Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Britheamhan 9 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Rinneadh Abimelech na rìgh. 7 Thug Iotam, le cosamhlachd, achmhasan do mhaithean Shecheim, agus ro‑innis e an sgrios.

1 Agus chaidh Abimelech mac Ierubàail do Shechem, gu bràithrean a mhàthar, agus labhair e riu, agus ri teaghlach taigh athair a mhàthar uile, ag ràdh,

2 Labhraibh, guidheam oirbh, ann an cluasan maithean Shecheim uile, Cia dhiubh as fheàrr dhuibh, trì‐fichead agus deichnear fear (eadhon mic Ierubàail uile) a bhith nan uachdarain oirbh, no aon fhear a bhith na uachdaran oirbh? Cuimhnichibh mar an ceudna gur mise ur cnàimh agus ur feòil.

3 Agus labhair bràithrean a mhàthar uime ann an cluasan maithean Shecheim uile na briathran sin uile: agus dh’aom an cridheachan an dèidh Abimeleich; oir thubhairt iad, Is e ar bràthair e.

4 Agus thug iad dha trì‐fichead agus deich buinn airgid à taigh Bhàail‐bherit, leis an do thuarasdalaich Abimelech daoine faoine agus aotrom, a lean e.

5 Agus chaidh e gu taigh a athar ann an Ophrah, agus mharbh e a bhràithrean, mic Ierubàail, eadhon deichnear agus trì‐fichead fear, air aon chloich: gidheadh, dh’fhàgadh Iotam, am mac a b’òige aig Ierubàal; oir dh’fhalaich e e fhèin.

6 Agus chruinnich maithean Shecheim uile ri chèile, agus taigh Mhilo uile, agus chaidh iad agus rinn iad Abimelech na rìgh, làimh ri còmhnard a’ charraigh a bha ann an Sechem.

7 Agus nuair a dh’innis iad seo do Iotam, chaidh e agus sheas e air mullach sliabh Gheridsim, agus thog e suas a ghuth, agus ghlaodh e, agus thubhairt e riu, Eisdibh riumsa, sibhse a mhaithean Shecheim, a‑chum gun èisd Dia ribhse.

8 Chaidh na craobhan a‑mach air àm àraidh a dh’ungadh rìgh os an cionn fhèin, agus thubhairt iad ris a’ chrann‐ola, Bi‑sa ad rìgh oirnn.

9 Ach thubhairt an crann‐ola riu, Am fàgainn‐sa mo reamhrachd, leis a bheil iad leamsa a’ toirt urraim do Dhia agus do dhuine, agus an rachainn gu bhith air m’àrdachadh os cionn nan craobh?

10 Agus thubhairt na craobhan ris a’ chrann‐fhìge, Thig‐sa agus bi ad rìgh oirnn.

11 Ach thubhairt an crann‐fìge riu, Am fàgainn‐sa mo mhìlseachd, agus mo dheagh mheas, agus an rachainn gu bhith air m’àrdachadh os cionn nan craobh?

12 Agus thubhairt na craobhan ris an fhìonain, Thig‐sa, agus bi ad rìgh oirnn.

13 Agus thubhairt an fhìonain riu, Am fàgainn‐sa m’fhìon, a tha a’ toirt subhachais do Dhia agus do dhuine, agus an rachainn gu bhith air m’àrdachadh os cionn nan craobh?

14 An sin thubhairt na craobhan uile ris an dris, Thig‐sa, agus bi ad rìgh oirnn.

15 Agus thubhairt an dris ris na craobhan, Mas e is da‑rìribh gun ung sibh mise am rìgh oirbh, thigibh, cuiribh ur dòchas am sgàil‐sa: agus mura dèan sibh seo, thigeadh teine a‑mach as an dris, agus loisgeadh e seudair Lebanoin.

16 A‑nis uime sin, ma rinn sibh gu fìrinneach agus gu treibhdhireach nuair a rinn sibh Abimelech na rìgh, agus ma bhuin sibh gu math ri Ierubàal agus ra thaigh, agus ma rinn sibh ris a rèir toillteanas a làmh:

17 (Oir chog m’athair‐sa air ur son, agus chuir e a anam ann an cunnart mòr, agus shaor e sibh a làimh Mhidiain;

18 Agus tha sibh air èirigh suas an aghaidh taigh m’athar‐sa an‑diugh, agus mharbh sibh a mhic, trì‐fichead agus deichnear fear, air aon chloich, agus rinn sibh Abimelech, mac a bhan‐oglaich, na rìgh os cionn maithean Shecheim, a chionn gur e ur bràthair e:)

19 Uime sin, ma bhuin sibh gu fìrinneach agus gu treibhdhireach ri Ierubàal agus ra thaigh an‑diugh, dèanaibh gàirdeachas ann an Abimelech, agus dèanadh esan mar an ceudna gàirdeachas annaibh‐se:

20 Ach mura do rinn sibh mar sin, thigeadh teine a‑mach o Abimelech, agus loisgeadh e maithean Shecheim, agus taigh Mhilo; agus thigeadh teine a‑mach o mhaithean Shecheim, agus o thaigh Mhilo, agus loisgeadh e Abimelech.

21 Agus ruith Iotam air falbh, agus theich e, agus chaidh e gu Beer, agus ghabh e còmhnaidh an sin, air eagal Abimeleich, a bhràthair.

22 Agus rìghich Abimelech trì bliadhna air Israel.

23 Agus chuir Dia droch spiorad eadar Abimelech agus maithean Shecheim; agus bhuin maithean Shecheim gu fealltach ri Abimelech:

24 A‑chum gun tigeadh an t‑ainneart a rinneadh air deichnear agus trì‐fichead mac Ierubàail, agus gun laigheadh am fuil air Abimelech am bràthair, a mharbh iad; agus air maithean Shecheim, a neartaich a làmhan ann am marbhadh a bhràithrean.

25 Agus chuir maithean Shecheim luchd feall‐fhalaich air a shon air mullaichean nam beann, agus rinn iad reubainn air gach neach a chaidh seachad orra anns an t‑slighe sin: agus dh’innseadh sin do Abimelech.

26 Agus thàinig Gaal mac Ebeid agus a bhràithrean, agus chaidh iad thairis gu Sechem; agus chuir maithean Shecheim an dòchas ann.

27 Agus chaidh iad a‑mach don fhearann, agus chruinnich iad toradh am fìonliosan, agus bhrùth iad na fìon‐dhearcan, agus rinn iad gàirdeachas, agus chaidh iad a‑steach do thaigh an diathan, agus dh’ith agus dh’òl iad, agus mhallaich iad Abimelech.

28 Agus thubhairt Gaal mac Ebeid, Cò e Abimelech, agus cò e Sechem, gun dèanamaid‐ne seirbhis dha? Nach e mac Ierubàail e, agus Sebul, ceannard a shlòigh? Dèanaibh seirbhis do dhaoine Hamoir, athair Shecheim; oir carson a dhèanamaid seirbhis dhàsan?

29 Agus b’e mo ghuidhe gun tugte an sluagh seo dom làimh‐sa! An sin dh’atharraichinn Abimelech. Agus thubhairt e ri Abimelech, Meudaich d’armailt, agus thig a‑mach.

30 Agus nuair a chuala Sebul, uachdaran a’ bhaile, briathran Ghaail mhic Ebeid, las a chorraich.

31 Agus chuir e teachdairean gu Abimelech os ìosal, ag ràdh, Feuch, thàinig Gaal mac Ebeid, agus a bhràithrean, do Shechem; agus, feuch, tha iad a’ teannachadh a’ bhaile ad aghaidh.

32 A‑nis uime sin, èirich suas anns an oidhche, thu fhèin agus an sluagh a tha maille riut, agus dèan feall‐fhalach anns an fhearann:

33 Agus anns a’ mhadainn mu èirigh na grèine, èiridh tu gu moch, agus bheir thu ionnsaigh air a’ bhaile: agus, feuch, nuair a thig e fhèin agus an sluagh a tha maille ris a‑mach ad aghaidh, an sin nì thu orra mar a bhios ad chomas.

34 Agus dh’èirich Abimelech suas, agus an sluagh uile a bha maille ris, anns an oidhche, agus rinn iad feall‐fhalach an aghaidh Shecheim, nan ceithir cuideachdan.

35 Agus chaidh Gaal mac Ebeid a‑mach, agus sheas e ann an dol a‑steach geata a’ bhaile. Agus dh’èirich Abimelech, agus an sluagh a bha maille ris, on fheall‐fhalach.

36 Agus nuair a chunnaic Gaal an sluagh, thubhairt e ri Sebul, Feuch, tha sluagh a’ teachd a‑nuas o mhullach nam beann. Agus thubhairt Sebul ris, Tha thu a’ faicinn sgàil nam beann mar dhaoine.

37 Agus labhair Gaal a‑rìs, agus thubhairt e, Feuch, tha sluagh a’ teachd a‑nuas o mheadhon na tìre, agus tha cuideachd eile a’ teachd air an aghaidh rathad còmhnard Mhehonenim.

38 An sin thubhairt Sebul ris, Càit a‑nis a bheil do bheul, leis an dubhairt thu, Cò e Abimelech gun dèanamaid seirbhis dha? Nach e seo an sluagh air an do rinn thu tàir? Falbh a‑mach, guidheam ort a‑nis, agus cog riu.

39 Agus chaidh Gaal a‑mach ro mhaithean Shecheim, agus chog e ri Abimelech.

40 Agus chuir Abimelech an ruaig air, agus theich e roimhe; agus thuit mòran a chaidh a leònadh, eadhon gu ruig dol a‑steach a’ gheata.

41 Agus ghabh Abimelech còmhnaidh ann an Arumah: agus dh’fhuadaich Sebul a‑mach Gaal agus a bhràithrean, a‑chum nach gabhadh iad còmhnaidh ann an Sechem.

42 Agus air an là màireach chaidh an sluagh a‑mach don mhachair; agus dh’innis iad sin do Abimelech.

43 Agus ghabh e an sluagh, agus roinn e iad nan trì cuideachdan, agus rinn e feall‐fhalach anns a’ mhachair, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha an sluagh air dol a‑mach as a’ bhaile; agus dh’èirich e nan aghaidh, agus bhuail e iad.

44 Agus thug Abimelech agus a’ chuideachd a bha maille ris ionnsaigh, agus sheas iad ann an dol a‑steach geata a’ bhaile; agus thug an dà chuideachd eile ionnsaigh orrasan uile a bha anns a’ mhachair, agus bhuail iad iad.

45 Agus chog Abimelech an aghaidh a’ bhaile rè an là sin: agus ghlac e am baile, agus mharbh e an sluagh a bha ann, agus leag e sìos am baile, agus chuir e le salann e.

46 Agus nuair a chuala uile mhuinntir tùr Shecheim sin, chaidh iad a‑steach do dhaingneach taigh an dè, Berit.

47 Agus dh’innseadh do Abimelech gu robh uile mhuinntir tùr Shecheim air cruinneachadh ri chèile.

48 Agus chaidh Abimelech suas gu sliabh Shalmoin, e fhèin agus an sluagh uile a bha maille ris; agus ghlac Abimelech tuagh na làimh, agus gheàrr e sìos geug o na craobhan, agus ghabh e i, agus chuir e air a ghualainn i, agus thubhairt e ris an t‑sluagh a bha maille ris, An nì a chunnaic sibh mise a’ dèanamh, greasaibh, dèanaibh mar a rinn mise.

49 Agus gheàrr mar an ceudna an sluagh uile sìos gach duine a gheug, agus lean iad Abimelech, agus chuir iad ris an daingneach iad, agus chuir iad an daingneach ri theine orra: mar sin fhuair daoine tùr Shecheim bàs uile mar an ceudna, mu thimcheall mìle fear agus bean.

50 An sin chaidh Abimelech gu Tebes, agus champaich e an aghaidh Thebeis, agus ghlac e e.

51 Ach bha tùr làidir ann am meadhon a’ bhaile, agus gu sin theich na fir agus na mnathan uile, agus muinntir a’ bhaile uile, agus dhùin iad orra fhèin e, agus chaidh iad suas air mullach an tùir.

52 Agus thàinig Abimelech gu ruig an tùr, agus chog e na aghaidh, agus dhlùthaich e ri doras an tùir a‑chum a losgadh le teine.

53 Agus thilg bean àraidh mìr de chloich‐mhuillinn air ceann Abimeleich, agus bhris i a chlaigeann.

54 An sin ghairm e gu luath air an òganach a bha ag iomchar a arm, agus thubhairt e ris, Tarraing do chlaidheamh, agus marbh mi, air eagal gun abair iad umam, Mharbh bean e. Agus shàth an t‑òganach aige troimhe e, agus fhuair e bàs.

55 Agus nuair a chunnaic fir Israeil gun d’fhuair Abimelech bàs, dh’imich iad gach fear da àite fhèin.

56 Agus dhìol Dia olc Abimeleich, a rinn e air a athair, le a thrì‐fichead agus a dheichnear bhràithrean a mharbhadh.

57 Agus uile olc daoine Shecheim dhìol Dia air an ceann fhèin: agus thàinig orra mallachadh Iotaim mhic Ierubàail.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan