Amos 1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 An t‑àm anns an d’rinn Amos fàidheadaireachd. 3 Nochd e na breitheanais a bha gu teachd air Siria, 6 air na Philistich, 9 air Tìrus, 11 air Edom, 13 agus air Amon. 1 Briathran Amois, a bha am measg buachaillean Thecòa, a fhuair e mu thimcheall Israeil, ann an làithean Usiah rìgh Iùdah, agus ann an làithean Ierobòaim mhic Iohais, rìgh Israeil, dà bhliadhna ron chrith‐thalmhainn. 2 Agus thubhairt e, Beucaidh Iehòbhah o Shion, agus o Ierusalem cuiridh e a‑mach a ghuth; agus nì ionadan‐còmhnaidh nam buachaillean bròn, agus seargaidh mullach Charmeil. 3 Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Dhamascais, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun do bhuail iad Gilead le innealan‐bualaidh iarainn. 4 Ach cuiridh mise teine air taigh Hasaeil, a loisgeas lùchairtean Bhen‐hadaid. 5 Brisidh mi fòs crann‐druididh Dhamascais, agus gearraidh mi as am fear‐àiteachaidh o chòmhnard Abhein, agus esan a ghlacas an t‑slat‐rìoghail o thaigh Edein: agus siùbhlaidh sluagh Shiria ann am bruid gu Cir, deir an Tighearna. 6 Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Ghàsa, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun tug iad a’ bhruid uile air falbh ann am braighdeanas, a‑chum an toirt seachad do Edom. 7 Ach cuiridh mi teine air balla Ghàsa, a sgriosas a lùchairtean. 8 Agus gearraidh mi am fear‐àiteachaidh air falbh o Asdod, agus esan a ghlacas an t‑slat‐rìoghail o Ascelon; agus tionndaidhidh mi mo làmh an aghaidh Ecroin: agus bàsaichidh fuidheall nam Philisteach, deir an Tighearna Iehòbhah. 9 Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Thìruis, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun tug iad suas a’ bhruid uile do Edom, agus nach do chuimhnich iad an coicheangal bràthaireil. 10 Ach cuiridh mi teine air balla Thìruis, a loisgeas àrois rìoghail. 11 Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Edoim, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun do ruaig e a bhràthair leis a’ chlaidheamh, agus gun do thilg e uaithe a h‑uile iochd, agus gun do reub a fhearg a‑ghnàth, agus gun do ghlèidh e a chorraich an còmhnaidh. 12 Ach cuiridh mi teine air Teman, a loisgeas lùchairtean Bhosrah. 13 Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan chloinn Amoin, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun do reub iad suas mnathan torrach Ghilead, a‑chum an crìochan fhèin a chur ann am farsaingeachd. 14 Ach fadaidh mise teine air balla Rabah, agus loisgidh e sìos a lùchairtean, le iolaich ann an là a’ chatha, le cuairt‐ghaoith ann an là na doininn. 15 Agus imichidh an rìgh ann am braighdeanas, e fhèin agus a mhòr‐uaislean le chèile, deir an Tighearna. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society