Daniel 8 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Taisbeanadh Dhanieil mu thimcheall an reithe agus a’ bhuic‐ghaibhre. 15 Thug Gabriel comhfhurtachd do Dhaniel. 19 agus dh’innis e dha brìgh an taisbeanaidh. 1 Anns an treas bliadhna de linn rìgh Bhelsasair, chunnacas aisling leamsa, leamsa Daniel, an dèidh na h‑aislinge sin a chunnacas leam an toiseach. 2 Agus chunnaic mi ann an aisling (agus thàrladh nuair a chunnaic mi, gu robh mi ann an Susan, an lùchairt, a tha ann am mòr‐roinn Elaim), agus chunnaic mi ann an aisling, agus bha mi aig abhainn Ulai. 3 An sin thog mi suas mo shùilean, agus chunnaic mi, agus feuch, sheas, fa chomhair na h‑aibhne, reithe aig an robh dà adhairc; agus bha an dà adhairc àrd; ach aon na b’àirde na an aon eile; agus thàinig an aon a b’àirde a‑nìos mu dheireadh. 4 Chunnaic mi an reithe a’ purradh le a adhaircean an iar, agus mu thuath, agus mu dheas; air chor is nach faodadh beathach air bith seasamh fa chomhair, cha mhò a bha neach ann a b’urrainn saoradh as a làimh, ach rinn e a rèir a thoile, agus dh’fhàs e mòr. 5 Agus am feadh a bha mi a’ beachdachadh, feuch, thàinig boc‐goibhre on àird an iar, air aghaidh na talmhainn uile, agus cha do bhean e don làr: agus bha adharc shònraichte aig a’ bhoc eadar a shùilean. 6 Agus thàinig e a‑chum an reithe aig an robh dà adhairc, a chunnaic mi na sheasamh fa chomhair na h‑aibhne, agus ruith e da ionnsaigh ann an cuthach a threise. 7 Agus chunnaic mi e a’ teachd teann air an reithe, agus dhùisg a fhearg na aghaidh, agus bhuail e an reithe, agus bhris e a dhà adhairc; agus cha robh cumhachd air bith aig an reithe gu seasamh roimhe, ach thilg e sìos a‑chum an làir e, agus shaltair e air: agus cha robh neach air bith a b’urrainn an reithe a thèarnadh as a làimh. 8 Air an adhbhar sin dh’fhàs am boc‐goibhre ro‑mhòr: agus nuair a bha e làidir, chaidh an adharc mhòr a bhriseadh; agus na h‑àite thàinig a‑nìos ceithir adhaircean sònraichte, ri ceithir gaothan nèimh. 9 Agus a‑mach as aon dhiubh thàinig adharc bheag, a dh’fhàs anabarrach mòr, ris an àird a deas, agus ris an àird an ear, agus ris an tìr thaitnich. 10 Agus dh’fhàs i mòr gu ruig feachd nèimh, agus thilg i sìos cuid den fheachd agus de na reultan a‑chum an làir, agus shaltair i orra. 11 Seadh, rinn i uaill aisde fhèin an aghaidh prionnsa an fheachd, agus leatha thugadh air falbh an ìobairt làitheil, agus bha àite a naomh‐ionaid air a thilgeadh sìos. 12 Agus thugadh feachd dhi an aghaidh na h‑ìobairt làitheil do bhrìgh euceirt, agus thilg i sìos an fhìrinn a‑chum an làir; agus dhealbh i innleachdan, agus shoirbhich i. 13 An sin chuala mi aon naomh a’ labhairt, agus thubhairt naomh eile ris an naomh àraidh sin a labhair, Cia fhad a bhios an aisling mu thimcheall na h‑ìobairt làitheil, agus a bheirear thairis euceart gu milleadh, agus a bhios an naomh‐ionad agus am feachd air an saltairt fo chois? 14 Agus thubhairt e rium, Gu dà mhìle agus trì cheud là: an sin glanar an naomh‐ionad. 15 Agus thàrladh nuair a chunnaic mise, mise Daniel, an sealladh, agus a dh’iarr mi airson na brìgh, an sin feuch, sheas fam chomhair amhail coslas duine. 16 Agus chuala mi guth duine eadar bruachan Ulai, a ghlaodh, agus a thubhairt, A Ghabrieil; thoir air an fhear seo an sealladh a thuigsinn. 17 Agus thàinig e dlùth don àite anns an do sheas mi: agus nuair a thàinig e, bha eagal orm, agus thuit mi air m’aghaidh: ach thubhairt e rium, Tuig, O mhic an duine, oir anns an aimsir dheireannaich bidh an sealladh. 18 A‑nis, am feadh a bha e a’ labhairt rium, bha mi ann an cadal trom, air m’aghaidh ris an talamh: ach bhean e dhomh, agus chuir e suas gu dìreach mi. 19 Agus thubhairt e, Feuch, bheir mise fios dhut ciod a thachras ann an crìch dheireannaich na dian‐fheirge: oir anns an àm a shònraicheadh thig a’ chrìoch. 20 An reithe a chunnaic thu, aig an robh dà adhairc, is iad sin rìghrean Mhedia agus Phersia. 21 Agus a’ ghobhar ribeach is e sin rìgh na Grèige; agus an adharc mhòr a tha eadar a shùilean, is e sin a’ chiad rìgh. 22 A‑nis, air dha sin briseadh, mar a sheas ceithir suas na àite, seasaidh ceithir rìoghachdan suas as a’ chinneach, ach chan ann na neart‐san. 23 Agus ann an aimsir dheireannaich an rìoghachd, nuair a bhios luchd an easaontais air an coileanadh, seasaidh suas rìgh aig am bi aghaidh bhorb, agus a thuigeas briathran dorcha. 24 Agus bidh a neart cumhachdach, ach chan ann le a threise fhèin: agus sgriosaidh e gu h‑iongantach, agus soirbhichidh leis, agus bheir e gu crìch, agus millidh e na cumhachdaich agus an sluagh naomh. 25 Agus le a sheòltachd fòs bheir e air ceilg soirbheachadh na làimh; agus nì e uaill as fhèin na chridhe, agus le foill sgriosaidh e mòran: seasaidh e fòs suas an aghaidh Prionnsa nam prionnsachan, ach brisear e as eugmhais làimhe. 26 Agus tha aisling nan làithean, a chaidh innse, fìor: air an adhbhar sin druid thusa suas an sealladh, oir bidh e an ceann mòran làithean. 27 Agus ormsa Daniel thàinig fàiling, agus bha mi tinn car làithean àraidh; na dhèidh sin, dh’èirich mi suas, agus rinn mi gnothaichean an rìgh; agus bha uamhas orm mun aisling, ged nach tug aon neach sin fa‑near. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society