Britheamhan 15 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Dhiùltadh a bhean do Shamson. 3 Loisg e arbhar nam Philisteach. 9 Cheangladh e le fir Iùdah, agus thugadh thairis e do na Philistich. 14 Mharbh e le cnàimh‐peircill mìle fear. 1 Agus an dèidh làithean àraidh, ann an àm foghar a’ chruithneachd, chaidh Samson a dh’fhaicinn a mhnà le meann de na gobhair; agus thubhairt e, Thèid mi a‑steach a dh’ionnsaigh mo mhnà don t‑seòmar. Ach cha leigeadh a h‑athair leis dol a‑steach. 2 Agus thubhairt a h‑athair, Gu deimhinn shaoil mi gun d’fhuathaich thu gu tur i, agus thug mi i dod chompanach: nach eil a piuthar as òige nas maisiche na i? Bitheadh i a‑nis agad na h‑àite. 3 Agus thubhairt Samson man timcheall, A‑nis bidh mi nas neochiontaiche na na Philistich, ged nì mi olc orra. 4 Agus chaidh Samson, agus ghlac e trì cheud sionnach, agus ghabh e leusan teine, agus thionndaidh e earball ri earball, agus chuir e leus teine anns a’ mheadhon eadar dà earball. 5 Agus nuair a chuir e na leusan ri theine, leig e air falbh iad am measg arbhar nam Philisteach, agus loisg e an dà chuid na h‑adagan agus mar an ceudna an t‑arbhar a bha na sheasamh, maille ris na fìonliosan agus ris na liosan‐ola. 6 An sin thubhairt na Philistich, Cò a rinn seo? Agus dh’innseadh dhaibh, Samson, cliamhainn an Timnataich, a chionn gun do ghabh esan a bhean, agus gun tug e i da chompanach. Agus chaidh na Philistich suas, agus loisg iad i fhèin agus a h‑athair le teine. 7 Agus thubhairt Samson riu, Ged a rinn sibh mar seo, gidheadh dìolaidh mise mi fhèin oirbh, agus na dhèidh sin sguiridh mi. 8 Agus bhuail e iad muin air mhuin le àr mòr: agus chaidh e sìos agus ghabh e còmhnaidh ann an uaimh carraig Etaim. 9 Agus chaidh na Philistich suas, agus champaich iad ann an Iùdah, agus sgaoil iad iad fhèin ann an Lehi. 10 Agus thubhairt fir Iùdah, Carson a thàinig sibh a‑nìos nar n‑aghaidh‐ne? Agus thubhairt iadsan, A cheangal Shamsoin thàinig sinn a‑nìos, a dhèanamh air mar a rinn esan oirnne. 11 Uime sin chaidh trì mìle fear de Iùdah sìos gu uaimh carraig Etaim, agus thubhairt iad ri Samson, Nach eil fhios agad gu bheil na Philistich nan uachdarain oirnne? Agus ciod e seo a rinn thu oirnn? Agus thubhairt esan riu, Mar a rinn iadsan ormsa, mar sin rinn mise orrasan. 12 Agus thubhairt iad ris, A‑chum thusa a cheangal tha sinn air teachd a‑nuas, a‑chum gun toir sinn thairis thu do làimh nam Philisteach. Agus thubhairt Samson riu, Thugaibh ur mionnan dhomh nach tionndaidh sibh fhèin orm. 13 Agus fhreagair iad e, ag ràdh, Cha bhuail: ach ceanglaidh sinn thu gu teann, agus bheir sinn thairis thu dan làimh, ach gu cinnteach cha mharbh sinn thu. Agus cheangail iad e le dà chòrd nodha, agus thug iad a‑nìos e on charraig. 14 Agus nuair a thàinig e gu Lehi, rinn na Philistich iolach a’ dol na choinneamh: agus thàinig spiorad an Tighearna air gu treun, agus dh’fhàs na cùird a bha air a ghàirdeanan mar lìon a loisgeadh le teine, agus dh’fhuasgladh a cheanglaichean bhàrr a làmhan. 15 Agus fhuair e cnàimh‐peircill ùr asail, agus chuir e a‑mach a làmh, agus ghlac e e, agus bhuail e leis mìle fear. 16 Agus thubhairt Samson, Le cnàimh‐peircill asail, dùn air dhùn, le cnàimh‐peircill asail mharbh mi mìle fear. 17 Agus nuair a sguir e de labhairt, thilg e an cnàimh‐peircill as a làimh, agus thug e Ramat‐lehi mar ainm air an àite sin. 18 Agus bha tart mòr air, agus ghairm e air an Tighearna, agus thubhairt e, Thug thu an t‑saorsa mhòr seo do làimh do sheirbhisich: agus a‑nis am faigh mi bàs le tart, agus an tuit mi ann an làimh nan neo‐thimcheall‐gheàrrte? 19 Agus sgoilt Dia lag a bha ann an Lehi, agus thàinig uisge as; agus dh’òl e, agus thàinig a spiorad a‑rìs, agus dh’ath‐bheothaicheadh e: uime sin thug e En‑hacore mar ainm air, a tha ann an Lehi gu ruig an là‑an‑diugh. 20 Agus thug e breith air Israel ann an làithean nam Philisteach fichead bliadhna. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society