Britheamhan 8 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Shìthicheadh fir Ephraim. 11 Ghlacadh Seba agus Salmuna. 33 Iodhal‐adhradh chloinn Israeil. 1 Agus thubhairt fir Ephraim ris, Ciod e an nì seo a rinn thu oirnn, nach do ghairm thu oirnn nuair a chaidh thu a chogadh an aghaidh nam Midianach? Agus throid iad ris gu geur. 2 Agus thubhairt e riu, Ciod a‑nis a rinn mise an coimeas ribhse? Nach fheàrr dìoghlam fìondhearcan Ephraim na fìonfhoghar Abieseir? 3 Thug Dia thairis dur làimh ceannardan Mhidiain, Oreb agus Seeb: agus ciod a b’urrainn mise a dhèanamh an coimeas ribhse? An sin thraogh am fearg ris, nuair a thubhairt e sin. 4 Agus thàinig Gideon gu Iòrdan, agus chaidh e thairis, e fhèin agus an trì cheud fear a bha maille ris, sgìth, gidheadh air an tòir. 5 Agus thubhairt e ri fir Shucoit, Thugaibh, guidheam oirbh, buileannan arain don t‑sluagh a tha gam leantainn; oir tha iad sgìth, agus tha mi air tòir Shèba agus Shalmuna, rìghrean Mhidiain. 6 Agus thubhairt ceannardan Shucoit, A bheil làmhan Shèba agus Shalmuna a‑nis ann ad làimh, gun tugamaid aran dod armailt? 7 Agus thubhairt Gideon, Uime sin nuair a bheir an Tighearna Sèba agus Salmuna thairis dom làimh, an sin reubaidh mi ur feòil le sgitheach an fhàsaich, agus le drisean. 8 Agus chaidh e suas a sin gu Penuel, agus labhair e riùsan air a’ mhodh cheudna: agus fhreagair daoine Phenueil e, mar a fhreagair daoine Shucoit. 9 Agus labhair e cuideachd ri daoine Phenueil, ag ràdh, Nuair a thig mi a‑rìs ann an sìth, brisidh mi sìos an tùr seo. 10 A‑nis bha Sèba agus Salmuna ann an Carcor, agus an slòigh maille riu, mu thimcheall còig‐mìle‐deug fear, an t‑iomlan a dh’fhàgadh de shlòigh clann na h‑àird an ear uile: oir thuit ceud agus fichead mìle fear a tharraing claidheamh. 11 Agus chaidh Gideon suas air slighe na muinntir a tha nan còmhnaidh ann am bùthan, air an làimh an ear de Nobah, agus de Iogbehah, agus bhuail e an sluagh; oir bha an sluagh gun umhail. 12 Agus nuair a theich Sèba agus Salmuna, chaidh e air an tòir, agus ghlac e dà rìgh Mhidiain, Sèba agus Salmuna, agus chuir e geilt air an t‑sluagh uile. 13 Agus thill Gideon mac Iòais on chath ro èirigh na grèine. 14 Agus ghlac e òigfhear de dhaoine Shucoit, agus dh’fhiosraich e dheth: agus sgrìobh e dha ainmean ceannardan Shucoit, agus a sheanairean, trì‐fichead agus seachd‐fir‐dheug. 15 Agus thàinig e gu fir Shucoit, agus thubhairt e, Feuchaibh, Sèba agus Salmuna a thilg sibh orm, ag ràdh, A bheil làmhan Shèba agus Shalmuna a‑nis ad làimh‐sa, gun tugamaid aran dod dhaoine a tha sgìth? 16 Agus ghlac e seanairean a’ bhaile, agus ghabh e sgitheach an fhàsaich agus drisean, agus leò seo reub e fir Shucoit. 17 Agus leag e sìos tùr Phenueil, agus mharbh e fir a’ bhaile. 18 An sin thubhairt e ri Sèba agus ri Salmuna, Ciod a’ ghnè dhaoine a mharbh sibh ann an Tabor? Agus fhreagair iad, Mar tha thusa, is amhail a bha iadsan; gach aon cosmhail ri cloinn rìgh. 19 Agus thubhairt e, B’iad sin mo bhràithrean‐sa, mic mo mhàthar: mar as beò an Tighearna, nan do ghlèidh sibh beò iadsan, cha mharbhainn‐sa sibhse. 20 Agus thubhairt e ri Ieter a chiad‐ghin, Eirich, marbh iad: ach cha do tharraing an t‑òganach a chlaidheamh; oir bha eagal air, a chionn gu robh e fhathast na òganach. 21 An sin thubhairt Sèba agus Salmuna, Eirich fhèin, agus buail oirnn: oir mar an duine, tha a neart. Agus dh’èirich Gideon, agus mharbh e Sèba agus Salmuna, agus thug e leis na h‑usgraichean a bha air amhaichean an càmhal. 22 An sin thubhairt fir Israeil ri Gideon, Bi‑sa ad uachdaran oirnn, thu fhèin, agus do mhac, agus mac do mhic mar an ceudna: oir shaor thu sinn à làimh Mhidiain. 23 Agus thubhairt Gideon riu, Cha bhi mise am uachdaran oirbh, cha mhò a bhios mo mhac na uachdaran oirbh; bidh an Tighearna na uachdaran oirbh. 24 Agus thubhairt Gideon riu, Dh’iarrainn aon athchuinge oirbh, gun tugadh gach duine dhibh cluas‐fhàinnean a chreiche dhomh: (oir bha cluas‐fhàinnean òir aca, a chionn gum b’Ismaelich iad). 25 Agus fhreagair iad, Bheir sinne gu toileach dhut iad. Agus sgaoil iad aodach, agus thilg iad an sin, gach duine cluas‐fhàinnean a chreiche. 26 Agus b’e cudthrom nan cluas‐fhàinnean òir a dh’iarr e mìle agus seachd ceud secel òir, a thuilleadh air usgraichean, agus cluigeinean, agus aodach corcair a bha air rìghrean Mhidiain, agus a thuilleadh air na slabhraidhean a bha air amhaichean an càmhal. 27 Agus rinn Gideon èphod dheth, agus chuir e i na bhaile fhèin, eadhon ann an Ophrah; agus chaidh Israel uile an sin le strìopachas na dèidh; agus rinneadh sin na ribe do Ghideon agus da thaigh. 28 Mar seo chìosnaicheadh Midian ro chloinn Israeil, agus cha do thog iad an ceann tuilleadh: agus bha fois aig an tìr rè dà‑fhichead bliadhna ann an làithean Ghideoin. 29 Agus chaidh Ierubàal mac Iòais, agus ghabh e còmhnaidh na thaigh fhèin. 30 Agus bha aig Gideon deichnear agus trì‐fichead mac a thàinig o a leasraidh fhèin; oir bha mòran bhan aige. 31 Agus a choileabach a bha ann an Sechem, rug ise mar an ceudna mac dha, air an tug e Abimelech mar ainm. 32 Agus fhuair Gideon mac Iòais bàs ann an deagh sheann aois, agus dh’adhlaiceadh e ann an uaigh Iòais, a athair, ann an Ophrah nan Abiesrach. 33 Agus cho luath is a fhuair Gideon bàs, thill clann Israeil a‑rìs, agus chaidh iad le strìopachas an dèidh Bhàalim, agus rinn iad Bàal‐berit na dhia dhaibh fhèin. 34 Agus cha do chuimhnich clann Israeil an Tighearna an Dia, a shaor iad à làimh an naimhdean uile air gach taobh: 35 Cha mhò a nochd iad coibhneas do thaigh Ierubàail, eadhon Gideon, a rèir a’ mhathais sin uile a nochd e do Israel. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society