Britheamhan 16 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Thug Samson leis còmhlaichean geata Ghàsa. 4 Mheall Delilah e, 15 agus thugadh buaidh air. 21 Chuir na Philistich a‑mach a shùilean. 1 Agus chaidh Samson gu Gàsa, agus chunnaic e an sin strìopach, agus chaidh e a‑steach da h‑ionnsaigh. 2 Agus dh’innseadh do na Gàsaich, ag ràdh, Thàinig Samson an seo. Agus chuartaich iad e, agus rinn iad feall‐fhalach air a shon rè na h‑oidhche ann an geata a’ bhaile, agus bha iad tosdach rè na h‑oidhche, ag ràdh, Nuair a thig solas na maidne, marbhaidh sinn e. 3 Agus laigh Samson gu meadhon‐oidhche, agus dh’èirich e mu mheadhon‐oidhche, agus ghabh e còmhlaichean geata a’ bhaile, agus an dà phost, agus thug e leis iad maille ris na crainn, agus chuir e air a ghuaillean iad, agus thug e suas iad gu mullach slèibhe a tha fa chomhair Hebroin. 4 Agus na dhèidh sin ghràdhaich e bean ann an gleann Shoreic, dom b’ainm Delilah. 5 Agus chaidh tighearnan nam Philisteach suas da h‑ionnsaigh, agus thubhairt iad rithe, Meall e, agus faic càit a bheil a neart mòr a’ laighe, agus cionnas a bhuadhaicheas sinn air, air chor is gun ceangail sinn e a‑chum a cheannsachadh; agus bheir sinn dhut, gach aon againn, mìle agus ceud bonn airgid. 6 Agus thubhairt Delilah ri Samson, Innis dhomh, guidheam ort, càit a bheil do neart mòr a’ laighe, agus cionnas a dh’fhaodas tu a bhith air do cheangal a‑chum do cheannsachadh. 7 Agus thubhairt Samson rithe, Ma cheanglas iad mi le seachd goid ùra nach do thiormaicheadh, an sin bidh mi anfhann, agus bidh mi mar dhuine eile. 8 An sin thug tighearnan nam Philisteach suas da h‑ionnsaigh seachd goid ùra nach do thiormaicheadh, agus cheangail i e leo. 9 (A‑nis bha daoine ri feall‐fhalach a’ fantainn maille rithe anns an t‑seòmar.) Agus thubhairt i ris, Na Philistich ort, a Shamsoin. Agus bhris e na goid, mar a bhrisear snàthainn ascaird nuair a bheanas e ri teine: agus cha d’fhuaireas fios a neirt. 10 Agus thubhairt Delilah ri Samson, Feuch, mheall thu mi, agus dh’innis thu dhomh breugan: a‑nis innis dhomh, guidheam ort, cionnas a dh’fhaodas tu a bhith air do cheangal. 11 Agus thubhairt esan rithe, Ma cheanglas iad mi gu teann le cùird ùra nach do ghnàthaicheadh riamh, an sin bidh mi anfhann, agus bidh mi mar dhuine eile. 12 Agus ghabh Delilah cùird ùra, agus cheangail i e leo, agus thubhairt i ris, Na Philistich ort, a Shamsoin. (Agus bha luchd feall‐fhalaich a’ fantainn anns an t‑seòmar.) Agus bhris e iad bhàrr a ghàirdeanan mar shnàthainn. 13 Agus thubhairt Delilah ri Samson, Gu ruige seo mheall thu mi, agus dh’innis thu dhomh breugan: innis dhomh cionnas a dh’fhaodas tu a bhith air do cheangal. Agus thubhairt esan rithe, Ma dh’fhigheas tu seachd duail mo chinn maille ris an eige. 14 Agus dhaingnich i iad leis a’ phinne, agus thubhairt i ris, Na Philistich ort, a Shamsoin. Agus mhosgail e as a chadal, agus thug e air falbh leis pinne na garmainn agus an eige. 15 Agus thubhairt ise ris, Cionnas as urrainn thu a ràdh, Tha gràdh agam dhut, nuair nach eil do chridhe leam? Na trì uairean seo mheall thu mi, agus cha d’innis thu dhomh càit a bheil do neart mòr a’ laighe. 16 Agus nuair a chuir i gu teann ris gach aon là le a briathran, agus a cho‐èignich i e, bha a anam air a chràdh gu bàs. 17 An sin dh’innis e dhi a chridhe uile, agus thubhairt e rithe, Ealtainn cha tàinig riamh air mo cheann; oir bu Nàsarach do Dhia mi o bhroinn mo mhàthar: ma bhearrar mi, an sin falbhaidh mo neart uam, agus fàsaidh mi anfhann, agus bidh mi mar gach duine eile. 18 Agus nuair a chunnaic Delilah gun d’innis e dhi a chridhe uile, chuir i fios, agus ghairm i air tighearnan nam Philisteach, ag ràdh, Thigibh a‑nìos an aon uair seo, oir dh’innis e dhomh a chridhe uile. An sin thàinig tighearnan nam Philisteach a‑nìos da h‑ionnsaigh, agus thug iad airgead a‑nìos nan làimh. 19 Agus thug i air cadal air a glùinean; agus ghairm i air fear, agus thug i air seachd duail a chinn a bhearradh dheth; agus thòisich i air a cheannsachadh, agus dh’fhalbh a neart uaithe. 20 Agus thubhairt i, Na Philistich ort, a Shamsoin. Agus mhosgail e as a chadal, agus thubhairt e, Thèid mi a‑mach, mar air uairean eile, agus crathaidh mi mi fhèin: oir cha robh fhios aige gun d’imich an Tighearna uaithe. 21 Ach ghlac na Philistich e, agus chuir iad a‑mach a shùilean; agus thug iad sìos e gu Gàsa, agus cheangail iad e le geimhlean umha, agus bha e a’ bleith ann an taigh a’ phrìosain. 22 Gidheadh thòisich falt a chinn air fàs a‑rìs, an dèidh dha a bhith air a bhearradh. 23 Agus chruinnich tighearnan nam Philisteach iad fhèin an ceann a chèile a dh’ìobradh ìobairt mhòir dan dia Dàgon, agus a dhèanamh gàirdeachais: oir thubhairt iad, Thug ar dia thairis Samson ar nàmhaid dar làimh. 24 Agus nuair a chunnaic an sluagh e, mhol iad an dia: oir thubhairt iad, Thug ar dia thairis dar làimh ar nàmhaid, agus fear‐millidh ar dùthcha, a mharbh mòran dhinn. 25 Agus nuair a bha an cridheachan subhach, thubhairt iad, Gairmibh air Samson, a‑chum gun dèan e fearas‐chuideachd dhuinn. Agus ghairm iad air Samson à taigh a’ phrìosain; agus rinn e fearas‐chuideachd nan làthair: agus chuir iad e eadar na puist. 26 Agus thubhairt Samson ris an òganach a ghabh greim de a làimh, Leig dhomh na puist a làimhseachadh air a bheil an taigh na sheasamh, a‑chum gun leig mi mo thaic riu. 27 A‑nis bha an taigh làn dhaoine agus bhan; agus bha uile thighearnan nam Philisteach an sin: agus bha air mullach an taighe mu thimcheall trì mìle fear agus bean, a bha ag amharc nuair a rinn Samson fearas‐chuideachd. 28 Agus ghairm Samson air an Tighearna, agus thubhairt e, O Thighearna Dhè, cuimhnich orm, guidheam ort, agus neartaich mi, guidheam ort, a‑mhàin an aon uair seo, O Dhè, a‑chum gum bi mi dìolta a dh’aon tarraing air na Philistich airson mo dhà shùl. 29 Agus ghabh Samson greim den dà phost mheadhonach air an robh an taigh na sheasamh, agus ris an robh e an taic, de a h‑aon dhiubh le a làimh dheis, agus den aon eile le a làimh chlì. 30 Agus thubhairt Samson, Faigheam bàs maille ris na Philistich. Agus chrom e e fhèin le a uile neart; agus thuit an taigh air na tighearnan, agus air an t‑sluagh uile a bha ann: agus bha na mairbh a mharbh e aig a bhàs na bu lìonmhoire na iadsan a mharbh e na bheatha. 31 Agus chaidh a bhràithrean agus taigh a athar uile sìos, agus ghabh iad e, agus thug iad suas e, agus dh’adhlaic iad e eadar Sorah agus Estaol, ann an àit‐adhlaic Mhanòah, a athair: agus thug e breith air Israel fichead bliadhna. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society