Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Àireamh 7 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


2, 10 Tabhartais cheannardan Israeil. 89 Labhair Dia ri Maois.

1 Agus thàrladh air an là anns an do chuir Maois suas am pàillean gu h‑iomlan, agus anns an d’ung e e, agus anns an do naomhaich e e, agus a uidheam uile, araon an altair agus a soithichean uile, agus anns an d’ung e iad, agus anns an do naomhaich e iad;

2 Gun tug ceannardan Israeil, cinn taighean an athraichean (eadhon ceannardan nan treubh, a bha os cionn na muinntir a chaidh àireamh), seachad tabhartas:

3 Agus thug iad an tabhartas an làthair an Tighearna, sia feunan còmhdaichte, agus dà‑dhamh‐dheug: feun airson dithis de na ceannardan, agus damh airson gach fir dhiubh, agus thug iad air beulaibh a’ phàillein iad.

4 Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

5 Gabh uapa iad, a‑chum is gum bi iad a dhèanamh seirbhis pàillean a’ choitheanail; agus bheir thu iad do na Lèbhitich, do gach fear a rèir a sheirbhis.

6 Agus ghabh Maois na feunan agus na daimh, agus thug e do na Lèbhitich iad.

7 Dà fheun agus ceithir daimh thug e do mhic Ghersoin, a rèir an seirbhis.

8 Agus ceithir feunan agus ochd daimh thug e do mhic Mherari, a rèir an seirbhis, fo làimh Itamair mhic Aaroin an sagart.

9 Ach do mhic Chohait cha tug e aon air bith; a chionn gum b’i seirbhis an ionaid naoimh a bhuineadh dhaibh‐san, gun giùlaineadh iad air an guaillean.

10 Agus thug na ceannardan seachad tabhartas a‑chum coisrigeadh na h‑altarach, air an là anns an d’ungadh i: thug eadhon na ceannardan seachad an tabhartas air beulaibh na h‑altarach.

11 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Bheir gach ceannard seachad a thabhartas air a là fhèin, a‑chum coisrigeadh na h‑altarach.

12 Agus esan a thug seachad a thabhartas air a’ chiad là, b’e Nahson mac Aminadaib, de threubh Iùdah.

13 Agus b’e a thabhartas aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fhichead, aon chuach airgid de dheich agus trì‐fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais‐bìdh:

14 Aon spàin de dheich seceil òir, làn de thùis:

15 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt‐loisgte:

16 Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt‐pheacaidh:

17 Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas‐sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic‐ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Nahsoin mhic Aminadaib.

18 Air an dara là thug Mataneel mac Shuair, ceannard Isachair, seachad tabhartas.

19 Thug e seachad mar a thabhartas aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fhichead, aon chuach airgid de dheich agus trì‐fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais‐bìdh:

20 Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:

21 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt‐loisgte:

22 Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt‐pheacaidh:

23 Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas‐sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic‐ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Nàtaneeil mhic Shuair.

24 Air an treas là thug Eliab mac Heloin, ceannard chloinn Shebuluin, seachad tabhartas.

25 B’e a thabhartas‐san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fhichead, aon chuach airgid de dheich agus trì‐fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais‐bìdh:

26 Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:

27 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt‐loisgte:

28 Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt‐pheacaidh:

29 Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas‐sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic‐ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Eliaib mhic Heloin.

30 Air a’ cheathramh là thug Elisur mac Shedeuir, ceannard chloinn Reubein, seachad tabhartas.

31 B’e a thabhartas aon mhias airgid de cheud agus deich seceil ar fhichead, aon chuach airgid de dheich agus trì‐fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais‐bìdh:

32 Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:

33 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt‐loisgte:

34 Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt‐pheacaidh:

35 Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas‐sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic‐ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Elisuir mhic Shedeuir.

36 Air a’ chòigeamh là thug Selumiel mac Shurisadai, ceannard chloinn Shimeoin, seachad tabhartas.

37 B’e a thabhartas‐san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fhichead, aon chuach airgid de dheich agus trì‐fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais‐bìdh:

38 Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:

39 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt‐loisgte:

40 Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt‐pheacaidh:

41 Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas‐sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic‐ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Shelumieil mhic Shurisadal.

42 Air an t‑siathamh là thug Eliasaph mac Dheueil, ceannard chloinn Ghad, seachad tabhartas.

43 B’e a thabhartas‐san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fichead, aon chuach airgid de dheich agus trì‐fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais‐bìdh:

44 Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:

45 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt‐loisgte:

46 Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt‐pheacaidh:

47 Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas‐sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic‐ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Eliasaiph mhic Dheueil.

48 Air an t‑seachdamh là thug Elisama mac Amihuid, ceannard chloinn Ephraim, seachad tabhartas.

49 B’e a thabhartas‐san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fichead, aon chuach airgid de dheich agus trì‐fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais‐bìdh:

50 Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:

51 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt‐loisgte:

52 Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt‐pheacaidh:

53 Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas‐sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic‐ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Elisama mhic Amihuid.

54 Air an ochdamh là thug Gamaliel mac Phedahsuir, ceannard chloinn Mhanaseh, seachad tabhartas.

55 B’e a thabhartas‐san aon mhias airgid de cheud agus deich seceil ar fichead, aon chuach airgid de dheich agus trì‐fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais‐bìdh:

56 Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:

57 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt‐loisgte:

58 Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt‐pheacaidh:

59 Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas‐sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic‐ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Ghamalieil mhic Phedahsuir.

60 Air an naoidheamh là thug Abidan mac Ghideoni, ceannard chloinn Bheniàmin, seachad tabhartas.

61 B’e a thabhartas‐san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fichead, aon chuach airgid de dheich agus trì‐fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais‐bìdh:

62 Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:

63 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt‐loisgte:

64 Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt‐pheacaidh:

65 Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas‐sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic‐ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Abidain mhic Ghideoni.

66 Air an deicheamh là thug Ahieser mac Amisadai, ceannard chloinn Dhan, seachad tabhartas.

67 B’e a thabhartas‐san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fichead, aon chuach airgid de dheich agus trì‐fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais‐bìdh:

68 Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:

69 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt‐loisgte:

70 Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt‐pheacaidh:

71 Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas‐sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic‐ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Ahieseir mhic Amisadai.

72 Air an aon‐là‑deug thug Pagiel mac Ocrain, ceannard chloinn Aseir, seachad tabhartas.

73 B’e a thabhartas‐san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fichead, aon chuach airgid de dheich agus trì‐fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais‐bìdh:

74 Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:

75 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt‐loisgte:

76 Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt‐pheacaidh:

77 Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas‐sìthe, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic‐ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Phagieil mhic Ocrain.

78 Air an dara‑là‑deug thug Ahira mac Enain, ceannard chloinn Naphtali, seachad tabhartas.

79 B’e a thabhartas‐san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fichead, aon chuach airgid de dheich agus trì‐fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais‐bìdh:

80 Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:

81 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt‐loisgte:

82 Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt‐pheacaidh:

83 Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas‐sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic‐ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Ahira mhic Enain.

84 B’e seo coisrigeadh na h‑altarach (anns an là anns an d’ungadh i) le ceannardan Israeil: dà‑mhias‐dheug airgid, dà‑chuaich‐dheug airgid, dà‑spàin‐dheug òir:

85 B’e cudthrom gach mèis airgid ceud agus deich seceil ar fhichead, agus gach cuaiche deich agus trì‐fichead: b’e cudthrom nan soithichean airgid uile, dà mhìle agus ceithir cheud seceil, a rèir secel an ionaid naoimh.

86 Bha dà‑spàin‐dheug òir ann, làn de thùis, cudthrom gach aon fa leth deich seceil, a rèir secel an ionaid naoimh: b’e òr nan spàinean uile ceud agus fichead secel.

87 B’iad na tairbh uile a‑chum ìobairt‐loisgte dà‑tharbh‐dheug, na reitheachan a dhà‐dheug, na h‑uain den chiad bhliadhna a dhà‐dheug, maille rin tabhartas‐bìdh: agus na minn de na gobhair a‑chum ìobairt‐pheacaidh a dhà‐dheug.

88 Agus b’iad na tairbh uile, a‑chum ìobairt nan tabhartas‐sìth, ceithir tairbh ar fhichead, na reitheachan trì‐fichead, na buic‐ghoibhre trì‐fichead, na h‑uain den chiad bhliadhna trì‐fichead. B’e seo coisrigeadh na h‑altarach, an dèidh dhi a bhith air a h‑ungadh.

89 Agus nuair a chaidh Maois a‑steach do phàillean a’ choitheanail, a labhairt ris, an sin chuala e guth aoin a’ labhairt ris o uachdar na cathair‐thròcair a bha os cionn àirc na Fianais, o eadar an dà cherub; agus labhair e ris.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan