Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Britheamhan 3 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Na cinnich a dh’fhàgadh a‑chum clann Israeil a dhearbhadh. 5 Le còmhnaidh a ghabhail nam measg, thairngeadh iad gu olc a dhèanamh ann an sealladh an Tighearna.

1 A‑nis is iad seo na cinnich a dh’fhàg an Tighearna a dhearbhadh Israeil leo; (eadhon a’ mheud de Israel do nach b’aithne cogaidhean Chanàain uile;

2 A‑mhàin a‑chum gum b’aithne do ghinealaichean chloinn Israeil cogadh a theagasg dhaibh, air bheag sam bith dhaibhsan do nach b’aithne a’ bheag dheth roimhe;)

3 Eadhon còig tighearnan nam Philisteach, agus na Canàanaich uile, agus na Sìdonaich, agus na Hibhich a bha a chòmhnaidh ann an sliabh Lebanoin, o shliabh Bhàal‐hermoin gu dol a‑steach Hamait.

4 Agus bha iad gu Israel a dhearbhadh leo, a dh’aithneachadh an èisdeadh iad ri àitheantan an Tighearna, a dh’àithn e dan athraichean le làimh Mhaois.

5 Agus ghabh clann Israeil còmhnaidh am measg nan Canàanach, nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nam Peridseach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach:

6 Agus ghabh iad an nigheanan gu bhith nam mnathan aca, agus thug iad an nigheanan fhèin dam mic‐san; agus rinn iad seirbhis dan diathan.

7 Agus rinn clann Israeil olc ann an sùilean an Tighearna, agus dhìochuimhnich iad an Tighearna an Dia, agus rinn iad seirbhis do Bhàalim, agus do Astarot.

8 Uime sin, las fearg an Tighearna an aghaidh Israeil, agus reic e iad do làimh Chusan‐risataim rìgh Mhesopotamia: agus rinn clann Israeil seirbhis do Chusan‐risataim ochd bliadhna.

9 Agus nuair a ghlaodh clann Israeil ris an Tighearna, thog an Tighearna suas fear‐saoraidh do chloinn Israeil, a shaor iad, eadhon Otniel mac Chenais, bràthair a b’òige Chàleib.

10 Agus bha spiorad an Tighearna air, agus thug e breith air Israel, agus chaidh e a‑mach a chogadh: agus thug an Tighearna thairis da làimh Cusan‐risataim, rìgh Mhesopotamia; agus bhuadhaich a làmh an aghaidh Chusan‐risataim.

11 Agus bha fois aig an tìr rè dà‑fhichead bliadhna: agus fhuair Otniel mac Chenais bàs.

12 Agus rinn clann Israeil olc a‑rìs ann an sùilean an Tighearna: agus neartaich an Tighearna Eglon rìgh Mhòaib an aghaidh Israeil, a chionn gun do rinn iad olc ann an sùilean an Tighearna.

13 Agus chruinnich e da ionnsaigh clann Amoin, agus Amalec, agus chaidh e agus bhuail e Israel, agus shealbhaich iad baile nan craobh‐pailme.

14 Agus rinn clann Israeil seirbhis do Eglon rìgh Mhòaib ochd‐bliadhna‑deug.

15 Ach nuair a ghlaodh clann Israeil ris an Tighearna, thog an Tighearna suas dhaibh fear‐saoraidh, Ehud mac Ghera, Beniàmineach, duine ciotach: agus leis‐san chuir clann Israeil tìodhlac gu Eglon rìgh Mhòaib.

16 Ach rinn Ehud dha fhèin claidheamh, aig an robh dà fhaobhar, làmh‐choille air fad; agus cheangail e e fo a aodach, air a shliasaid dheis.

17 Agus thug e an tìodhlac gu Eglon rìgh Mhòaib: agus bha Eglon na dhuine ro‑reamhar.

18 Agus nuair a chuir e crìoch air an tìodhlac a thoirt seachad, chuir e air falbh an sluagh a ghiùlain an tìodhlac.

19 Ach thill e fhèin a‑rìs o na clach‐shlocan a bha làimh ri Gilgal, agus thubhairt e, Tha gnothach uaigneach agam riut, O a rìgh. Agus thubhairt esan, Bi ad thosd. Agus chaidh iadsan uile a sheas làimh ris a‑mach uaithe.

20 Agus chaidh Ehud a‑steach da ionnsaigh; agus bha e na shuidhe ann an seòmar‐samhraidh, a bha aige dha fhèin a‑mhàin: agus thubhairt Ehud, Tha teachdaireachd agam o Dhia ad ionnsaigh. Agus dh’èirich e suas as a chathair.

21 Agus chuir Ehud a‑mach a làmh chlì, agus thug e an claidheamh o a shliasaid dheis, agus shàth e na bhroinn e.

22 Agus chaidh an dòrn‐chur a‑steach mar an ceudna an dèidh na lainne, agus dhùin an t‑saill air an lainn; oir cha do tharraing e an claidheamh as a bhroinn: agus thàinig an salchar a‑mach.

23 An sin chaidh Ehud a‑mach tron fhor‐dhoras, agus dhùin e dorsan an t‑seòmair air, agus ghlais e iad.

24 Nuair a chaidh e a‑mach, thàinig a sheirbhisich: agus nuair a chunnaic iad, feuch, gu robh dorsan an t‑seòmair glaiste, thubhairt iad, Gu cinnteach tha e a’ còmhdachadh a chas na sheòmar‐samhraidh.

25 Agus dh’fheith iad gus an robh nàire orra: agus, feuch, cha d’fhosgail e dorsan an t‑seòmair; uime sin ghabh iad iuchair, agus dh’fhosgail iad iad: agus, feuch, bha an tighearna air tuiteam sìos marbh air an talamh.

26 Agus chaidh Ehud as, nuair a bha iadsan fo amhluadh; agus chaidh e seachad air na clach‐shlocan, agus chaidh e as gu Seirat.

27 Agus nuair a bha e air teachd, shèid e trompaid ann an sliabh Ephraim, agus chaidh clann Israeil sìos maille ris on t‑sliabh, agus esan romhpa.

28 Agus thubhairt e riu, Leanaibh mise; oir thug an Tighearna ur naimhdean, na Mòabaich, thairis dur làimh. Agus chaidh iad sìos na dhèidh, agus ghlac iad àthan Iòrdain leth ri Mòab, agus cha do leig iad duine thairis.

29 Agus mharbh iad de Mhòab, anns an àm sin, mu thimcheall deich mìle fear, sultmhor uile, agus nan daoine gaisgeil uile: agus cha deachaidh duine air bith as.

30 Mar sin cheannsaicheadh Mòab air an là sin fo làimh Israeil. Agus bha fois aig an tìr ceithir‐fichead bliadhna.

31 Agus na dhèidh‐san bha Samgar mac Anait, a mharbh de na Philistich sia ceud fear le luirg‐iomain dhamh: agus shaor esan Israel mar an ceudna.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan