus na cogaibh, oir chan eil mise nur measg; air eagal gum buailear sibh an làthair ur naimhdean. 43 Mar seo labhair mi ribh, agus chan èisdeadh sibh, ach rinn sibh ceannairc an aghaidh àithne an Tighearna; agus chaidh sibh gu h‑an‑dàna suas don t‑sliabh. 44 Agus thàinig na h‑Amoraich, a bha a chòmhnaidh anns an t‑sliabh sin, a‑mach nur n‑aghaidh, agus ruaig iad sibh mar a nì beachan, agus chuir iad as dhuibh ann an Seir, eadhon gu Hormah. 45 Agus thill sibh, agus ghuil sibh an làthair an Tighearna; ach chan èisdeadh an Tighearna ri ur guth, agus cha tugadh e cluas dhuibh. 46 Mar sin dh’fhan sibh ann an Cadeis mòran làithean, a rèir nan làithean a dh’fhan sibh an sin. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society