2 Timòteus 1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Gràdh Phòil do Thimòteus. 5 An creideamh treibhdhireach a bha ann an Timòteus fhèin, agus na mhàthair agus na sheanmhair. 6 Chuir e impidh air tìodhlac Dhè a bha ann a dhùsgadh suas. 1 Pòl, abstol Iosa Crìosd tre thoil Dhè, a rèir gealladh na beatha, a tha ann an Iosa Crìosd. 2 Gu Timòteus, mo mhac gràdhach: gràs, tròcair, agus sìth o Dhia an t‑Athair, agus o Iosa Crìosd ar Tighearna. 3 Tha mi a’ toirt buidheachais do Dhia, dom bheil mi a’ dèanamh seirbhis om shinnsirean le cogais ghlain, gu bheil agam cuimhne ortsa a‑ghnàth a là agus a dh’oidhche ann am ùrnaighean; 4 Air dhomh a bhith ro‑thogarrach air thusa fhaicinn, a’ cuimhneachadh do dheur, a‑chum gum bi mi air mo lìonadh le gàirdeachas; 5 Nuair a chuimhnicheas mi an creideamh neo‐chealgach a tha annadsa, a chòmhnaich air tùs ad sheanmhair Lois, agus ad mhàthair Eunice: agus is dearbh leam a tha annadsa mar an ceudna. 6 Air an adhbhar seo tha mi a’ cur an cuimhne dhut, thu a dh’ath‐bheothachadh tìodhlac Dhè, a tha annad tre chur mo làmh‐sa ort. 7 Oir cha tug Dia dhuinne spiorad na geilt; ach spiorad a’ chumhachd, agus a’ ghràidh, agus na h‑inntinn fhallain. 8 Uime sin na gabh‐sa nàire de fhianais ar Tighearna, no dhìomsa a phrìosanach: ach biodh do chuid agad de àmhghar an t‑soisgeil, a rèir cumhachd Dhè; 9 A shaor sinne, agus a ghairm sinn le gairm naoimh, chan ann a rèir ar n‑obraichean, ach a rèir a rùin fhèin, agus a ghràis a thugadh dhuinn ann an Iosa Crìosd, ro thoiseach an t‑saoghail; 10 Ach a dh’fhoillsicheadh a‑nis tro theachd ar Slànaighir Iosa Crìosd, a chuir as don bhàs, agus a thug beatha agus neo‐bhàsmhorachd a‑chum solais, tre an t‑soisgeul; 11 A‑chum an d’òrdaicheadh mise am shearmonaiche, agus am abstol, agus am fhear‐teagaisg nan Cinneach: 12 An t‑adhbhar airson a bheil mi mar an ceudna a’ fulang nan nithean seo: gidheadh chan eil nàire orm: oir tha fhios agam cò ann a chreid mi, agus is dearbh leam gu bheil esan comasach air an nì sin a dh’earb mi ris a choimhead fa chomhair an là sin. 13 Cùm gu daingeann samhladh fìrinneach nam briathar fallain, a chuala tu uamsa, ann an creideamh agus ann an gràdh a tha ann an Iosa Crìosd. 14 Coimhead an taisgeach math sin a dh’earbadh riut, tre an Spiorad Naomh, a tha a chòmhnaidh annainn. 15 Tha fhios seo agad, gun do thill iadsan uile a tha anns an Asia uamsa; dem bheil Phigellus agus Hermogenes. 16 Gun tugadh an Tighearna tròcair do theaghlach Onesiphoruis; oir is minig a thug e sòlas dhòmhsa, agus cha do ghabh e nàire dem shlabhraidh: 17 Ach nuair a bha e anns an Ròimh dh’iarr e a‑mach mi gu dìcheallach, agus fhuair e mi. 18 Gun deònaicheadh an Tighearna dhàsan gum faigh e tròcair on Tighearna anns an là sin: agus tha sàr‐fhios agad, cia lìon nithean anns an do rinn e frithealadh dhomh ann an Ephesus. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society