Àireamh 6 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Lagh nan Nàsarach. 22 Modh beannachaidh chloinn Israeil. 1 Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, 2 Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a dhealaicheas aon chuid bean no fear iad fhèin a bhòideachadh bòid Nàsaraich, a‑chum iad fhèin a dhealachadh don Tighearna; 3 O fhìon agus o dhibh làidir sgaraidh e e fhèin; fìon‐geur fìona, no fìon‐geur dibhe làidir chan òl e, cha mhò a dh’òlas e a’ bheag de shùgh nam fìondhearcan, cha mhò a dh’itheas e fìondhearcan ùr no tioram. 4 Uile làithean a dhealachaidh chan ith e a’ bheag a nìthear den chraoibh‐fhìona, o na h‑eiteanan gus am plaosg. 5 Uile làithean bòid a dhealachaidh, cha tig ealtainn air a cheann: gus an coileanar na làithean anns an dealaich e e fhèin don Tighearna, bidh e naomh; agus leigidh e le ciabhan gruag a chinn fàs. 6 Anns na làithean sin uile anns an dealaich e e fhèin don Tighearna, cha tig e am fagas do chorp marbh sam bith. 7 Cha dèan e e fhèin neòghlan airson a athar, no airson a mhàthar, airson a bhràthar, no airson a pheathar, nuair a gheibh iad bàs; do bhrìgh gu bheil coisrigeadh a Dhè air a cheann. 8 Uile làithean a dhealachaidh tha e naomh don Tighearna. 9 Agus ma gheibh duine gu h‑obann bàs làimh ris, agus gun do shalaich e ceann a choisrigidh, an sin bearraidh e a cheann ann an là a ghlanaidh, air an t‑seachdamh là bearraidh e e. 10 Agus air an ochdamh là bheir e dà thurtar, no dà chalaman òg, a dh’ionnsaigh an t‑sagairt, gu doras pàillean a’ choitheanail. 11 Agus ìobraidh an sagart fear dhiubh mar ìobairt‐pheacaidh, agus am fear eile mar ìobairt‐loisgte, agus nì e rèite air a shon, do bhrìgh gun do pheacaich e a‑thaobh a’ mhairbh, agus naomhaichidh e a cheann anns an là sin fhèin. 12 Agus coisrigidh e don Tighearna làithean a dhealachaidh, agus bheir e leis uan den chiad bhliadhna a‑chum ìobairt‐easaontais: ach bidh na làithean a chaidh seachad caillte, do bhrìgh gun do shalaicheadh a dhealachadh. 13 Agus is e seo lagh an Nàsaraich: Nuair a choileanar làithean a dhealachaidh, bheirear e gu doras pàillean a choitheanail: 14 Agus bheir e seachad a thabhartas don Tighearna, aon uan fireann den chiad bhliadhna gun ghaoid a‑chum ìobairt‐loisgte, agus aon uan boireann den chiad bhliadhna gun ghaoid a‑chum ìobairt‐pheacaidh, agus aon reithe gun ghaoid a‑chum ìobairt‐shìthe; 15 Agus basgaid de aran neo‐ghortaichte, breacagan de fhlùr mìn measgte le ola, agus deàrnagan de aran neo‐ghortaichte ungte le ola, agus an tabhartas‐bìdh, agus an tabhartasan‐dibhe. 16 Agus bheir an sagart iad an làthair an Tighearna, agus ìobraidh e a ìobairt‐pheacaidh, agus a ìobairt‐loisgte. 17 Agus ìobraidh e an reithe mar ìobairt thabhartas‐sìthe don Tighearna, maille ris a’ bhasgaid de aran neo‐ghortaichte: bheir an sagart seachad mar an ceudna a thabhartas‐bìdh, agus a thabhartas‐dibhe. 18 Agus bearraidh an Nàsarach ceann a dhealachaidh, aig doras pàillean a’ choitheanail; agus gabhaidh e gruag‐cinn a dhealachaidh agus cuiridh e i anns an teine a tha fo ìobairt nan tabhartas‐sìthe. 19 Agus gabhaidh an sagart slinnean bruith an reithe, agus aon bhreacag neo‐ghortaichte as a’ bhasgaid, agus aon deàrnag neo‐ghortaichte: agus cuiridh e iad air làmhan an Nàsaraich, an dèidh do ghruaig a dhealachaidh a bhith air a bearradh. 20 Agus luaisgidh an sagart iad mar thabhartas‐luaisgte an làthair an Tighearna; tha seo naomh don t‑sagart maille ris an uchd luaisgte, agus maille ris an t‑slinnean thogte: agus an dèidh sin faodaidh an Nàsarach fìon òl. 21 Is e seo lagh an Nàsaraich, a thug bòid, agus lagh a thabhartais don Tighearna airson a dhealachaidh, a thuilleadh air na gheibh a làmh: a rèir a bhòid a bhòidich e, mar sin is èiginn dha a dhèanamh, a rèir lagh a dhealachaidh. 22 Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, 23 Labhair ri Aaron agus ra mhic, ag ràdh, Air a’ mhodh seo beannaichidh sibh clann Israeil, ag ràdh riu, 24 Gum beannaicheadh an Tighearna thu, agus gun gleidheadh e thu: 25 Gun tugadh an Tighearna air a aghaidh dealrachadh ort, agus biodh e gràsmhor dhut: 26 Gun togadh an Tighearna suas a ghnùis ort, agus gun tugadh e sìth dhut. 27 Agus cuiridh iad m’ainm air cloinn Israeil, agus beannaichidh mise iad. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society