Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Britheamhan 18 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Chuir na Danaich còigear fhear a dh’iarraidh oighreachd dhaibh fhèin. 27 Ghlac iad Lais.

1 Anns na làithean sin cha robh rìgh air bith ann an Israel: agus anns na làithean sin dh’iarr treubh nan Danach dhaibh fhèin oighreachd anns an gabhadh iad còmhnaidh; oir gu ruig an là sin cha do thuit an oighreachd uile orra am measg treubhan Israeil.

2 Agus chuir clann Dhain còignear den teaghlach on crìochan, daoine treuna, o Shorah agus o Estaol, a ghabhail beachd air an tìr, agus ga rannsachadh a‑mach; agus thubhairt iad riu, Imichibh, rannsaichibh a‑mach an tìr. Agus thàinig iad gu sliabh Ephraim, gu taigh Mhicah, agus dh’fhan iad an sin rè na h‑oidhche.

3 Nuair a bha iad aig taigh Mhicah, dh’aithnich iad guth an òganaich, an Lèbhitheach; agus thionndaidh iad a‑steach an sin, agus thubhairt iad ris, Cò a thug an seo thu? Agus ciod a tha thu a’ dèanamh an seo? Agus ciod a tha agad an seo?

4 Agus thubhairt esan riu, Mar seo agus mar seo rinn Micah rium, agus thuarasdalaich e mi, agus tha mi aige am shagart.

5 Agus thubhairt iad ris, Iarr comhairle, guidheamaid ort, air Dia, a‑chum gum bi fhios againn an soirbhich leinn nar slighe air a bheil sinn ag imeachd.

6 Agus thubhairt an sagart riu, Imichibh ann an sìth: an làthair an Tighearna tha ur slighe air a bheil sibh ag imeachd.

7 Agus dh’imich an còignear fhear, agus thàinig iad gu Lais, agus chunnaic iad an sluagh a bha ann, a’ gabhail còmhnaidh gun umhail, a rèir gnàth nan Sìdonach, sàmhach agus neo‐umhaileach; agus cha robh uachdaran air bith anns an tìr a chuireadh gu nàire iad ann an nì air bith: oir bha iad fada o na Sìdonaich, agus cha robh gnothach aca ri duine air bith.

8 Agus thàinig iad a dh’ionnsaigh am bràithrean gu Sorah agus Estaol; agus thubhairt am bràithrean riu, Ciod a tha sibh ag ràdh?

9 Agus thubhairt iad, Eiribh agus rachamaid suas nan aghaidh; oir chunnaic sinne an tìr, agus, feuch, tha i ro‑mhath; agus a bheil sibhse nur tàmh? Na bithibh leisg gu imeachd, agus gu dol a‑steach a shealbhachadh na tìre.

10 Nuair a thèid sibh, thig sibh a‑steach a dh’ionnsaigh sluaigh neo‐umhailich, agus do thìr ro‑fharsaing; oir thug Dia thairis dur làimh i; àit anns nach eil uireasbhaidh nì air bith a tha air an talamh.

11 Agus chaidh à sin de theaghlach nan Danach, à Sorah agus à Estaol, sia ceud fear, crioslaichte le innealan cogaidh.

12 Agus chaidh iad suas, agus champaich iad ann an Ciriat‐iearim, ann an Iùdah: uime sin thugadh Mahaneh‐dan mar ainm air an àite sin gu ruig an là‑an‑diugh; feuch, tha e air cùlaibh Chiriat‐iearim.

13 Agus chaidh iad seachad o sin gu sliabh Ephraim, agus thàinig iad gu taigh Mhicah.

14 An sin fhreagair an còignear fhear a chaidh a ghabhail beachd air tìr Lais, agus thubhairt iad rim bràithrean, A bheil fhios agaibh gu bheil anns na taighean sin èphod, agus teraphim, agus dealbh snaidhte, agus dealbh leaghte? A‑nis, matà, smaoinichibh ciod a nì sibh.

15 Agus thionndaidh iad gus a sin, agus thàinig iad gu taigh an òganaich, an Lèbhitheach, eadhon gu taigh Mhicah, agus chuir iad fàilte air.

16 Agus sheas an sia ceud fear crioslaichte le innealan cogaidh, a bha de chloinn Dhain, aig dol a‑steach a’gheata.

17 Agus chaidh an còignear fhear suas a chaidh a ghabhail beachd air an tìr, agus thàinig iad a‑steach an sin, agus ghabh iad an dealbh snaidhte, agus an èphod, agus an teraphim, agus an dealbh leaghte: agus sheas an sagart aig dol a‑steach a’ gheata, agus an sia ceud fear a bha crioslaichte le innealan cogaidh.

18 Agus nuair a chaidh iad sin a‑steach do thaigh Mhicah, agus a ghabh iad an dealbh snaidhte, an èphod, agus an teraphim, agus an dealbh leaghte, an sin thubhairt an sagart riu, Ciod a tha sibh a’ dèanamh?

19 Agus thubhairt iadsan ris, Bi ad thosd, cuir do làmh air do bheul, agus falbh maille rinne, agus bi dhuinn ad athair agus ad shagart: an fheàrr dhut a bhith ad shagart do thaigh aon duine, na thu a bhith ad shagart do threubh agus do theaghlach ann an Israel?

20 Agus bha cridhe an t‑sagairt subhach; agus ghabh e an èphod, agus an teraphim, agus an dealbh snaidhte, agus chaidh e ann am meadhon an t‑sluaigh.

21 Agus thionndaidh iad, agus dh’imich iad, agus chuir iad a’ chlann bheag, agus an sprèidh, agus gach nì luachmhor romhpa.

22 Agus nuair a bha iad astar fada o thaigh Mhicah, chruinnich na fir a bha anns na taighean a bha làimh ri taigh Mhicah iad fhèin an ceann a chèile, agus chaidh iad air tòir chloinn Dhain.

23 Agus ghlaodh iad ri cloinn Dhain; agus thionndaidh iadsan an aghaidh; agus thubhairt iad ri Micah, Ciod a tha a’ teachd riut, gu bheil thu a’ teachd le a leithid seo de chuideachd?

24 Agus thubhairt esan, Mo dhiathan a rinn mi thug sibh leibh, agus an sagart, agus dh’fhalbh sibh romhaibh; agus ciod a tha agamsa tuilleadh? Agus ciod e seo a tha sibh ag ràdh riu, Ciod a tha a’ teachd riut?

25 Agus thubhairt clann Dhain ris, Na cluinnear do ghuth nar measg, air eagal gum buail daoine feargach nan spiorad ort, agus gun caill thu d’anam fhèin, agus anaman do theaghlaich.

26 Agus dh’imich clann Dhain air an slighe; agus nuair a chunnaic Micah gu robh iad tuilleadh is làidir air a shon, thionndaidh e agus thill e da thaigh.

27 Agus ghabh iad na nithean a rinn Micah, agus an sagart a bha aige, agus thàinig iad gu Lais, a dh’ionnsaigh sluaigh a bha sàmhach agus neo‐umhaileach: agus bhuail iad iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus loisg iad am baile le teine.

28 Agus cha robh fear‐saoraidh ann, a chionn gu robh e fada o Shìdon, agus nach robh gnothach aca ri duine sam bith: agus bha e anns a’ ghleann a tha làimh ri Bet‐rehob: agus thog iad baile, agus ghabh iad còmhnaidh ann.

29 Agus thug iad Dan mar ainm air a’ bhaile, a rèir ainm Dhain, an athair, a rugadh do Israel: gidheadh b’e Lais ainm a’ bhaile an toiseach.

30 Agus chuir clann Dhain suas dhaibh fhèin an dealbh snaidhte: agus bha Ionatan mac Ghersoim mhic Mhanaseh, e fhèin agus a mhic, nan sagartan do threubh Dhain, gu ruig là braighdeanas na tìre.

31 Agus chuir iad suas dhaibh fhèin dealbh snaidhte Mhicah, a rinn e, rè na h‑ùine a bha taigh Dhè ann an Siloh.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan