2 Tesalònianaich 3 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Dh’iarr Pòl ùrnaigh nan Tesalònianach air a shon fhèin; 4 chuir e an cèill meud an earbsa a tha aige asda; 5 ghuidh e Dia as an leth; 6 thug e iomadh comhairle orra, gu h‑àraidh iad a sheachnadh dìomhanais, agus droch chuideachd. 1 Fa‑dheòidh, a bhràithrean, dèanaibh ùrnaigh air ar son‐ne, a‑chum gun ruith facal an Tighearna, agus gum bi e air a ghlòrachadh mar nur measg‐se: 2 Agus a‑chum gun saorar sinn o dhaoine mì‑reusanta agus olc: oir chan eil creideamh aig na h‑uile. 3 Ach tha an Tighearna dìleas, a dhaingnicheas, agus a choimheadas on olc sibh. 4 Agus tha earbsa againn anns an Tighearna dur taobh, gu bheil sibh araon a’ dèanamh, agus gun dèan sibh, na nithean a tha sinn ag àithneadh dhuibh. 5 Agus gun seòladh an Tighearna ur cridheachan a‑chum gràdh Dhè, agus a‑chum foighidinn Chrìosd. 6 A‑nis àithneamaid dhuibh, a bhràithrean, ann an ainm ar Tighearna Iosa Crìosd, sibh fhèin a dhealachadh ris gach uile bhràthair a tha ag imeachd gu mì‑riaghailteach, agus chan ann a rèir an teagaisg a fhuair e uainne. 7 Oir tha fhios agaibh fhèin cionnas as còir dhuibh ar lorg‐ne a leantainn: oir cha do ghiùlain sinn sinn fhèin gu mì‑riaghailteach nur measg; 8 Cha mhò a dh’ith sinn aran duine sam bith an asgaidh; ach le saothair agus anshocair, a dh’oidhche agus a là ri obair, a‑chum nach cuireamaid ar trom air aon agaibh: 9 Chan e nach eil comas againn, ach a‑chum gun dèanamaid sinn fhèin nar n‑eisempleir dhuibhse, gu ar leantainn. 10 Oir nuair a bha sinn maille ribh, thug sinn an àithne seo dhuibh, mura àill le neach obair a dhèanamh, gun e dh’ithe bìdh. 11 Oir tha sinn a’ cluinntinn gu bheil daoine àraidh ag imeachd gu mì‑riaghailteach nur measg, nach eil a’ dèanamh obrach sam bith, ach a’ gabhail gnothaich ri nithean nach buin dhaibh. 12 A‑nis tha sinn a’ toirt àithne dan leithidean sin, agus ag earail orra tre ar Tighearna Iosa Crìosd, le saothrachadh gu ciùin, gun ith iad an aran fhèin. 13 Agus sibhse, a bhràithrean, na sgìthichibh de dhèanamh maith. 14 Agus ma tha neach sam bith nach toir ùmhlachd dar facal‐ne tre an litir seo, comharraichibh esan, agus na biodh coluadar agaibh ris, a‑chum gum bi nàire air. 15 Gidheadh na measaibh e mar nàmhaid, ach thugaibh comhairle air mar bhràthair. 16 A‑nis gun tugadh Tighearna na sìthe e fhèin sìth dhuibhse a‑ghnàth air gach aon chor. Gu robh an Tighearna maille ribh uile. 17 Fàilte uamsa Pòl lem làimh fhèin, nì as e an comharradh anns gach uile litir: mar seo tha mi a’ sgrìobhadh. 18 Gràs ar Tighearna Iosa Crìosd gu robh maille ribh uile. Amen. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society