Daniel 9 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Dh’aidich Daniel peacaidhean an t‑sluaigh an làthair an Tighearna. 16 Ghuidh e airson Ierusaleim. 24 Tha deich agus trì fichead seachdain air an òrdachadh a chrìochnachadh lochdan agus euceirt. 1 Ann an ciad bhliadhna Dhariuis mhic Ahasueruis, de shìol nam Mèdach, a rinneadh na rìgh os cionn rìoghachd nan Caldèanach: 2 Anns a’ chiad bhliadhna de a linn‐san, thuig mise Daniel, le leabhraichean, àireamh nam bliadhnachan mun tàinig facal an Tighearna gu Ieremiah am fàidh gun coileanadh e, deich agus trì‐fichead bliadhna anns am biodh Ierusalem na làraichean. 3 Agus chuir mi m’aghaidh ris an Tighearna Dia, ga iarraidh le ùrnaigh agus le athchuinge, le trasg, agus le aodach‐saic, agus le luaithre: 4 Agus rinn mi ùrnaigh ris an Tighearna mo Dhia, agus rinn mi m’aidmheil, agus thubhairt mi, O Thighearna, an Dia mòr, agus uamhasach, a tha a’ cumail coicheangail agus tròcair riùsan a ghràdhaicheas e, agus don dream a choimheadas a àitheantan: 5 Pheacaich sinne, agus chuir sinn an gnìomh euceart, agus rinn sinn gu h‑aingidh, agus bha sinn ceannairceach, eadhon le dealachadh rid àitheantan agus rid bhreitheanais. 6 Cha mhò a dh’èisd sinn rid sheirbhisich na fàidhean, a labhair ann ad ainm‐sa ri ar rìghrean, ri ar n‑uachdarain, agus ri ar n‑athraichean, agus ri uile shluagh an fhearainn. 7 O Thighearna, buinidh fìreantachd dhutsa, ach dhuinne nàire gnùise, mar air an là‑an‑diugh: do mhuinntir Iùdah, agus do luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, agus do Israel uile, am fagas agus am fad as, feadh nan uile dhùthchannan gus an d’fhògair thusa iad airson am peacaidhean a pheacaich iad ann ad aghaidh‐sa. 8 O Thighearna, dhuinne buinidh nàire gnùise, dar rìghrean, dar prionnsachan, agus dar n‑athraichean, a chionn gun do pheacaich sinn ad aghaidh. 9 Don Tighearna ar Dia buinidh tròcairean agus maitheanais, ged a rinn sinne ar‑a‑mach na aghaidh. 10 Cha mhò a thug sinn gèill do ghuth an Tighearna ar Dia, a‑chum gluasad na reachdan a chuir e romhainn le a sheirbhisich na fàidhean. 11 Seadh, bhris Israel uile do reachd, eadhon le dol a thaobh, a‑chum nach tugadh iad gèill dod guth; air an adhbhar sin tha am mallachd air a dhòrtadh oirnn, agus an truaighe a tha sgrìobhte ann an lagh Mhaois, òglach Dhè, a chionn gun do pheacaich sinn na aghaidh. 12 Agus dhaingnich e a bhriathran a labhair e nar n‑aghaidh, agus an aghaidh ar britheamhan a thug breith oirnn, le dòrainn mhòr a thoirt oirnn; oir fo nèamh uile cha do rinneadh mar a rinneadh air Ierusalem. 13 Mar tha e sgrìobhte ann an lagh Mhaois, tha an t‑olc seo uile air teachd oirnn; gidheadh cha do rinn sinn ar n‑ùrnaigh an làthair an Tighearna ar Dia, a‑chum gum bitheamaid air ar tilleadh o ar n‑euceartan, agus gun tuigeamaid d’fhìrinn. 14 Uime sin rinn Dia faire air an olc, agus thug e oirnn e: oir tha an Tighearna ar Dia ceart na uile obraichean a tha e a’ dèanamh: oir cha tug sinne gèill da ghuth. 15 Agus a‑nis, O Thighearna ar Dia, a thug do shluagh a‑mach à tìr na h‑Eiphit le làimh chumhachdaich, agus a fhuair dhut fhèin cliù, mar air an là‑an‑diugh, pheacaich sinne, rinn sinn gu h‑aingidh. 16 O Thighearna, a rèir d’uile fhìreantachd, guidheam ort, leig led chorraich agus led fheirg tilleadh air falbh od chathair Ierusalem, do shliabh naomh: a chionn, airson ar lochdan, agus airson aingidheachdan ar n‑athraichean, gu bheil Ierusalem agus do shluagh nam masladh do na h‑uile mun cuairt dhuinn. 17 A‑nis, uime sin, O ar Dia, èisd ùrnaigh d’òglaich, agus a athchuinge, agus thoir air do ghnùis dealradh air d’ionad naomh a tha na làraich, air sgàth an Tighearna. 18 O mo Thighearna, crom do chluas agus cluinn; fosgail do shùilean, agus faic ar fàsachadh, agus a’ chathair a tha air a gairm air d’ainm: oir chan eil sinn a’ taisbeanadh ar n‑athchuingean ad làthair airson ar n‑ionracais, ach airson do mhòr‐thròcair fhèin. 19 O Thighearna, èisd; O Thighearna, maith; O Thighearna, cluinn agus dèan; na dèan moille, air do shon fhèin, O mo Dhia: oir tha do chathair agus do shluagh air an gairm air d’ainm. 20 Agus am feadh a bha mi a’ labhairt, agus ri ùrnaigh, agus ag aideachadh mo lochdan, agus lochdan mo shluaigh Israeil, agus a’ taisbeanadh m’athchuinge an làthair an Tighearna mo Dhia, airson sliabh naomh mo Dhè: 21 Seadh, am feadh a bha mi a’ labhairt ann an ùrnaigh, an neach ceudna a chunnaic mi anns an aisling air tùs, Gabriel air an tugadh itealaich gu luath, bhean e rium, mu àm na h‑ìobairt‐fheasgair: 22 Agus thug e fios dhomh, agus labhair e rium, agus thubhairt e, O Dhanieil, tha mise a‑nis air teachd a‑mach a thoirt dhut gliocais agus tuigse. 23 Aig toiseach d’athchuinge thàinig an àithne a‑mach, agus thàinig mise a dh’fheuchainn dhut: oir tha thu air do ghràdhachadh gu ro‑mhòr: uime sin, tuig a’ chùis, agus thoir fa‑near an aisling. 24 Tha deich agus trì‐fichead seachdain air an òrdachadh air do shluagh, agus air a’ chathair naoimh, a chrìochnachadh euceirt, agus a chur crìch air lochdan, agus a dhèanamh rèite airson aingidheachd, agus a thoirt a‑steach fìreantachd shìorraidh, agus a sheulachadh suas na h‑aisling agus na fàistneachd, agus a dh’ungadh an Tì as ro‑naoimhe. 25 Aithnich uime sin agus tuig, o dhol a‑mach na h‑àithne, gu Ierusalem aiseag agus a thogail suas, gu Mesiah am Prionnsa, gum bi seachd seachdainean, agus trì‐fichead agus dà sheachdain: togar an t‑sràid a‑rìs agus am balla, eadhon ann an aimsirean carraideach. 26 Agus an ceann nan trì‐fichead agus dà sheachdain, gearrar Mesiah as, ach chan ann air a shon fhèin: agus sgriosaidh sluagh a’ phrionnsa a thig a’ chathair, agus an naomh‐ionad; agus bidh a chrìoch sin le tuil, agus gu deireadh a’ chogaidh tha lèirsgrios air òrdachadh. 27 Agus daingnichidh esan an coicheangal ri mòran car aon seachdain: agus ann am meadhon na seachdain bheir e air an ìobairt agus air an tabhartas sgur; agus anns an teampall bidh gràinealachd an lèirsgrios, gus an coileanar an sgrios a dh’òrdaicheadh air a làraich fhàsail. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society