Amos 3 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Adhbhar nam breitheanas a thug Dia air cloinn Israeil. 13 San là anns an agair Dia lochdan Israeil air, sgriosaidh e altairean Bhàail. 1 Cluinnibh am facal seo a labhair an Tighearna nur n‑aghaidh, O chlann Israeil, an aghaidh an uile theaghlaich a thug mi a‑nìos o thìr na h‑Eiphit, ag ràdh, 2 Is sibhse a‑mhàin air an do ghabh mi eòlas de uile theaghlaichean na talmhainn: uime sin smachdaichidh mi sibh airson ur n‑uile lochdan. 3 Am faod dithis imeachd le chèile, mura bi iad rèidh? 4 Am beuc an leòmhann anns a’ choille, nuair nach eil creach air bith aige? An èigh an leòmhann òg as a’ gharaidh, mura do ghlac e aon nì? 5 Am faod eun tuiteam ann an lìon air an talamh, far nach eil aon ribe air a shon? An tog neach eangach suas on talamh, agus gun nì air bith a ghlacadh? 6 An sèidear an trompaid ann am baile, agus gun eagal a bhith air an t‑sluagh? Am bi dòrainn ann am baile, agus nach e an Tighearna a chuir ann e? 7 Gu deimhinn cha dèan an Tighearna Iehòbhah aon nì, gun a rùn‐diamhair fhoillseachadh da sheirbhisich na fàidhean. 8 Bheuc an leòmhann; cò air nach bi eagal? Labhair an Tighearna Iehòbhah, cò nach dèanadh fàistneachd? 9 Cuiribh an cèill anns na lùchairtean an Asdod, agus anns na tallachan an tìr na h‑Eiphit, agus abraibh, Cruinnichibh sibh fhèin air slèibhtean Shamaria; agus feuchaibh an t‑ioma‑luasgadh mòr a tha na meadhon, agus iadsan a tha air an sàrachadh innte. 10 Oir chan aithne dhaibh a’ chòir a dhèanamh, tha an Tighearna ag ràdh; tha iad a’ tasgadh suas fòirneirt agus creiche nan lùchairtean. 11 Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, Bidh eascaraid fòs mun cuairt air an fhearann; agus bheir e a‑nuas do neart uat, agus creachar do lùchairtean. 12 Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Amhail a spìonas am buachaille a‑mach à beul an leòmhainn dà chois, no mìr de chluais; mar sin bheirear a‑mach clann Israeil, a tha a chòmhnaidh ann an Samaria, ann an cùil leapa; agus ann an Damascas, air uirigh. 13 Eisdibh‐se agus togaibh fianais do thaigh Iàcoib, tha an Tighearna Iehòbhah, Dia nan sluagh, ag ràdh, 14 Anns an là anns an agair mise lochdan Israeil air, gun agair mi fòs air altairean Bheteil; agus gearrar adhaircean na h‑altarach dhith, agus tuitidh iad a‑chum an làir. 15 Agus buailidh mi an taigh‐geamhraidh maille ris an taigh‐shamhraidh; agus sgriosar na taighean ìbhiridh, agus thig crìoch air na taighean mòra, deir an Tighearna. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society