2 Timòteus 4 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Chuir Pòl impidh air Timòteus a dhleasdanas a dhèanamh leis an uile chùram agus dhìcheall; 6 thug e cinnte dha gu bheil a bhàs fhèin am fagas; 9 is àill leis e teachd gu gràd da ionnsaigh, agus Marcus a thoirt leis, agus nithean àraidh eile mun do sgrìobh e da ionnsaigh. 1 Tha mi a’ sparradh ort uime sin am fianais Dhè, agus an Tighearna Iosa Crìosd, a bheir breith air beò agus marbh, aig a theachd dealrach agus na rìoghachd: 2 Searmonaich am facal, bi dùrachdach ann an àm agus ann an an‑àm; spreig, cronaich, earalaich leis an uile fhad‐fhulangas agus theagasg. 3 Oir thig an t‑àm anns nach bi fulang aca air teagasg fallain: ach air do chluasan tachasach a bhith aca, càrnaidh iad suas dhaibh fhèin luchd‐teagaisg a rèir an ana‑miann; 4 Agus tionndaidhidh iad an cluasan air falbh on fhìrinn, agus tionndaidhear iad a‑chum sgeulachdan faoine. 5 Ach dèan thusa faire anns na h‑uile nithean, fuiling cruaidh‐chàs, dèan obair soisgeulaiche, làn‐choilean do mhinistrealachd. 6 Oir tha mise a‑nis gu bhith air m’ìobradh, agus tha àm mo shiubhail am fagas. 7 Chòmhraig mi an deagh chòmhrag, chrìochnaich mi mo thuras, ghlèidh mi an creideamh. 8 O seo a‑mach tha air a thasgadh fam chomhair crùn fìreantachd, a bheir an Tighearna, am britheamh cothromach, dhomh anns an là ud: agus chan ann dhòmhsa a‑mhàin, ach dhaibhsan uile mar an ceudna, leis an ionmhainn a theachd‐san. 9 Dèan do dhìcheall air tighinn am ionnsaigh gu luath: 10 Oir thrèig Dèmas mi, air dha an saoghal seo a tha an làthair a ghràdhachadh, agus chaidh e do Thesalonìca; Crescens do Ghalàtia, Tìtus do Dhalmàtia. 11 Tha Lùcas na aonar maille rium. Gabh Marcus agus thoir leat e: oir tha e feumail dhòmhsa a‑chum na ministrealachd. 12 Ach chuir mi Tichicus gu Ephesus. 13 An fhallaing a dh’fhàg mi ann an Tròas aig Carpus, nuair a thig thu, thoir leat, agus na leabhraichean, ach gu h‑àraidh na meambranan. 14 Rinn Alecsander an ceàrd‐umha iomadh olc orm: gun tugadh an Tighearna dha a rèir a ghnìomharan: 15 Bi thusa mar an ceudna air d’fhaicill uaithe, oir chuir e gu mòr an aghaidh ar briathar‐ne. 16 Aig mo chiad fhreagradh cha robh aon neach leam, ach thrèig na h‑uile mi: nar agrar orra e. 17 Gidheadh, sheas an Tighearna làimh rium, agus neartaich e mi; a‑chum tromhamsa gum biodh an searmonachadh air a làn‐fhoillseachadh, agus gun cluinneadh na cinnich uile e: agus shaoradh mi à beul an leòmhainn. 18 Agus saoraidh an Tighearna mi o gach uile dhroch obair, agus gleidhidh e mi a‑chum a rìoghachd nèamhaidh fhèin: dhàsan gu robh glòir gu saoghal nan saoghal. Amen. 19 Cuir fàilte air Prisca, agus air Acuila, agus air teaghlach Onesiphoruis. 20 Dh’fhan Erastus ann an Corintus: ach dh’fhàg mi Trophimus gu tinn ann am Miletum. 21 Dèan dìcheall air teachd ron gheamhradh. Tha Eubulus, agus Pudens, agus Linus, agus Claudia, agus na bràithrean uile a’ cur fàilte ort. 22 Gu robh an Tighearna Iosa Crìosd maille rid spiorad. Gràs maille ribh. Amen. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society