Britheamhan 19 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Chaidh Lèbhitheach gu Betlehem a thoirt dhachaidh a mhnatha. 16 Thug seann duine aoigheachd dha aig Gibeah. 22 Mhì‐ghnàthaich daoine Ghibeah a choileabach. 1 Agus anns na làithean sin, nuair nach robh rìgh air bith ann an Israel, bha Lèbhitheach àraidh air chuairt air taobh sliabh Ephraim, a ghabh da ionnsaigh coileabach o Bhetlehem Iùdah. 2 Agus rinn a choileabach siùrsachd na aghaidh, agus dh’fhalbh i uaithe gu taigh a h‑athar gu Betlehem Iùdah, agus bha i an sin ceithir mìosan iomlan. 3 Agus dh’èirich a fear, agus chaidh e na dèidh, a‑chum gun labhradh e ra cridhe, agus gun tugadh e air a h‑ais i, agus a òganach maille ris, agus dà asal, agus thug i a‑steach e do thaigh a h‑athar; agus nuair a chunnaic athair na h‑ighinn e, chaidh e le gàirdeachas na choinneamh. 4 Agus ghlèidh a athair‐cèile, athair na h‑ighinn e, agus dh’fhan e maille ris trì làithean: agus dh’ith agus dh’òl iad, agus dh’fhan iad rè na h‑oidhche an sin. 5 Agus air a’ cheathramh là, nuair a dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, dh’èirich esan suas gu imeachd: agus thubhairt athair na h‑ighinn ra chliamhain, Neartaich do chridhe le greim arain, agus na dhèidh sin imichidh sibh. 6 Agus shuidh iad sìos le chèile, agus dh’ith iad cuideachd, agus dh’òl iad: oir thubhairt athair na h‑ighinn ris an duine, Bi toilichte, guidheam ort, agus fan rè na h‑oidhche, agus biodh do chridhe subhach. 7 Agus nuair dh’èirich an duine suas gu imeachd, rinn a athair‐cèile dian‐earail air; uime sin dh’fhan e an sin an oidhche sin a‑rìs. 8 Agus dh’èirich e gu moch anns a’ mhadainn air a’ chòigeamh là gu imeachd: agus thubhairt athair na h‑ighinn, Neartaich do chridhe, guidheam ort. Agus dh’fhan iad gu dèidh a’ mheadhon‐là, agus dh’ith iad le chèile. 9 Agus nuair a dh’èirich an duine suas gu imeachd, e fhèin, agus a choileabach, agus a òganach, thubhairt a athair‐cèile, athair na h‑ighinn ris, Feuch, a‑nis tha an là a’ tarraing gu feasgar; fanaibh, guidheam ort, rè na h‑oidhche: feuch, tha an là a’ dlùthachadh ra chrìch; fan an seo rè na h‑oidhche, agus biodh do chridhe subhach; agus a‑màireach èiridh sibh gu moch a‑chum ur turais, agus thèid thu dhachaigh. 10 Ach cha b’àill leis an duine fantainn an oidhche sin, ach dh’èirich e suas agus dh’imich e, agus thàinig e air aghaidh fa chomhair Iebuis (is e sin Ierusalem): agus bha maille ris dà asal len dìollaidean; bha mar an ceudna a choileabach maille ris. 11 Agus nuair a bha iad làimh ri Iebus, chaitheadh an là gu mòr; agus thubhairt an t‑òganach ra mhaighistir, Thig, guidheam ort, agus tionndaidheamaid a‑steach do bhaile seo nan Iebusach, agus fanamaid rè na h‑oidhche ann. 12 Agus thubhairt a mhaighistir ris, Cha tionndaidh sinn a‑steach an seo gu baile coigrich, nach eil de chloinn Israeil, ach gabhaidh sinn thairis gu Gibeah. 13 Agus thubhairt e ra òganach, Thig, agus tàirngeamaid am fagas do aon de na h‑àitean sin gu fantainn rè na h‑oidhche, ann an Gibeah, no ann an Ramah. 14 Agus ghabh iad thairis, agus dh’imich iad; agus chaidh a’ ghrian sìos orra làimh ri Gibeah, a bhuineas do Bheniàmin. 15 Agus thionndaidh iad a lethtaobh an sin, gu dol a‑steach a dh’fhantainn rè na h‑oidhche ann an Gibeah: agus nuair a chaidh e a‑steach, shuidh e sìos ann an sràid a’ bhaile; oir cha robh duine sam bith a ghabh iad da thaigh gu fantainn rè na h‑oidhche. 16 Agus, feuch, thàinig seann duine o a obair a‑mach as an fhearann mu fheasgar, a bha mar an ceudna o shliabh Ephraim, agus bha e air chuairt ann an Gibeah; ach bu Bheniàminich daoine an àite. 17 Agus nuair a thog e suas a shùilean, chunnaic e duine a bha air thuras ann an sràid a’ bhaile: agus thubhairt an seann duine, Càit a bheil thu a’ dol? Agus cia as a tha thu air teachd? 18 Agus thubhairt e ris, Tha sinn a’gabhail thairis o Bhetlehem Iùdah a dh’ionnsaigh taobh sliabh Ephraim, as a bheil mise: agus chaidh mi do Bhetlehem Iùdah, ach tha mi a‑nis a’ dol gu taigh an Tighearna, agus chan eil duine air bith ann a ghabhas mi da thaigh. 19 Gidheadh, tha an dà chuid fodar agus innlinn ann airson ar n‑asal, agus tha mar an ceudna aran agus fìon ann air mo shon‐sa, agus airson do bhanoglaich, agus airson an òganaich a tha maille rid sheirbhisich: chan eil easbhaidh nì air bith oirnn. 20 Agus thubhairt an seann duine, Sìth gu robh maille riut: gidheadh, biodh d’easbhaidh gu lèir ormsa; a‑mhàin na fan anns an t‑sràid rè na h‑oidhche. 21 Agus thug e a‑steach e da thaigh, agus thug e innlinn do na h‑asail: agus nigh iad an casan, agus dh’ith agus dh’òl iad. 22 Ach nuair a bha iad a’ dèanamh an cridhe subhach, feuch, chuartaich daoine a’ bhaile, daoine a bu mhic do Bhelial, an taigh mun cuairt, agus bhuail iad aig an doras, agus labhair iad ri maighistir an taighe, an seann duine, ag ràdh, Thoir a‑mach an duine a thàinig a dh’ionnsaigh do thaighe, a‑chum gun aithnich sinn e. 23 Agus chaidh an duine, maighistir an taighe, a‑mach dan ionnsaigh, agus thubhairt e riu, Na dèanaibh, mo bhràithrean, na dèanaibh, guidheam oirbh, cho olc; an dèidh don duine seo teachd a dh’ionnsaigh mo thaighe‐sa, na dèanaibh an nì gràineil seo. 24 Feuch, mo nighean, maighdeann, agus a choileabach, iadsan bheir mi a‑mach a‑nis, agus ìslichibh‐se iad, agus dèanaibh riu an nì sin a tha nur sùilean: ach air an duine seo na dèanaibh nì cho gràineil. 25 Ach chan èisdeadh na daoine ris: agus rug an duine air a choileabach, agus thug e a‑mach i dan ionnsaigh; agus dh’aithnich iad i, agus mhì‐ghnàthaich iad i rè na h‑oidhche gu madainn: agus aig briseadh na fàire leig iad air falbh i. 26 Agus thàinig a’ bhean ann an sgarthanaich an là, agus thuit i sìos aig doras taigh an duine, far an robh a tighearna, gus an robh solas ann. 27 Agus dh’èirich a tighearna anns a’ mhadainn, agus dh’fhosgail e doras an taighe, agus chaidh e a‑mach gu imeachd air a shlighe: agus, feuch, bha a’ bhean, a choileabach, air tuiteam sìos aig doras an taighe, agus a làmhan air an stairsnich. 28 Agus thubhairt e rithe, Eirich, agus imicheamaid; ach cha tug i freagradh air bith. Agus ghabh e i air asail, agus dh’èirich an duine suas, agus chaidh e da àite fhèin. 29 Agus nuair a thàinig e da thaigh, ghabh e sgian, agus rug e air a choileabach, agus roinn e i, maille ra cnàmhan, na dà‑mhìr‐dheug, agus chuir e i gu uile chrìochan Israeil. 30 Agus thubhairt gach neach a chunnaic e, Cha do rinneadh agus chan fhacas nì air bith cosmhail ri seo, on là anns an tàinig clann Israeil a‑nìos à tìr na h‑Eiphit gus an là an‑diugh: beachdaichibh air, gabhaibh comhairle, agus labhraibh. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society