Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Britheamhan 5 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


Òran Dheborah agus Bharaic.

1 Agus chan Deborah, agus Barac mac Abinoaim, air an là sin, ag ràdh,

2 A chionn gun do ghabh Israel dìoghaltas, a chionn gun do thairg an sluagh iad fhèin gu toileach, molaibh‐se an Tighearna.

3 Eisdibh, a rìghrean; thugaibh aire, a cheannardan: canaidh mise, mise fhèin, don Tighearna; canaidh mi don Tighearna Dia Israeil.

4 A Thighearna, nuair a chaidh thu a‑mach à Seir, nuair a shiubhail thu a‑mach à tìr Edoim, chriothnaich an talamh, agus shil na nèamhan; shil na neòil mar an ceudna uisge.

5 Leagh na slèibhtean o làthair an Tighearna, Sinài sin fhèin o làthair an Tighearna, Dia Israeil.

6 Ann an làithean Shamgair mhic Anait, ann an làithean Iaeil, bha na rathaidean mòra gun tathaich, agus dh’imich an luchd‐turais air rathaidean seachranach.

7 Sguir luchd‐àiteachaidh nam bailtean ann an Israel, sguir iad gus an d’èirich mise Deborah, gus an d’èirich mise am mhàthair ann an Israel.

8 Thagh iad diathan nuadha; an sin bha cogadh anns na geatachan: an robh sgiath no sleagh rim faicinn am measg dà‑fhichead mìle ann an Israel?

9 Tha mo chridhe le uachdarain Israeil, a thairg iad fhèin gu toileach am measg an t‑sluaigh. Beannaichibh an Tighearna.

10 Sibhse a tha a’ marcachd air asail gheala, sibhse a tha nur suidhe am breitheanas, agus a’ siubhal an ròid, labhraibh.

11 Iadsan a tha air an saoradh o fhuaim nam fear‐bogha ann an ionadan tarraing an uisge, an sin aithrisidh iad gnìomharan cothromach an Tighearna, eadhon na gnìomharan cothromach a‑thaobh luchd‐àiteachaidh a bhailtean ann an Israel: an sin thèid sluagh an Tighearna sìos a dh’ionnsaigh nan geatachan.

12 Dùisg, dùisg, a Dheborah; dùisg, dùisg; can òran: èirich, a Bharaic, agus thoir do bhruid ann am braighdeanas, thusa a mhic Abinoaim.

13 An sin thug e airsan a mhaireas tighearnas a bhith aige air na h‑uaislean am measg an t‑sluaigh: thug an Tighearna ormsa tighearnas a bhith agam os cionn nan cumhachdach.

14 A Ephraim bha freumh dhiubh an aghaidh Amaleic; ad dhèidh‐sa, a Bheniàmin, am measg do sluaigh: à Machir thàinig a‑nuas lagh‐thabhairtairean, agus à Sebulun iadsan a làimhsicheas peann an sgrìobhadair.

15 Agus bha ceannardan Isachair le Deborah, eadhon Isachar, agus mar an ceudna Barac: don ghleann chuireadh esan sìos da chois. Airson roinnean Reubein bha smuaintean mòra cridhe.

16 Carson a dh’fhuirich thu am measg cròthan nan caorach, a chluinntinn mèilich nan treud? Airson roinnean Reubein bha smuaintean mòra cridhe.

17 Dh’fhan Gilead an taobh thall de Iòrdan: agus carson a dh’fhuirich Dan ann an longan? Dh’fhan Aseir air tràigh na fairge, agus na bheàrnan ghabh e còmhnaidh.

18 Bu shluagh Sebulun agus Naphtali a chuir an anaman ann an cunnart gu bàs ann an àitean àrda an fhearainn.

19 Thàinig na rìghrean agus chog iad; an sin chog rìghrean Chanàain ann an Taanach làimh ri uisgeachan Mhegido; cha do ghabh iad buannachd air bith airgid.

20 O nèamh chog na reultan; on slighean àrda chog iad an aghaidh Shisera.

21 Sguab sruth Chisoin air falbh iad, an seann sruth sin, sruth Chisoin. O m’anam, shaltair thu sìos neart.

22 An sin bhruthadh iongannan nan each le leumnaich, leumnaich an aona cumhachdaich.

23 Mallaichibh‐se Meros, (thubhairt aingeal an Tighearna); mallaichibh gu mòr a luchd‐àiteachaidh: a chionn nach tàinig iad gu còmhnadh an Tighearna, gu còmhnadh an Tighearna an aghaidh nan cumhachdach.

24 Beannaichte os cionn bhan bidh Iael bean Hebeir, an Ceneach; beannaichte bidh i os cionn bhan anns a’ bhùth.

25 Dh’iarr e uisge, thug i dha bainne; ann an soitheach uasal thug i an làthair ìm.

26 Chuir i a làmh ris an tarraing, a làmh dheas ri òrd an luchd‐obrach: agus leis an òrd bhuail i Sisera; bhuail i a cheann, agus lot i, agus shàth i tro a lethcheann.

27 Aig a casan chrom e, thuit e, laigh e sìos: aig a casan chrom e, thuit e; far an do chrom e, an sin thuit e sìos marbh.

28 A‑mach air uinneig dh’amhairc màthair Shisera, agus ghlaodh i tron chlèith, Carson a tha a charbad cho fada a’ teachd? Carson a tha rothan a charbaid a’ dèanamh moille?

29 Fhreagair a ban‐tighearnan glice i, seadh, thug i freagradh dhi fhèin.

30 Nach d’fhuair iad, nach eil iad a’ roinn na creiche? Maighdeann no dhà do gach fear? Creach iomadh‐dathach do Shisera, creach iomadh‐dathach de obair snàthaide, iomadh‐dathach de obair snàthaide air gach taobh, airson muinealan na muinntir sin a ghlacas a’ chreach?

31 Mar sin rachadh as dod naimhdean uile, a Thighearna; ach biodh iadsan leis an ionmhainn e mar a’ ghrian nuair a thèid i a‑mach na neart. Agus bha fois aig an tìr rè dà‑fhichead bliadhna.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan