Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Colosianach 4 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Chuir Pòl impidh air na Colosianaich a bhith dùrachdach ann an ùrnaigh, 5 agus gluasad gu glic a‑thaobh na muinntir sin nach eil fhathast air teachd a‑chum fìor eòlais Chrìosd. 10 Chuir e fàilte orra, agus ghuidh e gach uile ghnè shoirbheachaidh dhaibh.

1 A mhaighistirean, thugaibh dur seirbhisich an nì sin a tha ceart agus cothromach, air dhuibh fios a bhith agaibh gu bheil agaibh fhèin maighistir mar an ceudna air nèamh.

2 Buanaichibh ann an ùrnaigh, a’ dèanamh faire innte le breith‐buidheachais;

3 Ag ùrnaigh mar an ceudna air ar son‐ne, a‑chum gum fosgladh Dia dhuinn doras na h‑ùr‑labhraidh, a chur an cèill rùn‐diamhair Chrìosd, airson a bheil mise ann an cuibhrichean:

4 A‑chum gum foillsich mi e, mar as còir dhomh labhairt.

5 Gluaisibh ann an gliocas a‑thaobh na dream sin a tha an leth a‑muigh, ag ath‐cheannach na h‑aimsir.

6 Biodh ur còmhradh a‑ghnàth ann an gràs, air a dhèanamh blasda le salann, a‑chum gum bi fhios agaibh cionnas as còir dhuibh gach neach a fhreagairt.

7 Foillsichidh Tichicus, bràthair gràdhach, agus ministear dìleas, agus co‑sheirbhiseach anns an Tighearna, gach nì dhuibh mum thimcheall‐sa:

8 Neach a chuir mi dur n‑ionnsaigh a‑chum na crìche seo fhèin, gum biodh fios ur staid‐se aige, agus gun tugadh e comhfhurtachd dur cridheachan;

9 Maille ri Onesimus, bràthair dìleas agus gràdhach, a tha dhibh fhèin. Nì iad aithnichte dhuibh na h‑uile nithean a tha an seo.

10 Tha Aristarchus mo cho‐phrìosanach a’ cur fàilte oirbh, agus Marcus, mac peathar do Bharnabas (mun d’fhuair sibh àitheantan; ma thig e dur n‑ionnsaigh, gabhaibh ris);

11 Agus Iosa, ris an abrar Iustus, muinntir a tha den timcheall‐ghearradh. Is iad sin a‑mhàin mo cho‐obraichean a‑chum rìoghachd Dhè, a bha nan comhfhurtachd dhomh.

12 Tha Epaphras, a tha dhibh fhèin, seirbhiseach Chrìosd, a’ cur fàilte oirbh, a‑ghnàth a’ dèanamh spàirn dhùrachdaich air ur son ann an ùrnaighean, a‑chum gun seas sibh foirfe agus coileanta, ann an uile thoil Dhè.

13 Oir tha mi a’ dèanamh fianais dha gu bheil aige mòr theas‐ghràdh dhuibhse, agus dhaibhsan a tha ann an Laodicèa, agus don mhuinntir a tha ann an Hierapolis.

14 Tha Lùcas, an lèigh gràdhach, agus Dèmas a’ cur fàilte oirbh.

15 Cuiribh fàilte air na bràithrean a tha ann an Laodicèa, agus air Nimphas, agus air an eaglais a tha na thaigh.

16 Agus nuair a leughar an litir seo nur measg‐se, thugaibh fa‑near gun leughar i ann an eaglais nan Laodicèanach mar an ceudna; agus gun leugh sibhse cuideachd an litir o Laodicèa.

17 Agus abraibh ri Archipas, Thoir an aire don mhinistrealachd a fhuair thu anns an Tighearna, gun coilean thu i.

18 Fàilte uamsa Pòl lem làimh fhèin. Cuimhnichibh mo chuibhrichean. Gràs gu robh maille ribh. Amen.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan