Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Britheamhan 1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Chaidh Iùdah agus Simeon suas a chogadh an aghaidh nan Canàanach. 6 Lean iad, agus ghlac iad Adoni‐besec. 8 Ghlacadh Ierusalem, 10 agus Hebron.

1 A‑nis an dèidh bàs Iosua, dh’fhiosraich clann Israeil den Tighearna, ag ràdh, Cò a thèid suas air ar son an aghaidh nan Canàanach air tùs, a chogadh nan aghaidh?

2 Agus thubhairt an Tighearna, Thèid Iùdah suas: feuch, thug mi an tìr thairis da làimh.

3 Agus thubhairt Iùdah ri Simeon a bhràthair, Thig a‑nìos maille riumsa dom chrannchur, a‑chum gun cog sinn an aghaidh nan Canàanach, agus thèid mise mar an ceudna maille riutsa dod chrannchur‐sa. Agus chaidh Simeon maille ris.

4 Agus chaidh Iùdah suas; agus thug an Tighearna na Canàanaich agus na Peridsich thairis dan làimh: agus mharbh iad dhiubh ann am Besec deich mìle fear.

5 Agus fhuair iad Adoni‐besec ann am Besec; agus chog iad na aghaidh, agus bhuail iad na Canàanaich agus na Peridsich.

6 Ach theich Adoni‐besec, agus lean iad e, agus ghlac iad e, agus gheàrr iad dheth òrdagan a làmh agus a chas.

7 Agus thubhairt Adoni‐besec, Thionail trì‐fichead agus deich rìghrean, aig an robh òrdagan an làmh agus an cas air an gearradh dhiubh, am biadh fom bhòrd‐sa: mar a rinn mi, mar sin dhìol Dia orm. Agus thug iad e gu Ierusalem, agus fhuair e bàs an sin.

8 A‑nis chog clann Iùdah an aghaidh Ierusaleim, agus ghlac iad e, agus bhuail iad e le faobhar a’ chlaidheimh, agus chuir iad am baile ri theine.

9 Agus an dèidh sin, chaidh clann Iùdah sìos a chogadh an aghaidh nan Canàanach, a bha a chòmhnaidh anns a’ mhonadh, agus anns an àird a deas, agus anns a’ chòmhnard.

10 Agus chaidh Iùdah an aghaidh nan Canàanach a bha a chòmhnaidh ann an Hebron, (a‑nis b’e ainm Hebroin roimhe Ciriat‐arba,) agus mharbh iad Sesai, agus Ahiman, agus Talmai.

11 Agus a sin chaidh e an aghaidh luchd‐àiteachaidh Dhebir: (agus b’e ainm Dhebir roimhe Ciriat‐sepher:)

12 Agus thubhairt Càleb, Esan a bhuaileas Ciriat‐sepher, agus a ghlacas e, dhàsan bheir mi Achsah mo nighean na mnaoi.

13 Agus ghlac Otniel mac Chenais, bràthair a b’òige Chàleib, e: agus thug e dha Achsah a nighean na mnaoi.

14 Agus nuair a thàinig i da ionnsaigh, bhrosnaich i e gu achadh iarraidh o a h‑athair: agus theirinn i bhàrr a h‑asail; agus thubhairt Càleb rithe, Ciod as àill leat?

15 Agus thubhairt i ris, Thoir dhomh beannachadh: oir thug thu dhomh fearann ri deas: thoir dhomh mar an ceudna tobraichean uisge. Agus thug Càleb dhi na tobraichean uachdarach, agus na tobraichean ìochdarach.

16 Agus chaidh clann a’ Chenich, athair‐cèile Mhaois, suas à baile nan craobh‐pailme, maille ri cloinn Iùdah, do fhàsach Iùdah, a tha air an taobh mu dheas de Arad; agus chaidh iad agus ghabh iad còmhnaidh am measg an t‑sluaigh.

17 Agus chaidh Iùdah maille ri Simeon a bhràthair, agus bhuail iad na Canàanaich a bha nan còmhnaidh ann an Sephat, agus sgrios iad gu tur e: (agus thugadh Hormah mar ainm air a’ bhaile:)

18 Agus ghlac Iùdah Gàsa agus a chrìochan, agus Ascelon agus a chrìochan, agus Ecron agus a chrìochan.

19 Agus bha an Tighearna maille ri Iùdah; agus ghabh e sealbh air a’ mhonadh, ach cha b’urrainn e luchd‐àiteachaidh an t‑sratha fhògradh a‑mach, a chionn gu robh carbadan iarainn aca.

