Àireamh 30 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Chan fhaod bòidean a bhith air am briseadh. 9 Mu bhòid bantraich, agus mnà a dhealaicheadh ra fear‐pòsda. 1 Agus labhair Maois ri ceannardan nan treubh a‑thaobh chloinn Israeil, ag ràdh, Is e seo an nì a dh’àithn an Tighearna. 2 Ma bhòidicheas duine bòid don Tighearna, no ma mhionnaicheas e mionnan a cheangal a anama le ceangal, cha bhris e a fhacal; a rèir gach nì a thig a‑mach as a bheul, nì e. 3 Mar an ceudna, ma bhòidicheas bean bòid don Tighearna, agus gun ceangail i i fhèin le ceangal, agus i ann an taigh a h‑athar na h‑òige; 4 Agus gun cluinn a h‑athair a bòid, agus a ceangal leis an do cheangail i a h‑anam, agus gum fan a h‑athair na thosd rithe, an sin seasaidh a bòidean uile, agus seasaidh gach ceangal leis an do cheangail i a h‑anam. 5 Ach ma chuireas a h‑athair na h‑aghaidh anns an là anns an cluinn e, cha seas aon de a bòidean no de a ceanglaichean, leis an do cheangail i a h‑anam; agus maithidh an Tighearna dhi, a chionn gun do chuir a h‑athair na h‑aghaidh. 6 Agus ma bha idir fear‐pòsda aice nuair a bha bòidean oirre, no nuair a labhair i nì as a beul, leis an do cheangail i a h‑anam, 7 Agus gun cuala a fear e, agus gun d’fhan e na thosd rithe anns an là anns an cuala e i, an sin seasaidh a bòidean, agus seasaidh a ceanglaichean leis an do cheangail i a h‑anam. 8 Ach ma chuireas a fear‐pòsda na h‑aghaidh anns an là anns an cluinn e i, an sin bheir e gu neo‐bhrìgh a bòid a bhòidich i, agus an nì a labhair i le a bilean, leis an do cheangail i a h‑anam; agus bheir an Tighearna maitheanas dhi. 9 Ach gach bòid bantraich agus mnà dealaichte, leis an do cheangail i a h‑anam, seasaidh i na h‑aghaidh. 10 Agus ma bhòidich i ann an taigh a fir, no ma cheangail i a h‑anam le ceangal maille ri mionnan, 11 Agus gun cuala a fear e, agus gun d’fhan e na thosd rithe, agus nach do chuir e na h‑aghaidh; an sin seasaidh a bòidean uile, agus seasaidh gach ceangal leis an do cheangail i a h‑anam. 12 Ach ma chuir a fear gu tur air chùl iad anns an là anns an cuala e iad, an sin ge bè nì a thàinig a‑mach as a beul a‑thaobh a bòidean, no a‑thaobh ceangal a h‑anam, cha seas e: chuir a fear air chùl iad, agus bheir an Tighearna maitheanas dhi. 13 Na bòidean, agus na mionnan sin uile a cheanglas a‑chum an t‑anam a chràdh, faodaidh a fear an daingneachadh, no faodaidh a fear an cur air chùl. 14 Ach ma dh’fhanas a fear gu tur na thosd rithe, o là gu là; an sin tha e a’ daingneachadh a bòidean uile, no a ceanglaichean uile, a tha oirre: tha e gan dèanamh seasmhach, a chionn gun d’fhan e na thosd rithe anns an là anns an cuala e iad. 15 Ach ma chuireas e air chor sam bith air chùl iad, an dèidh dha an cluinntinn, an sin giùlainidh e a h‑aingidheachd‐se. 16 Is iad sin na reachdan a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, eadar duine agus a bhean, eadar athair agus a nighean, agus i fhathast na h‑òige ann an taigh a h‑athar. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society