Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Dàn Sholaimh 5 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Mhosgail an eaglais nuair a ghairm Crìosd: 2 A gràdh don Tighearna. 9 Tha Crìosd maiseach agus sònraichte am measg dheich mìle.

1 Tha mi air teachd dom lios, a phiuthar, a chèile; thionail mi mo mhirr maille rim spìosraidh; dh’ith mi mo chìr‐mheala maille rim mhil; dh’òl mi m’fhìon maille rim bhainne. Ithibh, a chàirdean, òlaibh, seadh, òlaibh gu pailt, a luchd mo ghràidh.

2 Tha mi am chadal, ach tha mo chridhe na fhaireachadh. Guth fir mo ghràidh a’ bualadh! Fosgail dhomh, mo phiuthar, mo bhanacharaid, mo chalaman, mo bhean choileanta; oir tha mo cheann còmhdaichte le drùchd, mo chiabhan le braoin na h‑oidhche.

3 Chuir mi dhìom mo thrusgan; cionnas a chuireas mi orm e? Dh’ionnlaid mi mo chasan; cionnas a shalaicheas mi iad?

4 Chuir fear mo ghràidh a làmh tro tholl an dorais, agus ghluaiseadh m’innigh air a shon.

5 Dh’èirich mi a dh’fhosgladh do fhear mo ghràidh; agus shil mo làmhan mirr, agus mo mheòir mirr ruithteach, air làmhan na glaise.

6 Dh’fhosgail mi do fhear mo ghràidh; ach thionndaidh fear mo ghràidh, agus dh’imich e roimhe. Thrèig m’anam mi nuair a labhair e. Dh’iarr mi e, ach cha d’fhuair mi e; ghairm mi air, ach cha do fhreagair e mi.

7 Fhuair an luchd‐faire a bha a’ dol air an cuairtean anns a’ bhaile mi; bhuail iad mi, lot iad mi; thug luchd‐coimhead nam balla m’fhallaing dhìom.

8 Cuiream mar fhiachaibh oirbh, a nigheanan Ierusaleim, ma gheibh sibh fear mo ghràidh, gun innis sibh dha mar a tha mi tinn le gràdh.

9 Ciod e fear do ghràidh‐sa thar fear‐ghràidh eile, O thusa as àillidh am measg bhan? Ciod e fear do ghràidh‐sa thar fear‐ghràidh eile, gun do chuir thu air an dòigh seo mar fhiachaibh oirnn?

10 Tha fear mo ghràidh‐sa geal agus dearg, sònraichte am measg deich mìle.

11 Tha a cheann mar an t‑òr as glaine; a chiabhan bachlagach, dubh mar am fitheach.

12 Tha a shùilean mar shùilean chalaman làimh ri sruthan uisgeachan, a nigheas iad fhèin ann am bainne, air an suidheachadh gu ceart.

13 Tha a ghruaidhean mar leabaidh spìosraidh, mar bhlàthan cùbhraidh; a bhilean mar lilidhean a’ sileadh mirr ruithtich.

14 Tha a làmhan mar fhàinnean òir suidhichte le berilean; a chom mar fhiacail elephaint lìomhte, air a cur thairis le saphirean.

15 Tha a chasan mar phuist marmoir, suidhichte air bonnan den òr as glaine; a choslas mar Lebanon, barraichte mar na seudair.

16 Is ro‑mhilis a bheul; seadh, tha e gu lèir ionmhainn. Is e seo fear mo ghràidh‐sa, agus is e seo mo charaid, a nigheanan Ierusaleim.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan