Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Amos 8 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Le cliabh de mheas samhraidh nochdadh gu robh crìoch Israeil am fagas. 4 Thugadh achmhasan dhaibh do bhrìgh gu robh iad a’ toirt air bochdan an fhearainn fàilneachadh. 11 Bhagradh an sluagh le dìth fhacal an Tighearna.

1 Mar seo thaisbein an Tighearna Iehòbhah dhòmhsa; agus, feuch, cliabh de mheas samhraidh.

2 Agus thubhairt e, Ciod a tha thu a’ faicinn, Amois? Agus thubhairt mise, Cliabh de mheas samhraidh. An sin thubhairt an Tighearna rium, Tha a’ chrìoch air teachd air mo shluagh‐sa Israel; cha ghabh mise seachad orra nas mò.

3 Agus bidh òrain an teampaill nan ulartaich anns an là sin, tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh: bidh mòran chorp marbha anns gach ionad: tilgidh iad gu tosdach a‑mach iad.

4 Cluinnibh seo, O sibhse a tha a’ slugadh suas an ainnis, eadhon a thoirt air bochdan an fhearainn fàilneachadh:

5 Ag ràdh, Cuin a thèid a’ ghealach ùr seachad, a‑chum gun reiceamaid sìol? Agus an t‑sàbaid, a‑chum gun tugamaid a‑mach cruithneachd? A’ dèanamh na h‑ephah beag, agus an t‑seceil mòr; agus a’ dèanamh na meidhe mearachdach le ceilg:

6 A’ ceannach nam bochd airson airgid, agus an fheumaich airson bhròg; a’ reic fòs deireadh a’ chruithneachd.

7 Mhionnaich an Tighearna air òirdheirceas Iàcoib, Gu deimhinn cha dìochuimhnich mi gu bràth an uile obraichean.

8 Nach criothnaich am fearann airson seo? Agus nach dèan gach duine a tha a chòmhnaidh ann caoidh? Agus nach èirich amhail tuil thar an iomlan dheth? Nach tilgear a‑mach, agus nach bàthar e, mar gum b’ann le abhainn na h‑Eiphit?

9 Agus tàrlaidh air an là sin, tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, gun toir mise air a’ ghrèin dol fodha air mheadhon‐là, agus nì mi an talamh dorcha anns an là shoilleir.

10 Agus tionndaidhidh mi ur fèillean gu bròn, agus ur n‑òrain uile gu tuireadh; agus bheir mi air na h‑uile leasraidh aodach‐saic, agus air gach aon cheann maoile, agus nì mi e mar chumha airson aon mhic, agus a chrìoch mar là searbh.

11 Feuch tha na làithean a’ teachd, tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, anns an cuir mise gort anns an fhearann; chan i gort dìth arain, no tart dìth uisge, ach de dhìth èisdeachd facail an Tighearna.

12 Agus siùbhlaidh iad o fhairge gu fairge, agus on àird a tuath, eadhon gus an àird an ear; ruithidh iad air an ais agus air an aghaidh, a dh’iarraidh facal an Tighearna, agus chan fhaigh iad e.

13 Anns an là sin fannaichidh na h‑òighean maiseach agus na h‑òganaich le tart.

14 Iadsan a tha a’ mionnachadh air peacadh Shamaria, agus ag ràdh, Tha do dhia‑sa beò, O Dhain, agus tha cùis‐adhraidh Bheer‐sèba beò; tuitidh eadhon iadsan, agus chan èirich iad suas gu bràth tuilleadh.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan