Amos 6 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Smachdaichear Israeil airson an neo‐gheamnaidheachd, 10 agus airson am peacaidhean. 1 Is truagh dhaibhsan a tha gu suaimhneach ann an Sion, agus ag earbsa à sliabh Shamaria; a tha gan ainmeachadh fhèin air tùs nan cinneach, gus a bheil imeachd taigh Israeil. 2 Siùbhlaibh thairis gu Calneh, agus faicibh; agus rachaibh as a sin gu Hamat mòr: an sin rachaibh sìos gu Gat nam Philisteach: an fheàrr iadsan na na rìoghachdan seo? No a bheil an crìochan nas mò na ur crìoch‐se? 3 Is truagh dhaibhsan a tha a’ cur an droch là fad uapa, agus a’ toirt am fagas àite‐suidhe an fhòirneirt: 4 A tha a’ laighe air leapaichean deud‐chnàmh, agus gan sìneadh fhèin air an uirighean; a tha ag ithe uain an treud, agus nan laogh à meadhon an taigh‐bhiadhaidh: 5 A tha a’ seinn do fhuaim na clàrsaich; a tha cosmhail ri Daibhidh, a’ dealbh dhaibh fhèin innealan‐ciùil: 6 A tha ag òl fìona ann an cuachan, agus gan ungadh fhèin le tagha gach ola: ach nach eil duilich airson àmhghar Iòseiph. 7 Air an adhbhar sin a‑nis thèid iad ann am bruid leis a’ chiad chuid a dh’fhalbhas ann am braighdeanas; agus bheirear air falbh cuirm na muinntir a bha gan sìneadh fhèin. 8 Mhionnaich an Tighearna Iehòbhah air fhèin, tha Iehòbhah, Dia nan sluagh ag ràdh, Is gràin leam òirdheirceas Iàcoib, agus is fuath leam a lùchairtean: uime sin bheir mi seachad am baile, agus gach nì a tha ann. 9 Agus tàrlaidh, ma dh’fhanas deichnear fhear ann an aon taigh, gum faigh iad bàs. 10 Agus togaidh caraid duine suas e, agus esan a loisgeas e, a‑chum na cnàmhan a thoirt a‑mach as an taigh; agus their e ris‐san a tha a‑staigh anns an taigh, A bheil aon neach fhathast leat? Agus their esan, Chan eil. An sin their e, Bi ad thosd. A chionn nach eil iad a’ toirt luaidh air ainm Iehòbhah. 11 Oir feuch, àithnidh an Tighearna, agus buailidh e an taigh mòr le beàrnan, agus an taigh beag le sgoltaidhean. 12 An ruith eich air carraig? An treabhar i le daimh? Oir thionndaidh sibh breitheanas gu domblas, agus toradh an ionracais gu iteodha. 13 Sibhse a tha ri gàirdeachas ann an nì as neoni; a tha ag ràdh, Nach do ghabh sinn dar n‑ionnsaigh uachdaranachd le ar neart fhèin? 14 Agus, feuch, dùisgidh mise suas cinneach nur n‑aghaidh, O thaigh Israeil, tha Iehòbhah, Dia nan sluagh ag ràdh; agus sàraichidh iad sibh o dhol a‑steach Hamait, gu ruig abhainn an fhàsaich. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society