Àireamh 1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921, 17 Na fir uile ann an Israel a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh air an àireamh, 47 saor o na Lèbhithich. 1 Agus labhair an Tighearna ri Maois ann am fàsach Shinài, ann am pàillean a’ choitheanail, air a’ chiad là den dara mìos, anns an dara bliadhna an dèidh dhaibh teachd a‑mach à tìr na h‑Eiphit, ag ràdh, 2 Gabhaibh àireamh cinn co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile, a rèir an teaghlaichean, a rèir taigh an athraichean, maille ri àireamh an ainmean, gach fireannach a rèir an ceann: 3 O fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon as urrainn dol a‑mach gu cogadh ann an Israel, àirmhidh tusa agus Aaron iad a rèir am buidhnean. 4 Agus maille ribhse bidh duine de gach uile threubh: gach aon dhiubh na cheann‐taighe a athraichean. 5 Agus is iad seo ainmean nan daoine a sheasas maille ribh: De threubh Reubein: Elisur mac Shedeuir. 6 De Shimeon: Selumiel mac Shurisadai. 7 De Iùdah: Nahson mac Aminadaib. 8 De Isachar: Nàtaneel mac Shuair. 9 De Shebulun: Eliab mac Heloin. 10 De chloinn Iòseiph: de Ephraim, Elisama mac Amihuid; de Mhanaseh, Gamaliel mac Phedahsuir. 11 De Bheniàmin: Abidan mac Ghideoni. 12 De Dhan: Ahieser mac Amisadai. 13 De Aser: Pagiel mac Ocrain. 14 De Ghad: Eliasaph mac Dheueil. 15 De Naphtali: Ahira mac Enain. 16 B’iad sin daoine ainmeil a’ cho‐chruinneachaidh, cinn‐fheadhna treubhan an athraichean, ceannardan mhìltean ann an Israel. 17 Agus ghabh Maois agus Aaron na daoine sin, a ghairmeadh air an ainmean. 18 Agus thionail iad an co‑chruinneachadh uile an ceann a chèile air a’ chiad là den dara mìos, agus chuir iad an cèill an ginealaichean a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus thairis, a rèir an ceann. 19 Mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn e an àireamh ann am fàsach Shinài. 20 Agus bha clann Reubein, am mac a bu shine a bha aig Israel, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, a rèir an ceann, gach fireannach o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh: 21 Bha iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Reubein, nan dà‑fhichead agus sia mìle agus còig ceud. 22 De chloinn Shimeoin, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, iadsan a chaidh àireamh dhiubh, a rèir àireamh nan ainmean a rèir an ceann, gach fireannach o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh; 23 B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Shimeoin, leth‐cheud agus naoi mìle agus trì cheud. 24 De chloinn Ghad, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh; 25 B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh eadhon de threubh Ghad, dà‑fhichead agus còig mìle agus sia ceud agus leth‐cheud. 26 De chloinn Iùdah, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh: 27 B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Iùdah, trì‐fichead agus ceithir‐mìle‐deug agus sia ceud. 28 De chloinn Isachair, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh: 29 B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Isachair, leth‐cheud agus ceithir mìle agus ceithir cheud. 30 De chloinn Shebuluin, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh; 31 B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Shebuluin, leth‐cheud agus seachd mìle agus ceithir cheud. 32 De chloinn Iòseiph, eadhon de chloinn Ephraim, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh; 33 B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Ephraim, dà‑fhichead mìle agus còig ceud. 34 De chloinn Mhanaseh, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh; 35 B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Mhanaseh, dà‑mìle‐dheug ar fhichead agus dà cheud. 36 De chloinn Bheniàmin, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh; 37 B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Bheniàmin, còig‐mìle‐deug ar fhichead agus ceithir cheud. 38 De chloinn Dhan, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh; 39 B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Dhan, trì‐fichead agus dà mhìle agus seachd ceud. 40 De chloinn Aseir, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh; 41 B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Aseir, aon mhìle agus dà‑fhichead agus còig ceud. 42 De chloinn Naphtali, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh; 43 B’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon de threubh Naphtali, trì‐mìle‐deug agus dà‑fhichead agus ceithir cheud. 44 Sin iadsan a chaidh àireamh, a dh’àireamh Maois agus Aaron, agus ceannardan Israeil, eadhon dà‑fhear‐dheug: bha gach fear dhiubh airson taigh a athraichean. 45 Mar sin bha iadsan uile a chaidh àireamh de chloinn Israeil, a rèir taighean an athraichean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh ann an Israel; 46 Eadhon iadsan uile a chaidh àireamh, b’iad sia ceud mìle agus trì mìle agus còig ceud agus leth‐cheud. 47 Ach cha deachaidh na Lèbhithich, a rèir treubh an athraichean, àireamh nam measg: 48 Oir labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, 49 A‑mhàin chan àireamh thu treubh Lèbhi, cha mhò a ghabhas tu an cunntas cheann am measg chloinn Israeil: 50 Ach òrdaichidh tu na Lèbhithich os cionn pàillean na Fianais, agus os cionn a shoithichean uile, agus os cionn nan uile nithean a bhuineas dha: giùlainidh iad am pàillean, agus a shoithichean uile; agus frithealaidh iad dha, agus campaichidh iad mun cuairt air a’ phàillean. 51 Agus nuair a bhios am pàillean gu dol air aghaidh, leagaidh na Lèbhithich a‑nuas e: agus nuair a bhios am pàillean ra shuidheachadh, togaidh na Lèbhithich suas e: agus cuirear an coigreach a thig am fagas gu bàs. 52 Agus suidhichidh clann Israeil am bùthan, gach duine làimh ra chuideachd fhèin, agus gach duine làimh ra bhrataich fhèin, air feadh an armailtean. 53 Ach suidhichidh na Lèbhithich am bùthan mun cuairt air pàillean na Fianais; a‑chum is nach bi corraich air co‑chruinneachadh chloinn Israeil, agus gleidhidh na Lèbhithich cùram pàillean na Fianais. 54 Agus rinn clann Israeil a rèir nan uile nithean a dh’àithn an Tighearna do Mhaois; mar sin rinn iad. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society