Britheamhan 14 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Dh’iarr Samson bean de na Philistich. 10 A chuirm bainnse agus a thoimhseachan. 19 Mharbh e deich thar fhichead Philisteach, agus bhuin e dhiubh an aodach. 20 Thugadh a bhean do fhear eile. 1 Agus chaidh Samson sìos gu Timnat; agus chunnaic e bean ann an Timnat de nigheanan nam Philisteach. 2 Agus thàinig e a‑nìos, agus dh’innis e da athair agus da mhàthair, agus thubhairt e, Chunnaic mi bean ann an Timnat de nigheanan nam Philisteach; agus a‑nis faighibh i dhòmhsa na mnaoi. 3 An sin thubhairt a athair agus a mhàthair ris, Nach eil bean air bith am measg nigheanan do bhràithrean, no am measg mo shluaigh uile, gun rachadh tu a ghabhail mnà de na Philistich neo‐thimcheall‐gheàrrte? Agus thubhairt Samson ra athair, Faigh dhomh i; oir tha i taitneach am shùilean. 4 Ach cha robh fhios aig a athair agus a mhàthair gum b’ann on Tighearna a bha e, gun d’iarr e fàth an aghaidh nam Philisteach: oir anns an àm sin bha uachdaranachd aig na Philistich os cionn Israeil. 5 Uime sin chaidh Samson sìos, agus a athair agus a mhàthair, gu Timnat, agus thàinig iad gu fìonliosan Thimnait; agus, feuch, bha leòmhann òg a’ beucaich na aghaidh. 6 Agus thàinig spiorad an Tighearna air gu treun, agus reub e e mar a reubadh e meann, agus cha robh nì air bith na làimh: ach cha d’innis e da athair no da mhàthair ciod a rinn e. 7 Agus chaidh e sìos agus labhair e ris a’ mhnaoi; agus bha i taitneach ann an sùilean Shamsoin. 8 Agus an dèidh làithean àraidh, thill e a‑chum a gabhail, agus chaidh e a lethtaobh a dh’fhaicinn closach an leòmhainn; agus, feuch, bha sgaoth bheach ann an closaich an leòmhainn, agus mil. 9 Agus ghabh e dhith na làmhan, agus chaidh e air aghaidh ag ithe, agus thàinig e a dh’ionnsaigh a athar agus a mhàthar, agus thug e dhaibh, agus dh’ith iad: ach cha d’innis e dhaibh gum b’ann à closaich an leòmhainn a thug e a’ mhil. 10 Agus chaidh a athair sìos a dh’ionnsaigh na mnà: agus rinn Samson an sin cuirm; oir mar sin bu ghnàth leis na daoine òga a dhèanamh. 11 Agus nuair a chunnaic iad e, thug iad deich‐ar‑fhichead companach gu bhith maille ris. 12 Agus thubhairt Samson riu, Cuiridh mi a‑nis tòimhseachan a‑mach dhuibh: ma chuireas sibh gu cinnteach an cèill dhomh e an taobh a‑staigh de sheachd làithean na cuirme, agus gum faigh sibh a‑mach e, an sin bheir mise dhuibh deich‐ar‑fhichead brat‐lìn, agus deich‐ar‑fhichead culaidh aodaich: 13 Ach mura urrainn sibh a chur an cèill dhomh, an sin bheir sibhse dhòmhsa deich‐ar‑fhichead brat‐lìn, agus deich‐ar‑fhichead culaidh aodaich. Agus thubhairt iad ris, Cuir a‑mach do thòimhseachan, agus gun cluinn sinn e. 14 Agus thubhairt esan riu, As an fhear a dh’itheas thàinig a‑mach biadh, agus as an fhear gharg thàinig a‑mach mìlsead. Agus cha b’urrainn iad an tòimhseachan fhuasgladh ann an trì làithean. 15 Agus air an t‑seachdamh là thubhairt iad ri mnaoi Shamsoin, Meall d’fhear, a‑chum gun innis e dhuinn an tòimhseachan, air eagal gun loisg sinn thu fhèin agus taigh d’athar le teine: an ann gu sealbh a ghabhail anns na bheil againn a ghairm thu oirnn? Nach ann? 16 Agus ghuil bean Shamsoin na fhianais, agus thubhairt i, Tha a‑mhàin fuath agad orm, agus chan eil gràdh agad dhomh: chuir thu a‑mach tòimhseachan do chloinn mo shluaigh, agus cha d’innis thu dhòmhsa e. Agus thubhairt esan rithe, Feuch, cha d’innis mi e dom athair no dom mhàthair, agus an innis mi dhutsa e? 17 Agus ghuil i na làthair rè nan seachd làithean a bha a’ chuirm aca: agus air an t‑seachdamh là dh’innis e dhi, a chionn gun do chuir i gu teann ris: agus dh’innis ise an tòimhseachan do chloinn a sluaigh. 18 Agus thubhairt daoine a’ bhaile ris air an t‑seachdamh là, ro laighe na grèine, Ciod as mìlse na mil, agus ciod as gairge na leòmhann? Agus thubhairt esan riu, Mura biodh sibh air treabhadh lem agh‐sa, chan fhaigheadh sibh a‑mach mo thòimhseachan. 19 Agus thàinig spiorad an Tighearna air gu treun, agus chaidh e sìos gu Ascelon, agus mharbh e dhiubh deich‐ar‑fhichead fear, agus ghabh e am faobh, agus thug e culaidhean aodaich dhaibhsan a dh’fhuasgail an tòimhseachan: agus las a fhearg, agus chaidh e suas gu taigh a athar. 20 Ach thugadh bean Shamsoin da chompanach a bha mar charaid aige. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society