20 Agus thug iad Hebron do Chàleb, mar a thubhairt Maois: agus dh’fhuadaich e as a sin triùir mhac Anaic.

21 Agus cha do chuir clann Bheniàmin a‑mach na h‑Iebusaich a bha nan còmhnaidh ann an Ierusalem; ach tha na h‑Iebusaich nan còmhnaidh maille ri cloinn Bheniàmin ann an Ierusalem gus an là‑an‑diugh.

22 Agus chaidh taigh Iòseiph mar an ceudna suas an aghaidh Bheteil: agus bha an Tighearna maille riu.

23 Agus chuir taigh Iòseiph daoine a rannsachadh a‑mach Bheteil: (a‑nis b’e ainm a’ bhaile roimhe Luds).

24 Agus chunnaic an luchd‐bratha duine a’ teachd a‑mach as a’ bhaile, agus thubhairt iad ris, Feuch dhuinn, guidheamaid ort, an rathad a‑steach don bhaile, agus nochdaidh sinn tròcair dhut.

25 Agus nuair a dh’fheuch e dhaibh an rathad a‑steach don bhaile, bhuail iad am baile le faobhar a’ chlaidheimh: ach leig iad air falbh an duine agus a theaghlach uile.

26 Agus chaidh an duine do fhearann nan Hiteach, agus thog e baile, agus thug e Luds mar ainm air: is e seo a ainm gus an là‑an‑diugh.

27 Cha mhò a dh’fhògair Manaseh a‑mach luchd‐àiteachaidh Bhet‐seain agus a bhailtean, no Thaanaich agus a bhailtean, no luchd‐àiteachaidh Dhoir agus a bhailtean, no luchd‐àiteachaidh Ibleaim agus a bhailtean, no luchd‐àiteachaidh Mhegido agus a bhailtean: ach b’àill leis na Canàanaich còmhnaidh a ghabhail anns an fhearann sin.

28 Agus thàrladh, nuair a dh’fhàs Israel làidir, gun do chuir iad na Canàanaich fo chìs; ach cha d’fhuadaich iad gu buileach a‑mach iad.

29 Cha mhò a dh’fhuadaich Ephraim a‑mach na Canàanaich a bha a chòmhnaidh ann an Gèser: ach ghabh na Canàanaich còmhnaidh nam measg ann an Gèser.

30 Cha mhò a dh’fhuadaich Sebulun a‑mach luchd‐àiteachaidh Chitroin no luchd‐àiteachaidh Nahaloil: ach ghabh na Canàanaich còmhnaidh nam measg, agus bha iad fo chìs dhaibh.

31 Cha mhò a dh’fhuadaich Aser a‑mach luchd‐àiteachaidh Acho, no luchd‐àiteachaidh Shìdoin, no Achlaib, no Achsib, no Helbah, no Aphic, no Rehoib:

32 Ach ghabh na h‑Aserich còmhnaidh am measg nan Canàanach, luchd‐àiteachaidh na tìre; oir cha d’fhuadaich iad a‑mach iad.

33 Cha mhò a dh’fhuadaich Naphtali a‑mach luchd‐àiteachaidh Bhet‐semeis, no luchd‐àiteachaidh Bhet‐anait; ach ghabh e còmhnaidh am measg nan Canàanach, luchd‐àiteachaidh na tìre: gidheadh bha luchd‐àiteachaidh Bhet‐semeis agus Bhet‐anait fo chìs dhaibh.

34 Agus dh’èignich na h‑Amoraich clann Dhain don t‑sliabh: oir cha leigeadh iad leo teachd a‑nuas don ghleann.

35 Ach b’àill leis na h‑Amoraich còmhnaidh a ghabhail ann an sliabh Hereis ann an Aialon, agus ann an Saalbim: gidheadh bhuadhaich làmh taigh Iòseiph, agus bha iad fo chìs dhaibh.

36 Agus bha crìoch nan Amorach o uchdaich Acrabim, on charraig, agus suas o sin.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan