Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Britheamhan 17 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Thug Micah air ais da mhàthair an t‑airgead a ghoideadh, agus rinn i dealbh snaidhte agus dealbh leaghta dheth. 7 Thuarasdalaich Micah Lèbhitheach gu bhith na shagart aige.

1 Agus bha duine de shliabh Ephraim, dom b’ainm Micah.

2 Agus thubhairt e ra mhàthair, Am mìle agus an ceud secel airgid, a thugadh air falbh uat, mun do mhallaich thu, agus mun do labhair thu cuideachd ann am chluasan‐sa, feuch, tha an t‑airgead agamsa; ghabh mise e. Agus thubhairt a mhàthair, Guma beannaichte thusa on Tighearna, a mhic.

3 Agus nuair a thug e air ais am mìle agus an ceud secel airgid da mhàthair, thubhairt a mhàthair, Naomhaich mi gu h‑iomlan an t‑airgead don Tighearna om làimh airson mo mhic, a dhèanamh deilbh shnaidhte, agus deilbh leaghte: a‑nis, matà, bheir mi air ais dhut e.

4 Agus thug e air ais an t‑airgead da mhàthair; agus ghabh a mhàthair dà cheud secel airgid, agus thug i iad don òr‑cheàrd, agus rinn esan dhiubh dealbh snaidhte agus dealbh leaghte: agus bha iad ann an taigh Mhicah.

5 Agus bha aig an duine Micah taigh dhiathan, agus rinn e èphod, agus teraphim, agus choisrig e aon de a mhic, agus bha e aige na shagart.

6 Anns na làithean sin cha robh rìgh air bith ann an Israel: rinn gach fear an nì sin a bha ceart na shùilean fhèin.

7 Agus bha òganach o Bhetlehem Iùdah, de theaghlach Iùdah, a bha na Lèbhitheach, agus bha e air chuairt an sin.

8 Agus dh’imich an duine as a’ bhaile o Bhetlehem Iùdah, a dhol air chuairt far am faigheadh e àite: agus thàinig e gu sliabh Ephraim, gu taigh Mhicah, a’ dol air aghaidh air a thuras.

9 Agus thubhairt Micah ris, Cia as a tha thu air teachd? Agus thubhairt esan ris, Is Lèbhitheach mise o Bhetlehem Iùdah, agus tha mi a’ triall air chuairt far am faigh mi àite.

10 Agus thubhairt Micah ris, Fan maille riumsa, agus bi dhòmhsa ad athair agus ad shagart, agus bheir mi dhut deich secel airgid anns a’ bhliadhna, agus culaidh aodaich, agus do bhiadh. Agus chaidh an Lèbhitheach a‑steach.

11 Agus bha an Lèbhitheach toilichte còmhnaidh a ghabhail maille ris an duine, agus bha an t‑òganach dha mar aon de a mhic.

12 Agus choisrig Micah an Lèbhitheach; agus bha an t‑òganach aige na shagart, agus bha e ann an taigh Mhicah.

13 Agus thubhairt Micah, A‑nis tha fhios agam gun dèan an Tighearna math dhomh, a chionn gu bheil Lèbhitheach agam na shagart.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan