Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Timòteus 3 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Thug Pòl rabhadh do Thimòteus mu thimcheall na h‑àmannan ri teachd; 6 dh’innis e cò iad naimhdean na fìrinn; 10 chuir e eisempleir fhèin roimhe, 16 agus mhol e na sgriobtair naomha.

1 Ach biodh fhios seo agad, gun tig anns na làithean deireannach aimsirean cunnartach.

2 Oir bidh daoine fèin‐spèiseil, sanntach, ràiteachail, uaibhreach, toibheumach, eas‐umhail do phàrantan, mì‑thaingeil, mì‑naomha,

3 Gun ghràdh nàdarra, nan luchd‐brisidh coicheangail, tuaileasach, neo‐gheamnaidh, borb, gun ghaol don mhath,

4 Fealltach, ceann‐làidir, àrdanach, aig a bheil bàrr gràidh do shàimh na tha aca do Dhia;

5 Aig a bheil coslas diadhachd, ach a tha ag àicheadh a cumhachd: on leithidean sin tionndaidh‐sa air falbh.

6 Oir is ann dhiubh seo a tha an dream sin a dh’èalaidheas a‑steach do thaighean, agus a bheir leo ann am braighdeanas mnathan suarach air an uallachadh le peacaidhean, air an iomain le iomadh gnè ana‑mianna,

7 A’ sìor‐fhòghlam, agus gun chomas dhaibh gu bràth teachd a‑chum eòlas na fìrinn.

8 Agus mar a chuir Iannes agus Iambres an aghaidh Mhaois, mar sin tha iadsan a’ cur an aghaidh na fìrinn: daoine aig a bheil inntinn thruaillidh, gun tuigse a‑thaobh a’ chreidimh.

9 Ach cha tèid iad nas fhaide air an aghaidh: oir bidh am mì‑chiall follaiseach do na h‑uile dhaoine, mar a bha am mì‑chiall‐san mar an ceudna.

10 Ach tha làn‐fhios agad air mo theagasg‐sa, mo ghnè beatha, mo rùn, mo chreideamh, m’fhad‐fhulangas, mo sheirc, m’fhoighidinn,

11 Mo gheur‐leanmhainnean, m’fhulangasan a thàinig orm ann an Antioch, ann an Iconium, ann an Listra; ciod e meud nan geur‐leanmhainn a ghiùlain mi: ach asda uile shaor an Tighearna mi.

12 Seadh, fuilingidh iadsan uile, leis an àill am beatha a chaitheamh gu diadhaidh ann an Iosa Crìosd, geur‐leanmhainn.

13 Ach fàsaidh droch dhaoine agus mealltairean nas miosa agus nas miosa, a’ mealladh, agus air am mealladh.

14 Ach buanaich thusa anns na nithean a dh’fhòghlaim thu, agus air an do rinneadh thu dearbh‐fhiosrach, air dhut fios a bhith agad cia uaithe a dh’fhòghlaim thu iad;

15 Agus o bha thu ad leanabh gum b’aithne dhut na sgriobtairean naomha, a tha comasach air do dhèanamh glic a‑chum slàinte, tre an chreideamh a tha ann an Iosa Crìosd.

16 Tha an sgriobtar uile air a dheachdadh le Spiorad Dhè, agus tha e tairbheach a‑chum teagaisg, a‑chum spreigeadh, a‑chum leasachaidh, a‑chum oilein ann am fìreantachd:

17 A‑chum gum bi òglach Dhè coileanta, làn‐deas a‑chum gach uile dheagh obrach.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan