Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Samuel 8 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Bhuail Daibhidh na Philistich, agus thug e na Moabaich fo chìs. 3 Bhuail e Hadadeser agus na Sirianaich. 9 Chuir Toi a mhac le tìodhlacan da ionnsaigh. 11 Choisrig e iad don Tighearna. 14 Shuidhich e freiceadain ann an Edom.

1 Agus an dèidh seo bhuail Daibhidh na Philistich, agus cheannsaich e iad: agus ghlac Daibhidh Metegamah à làimh nam Philisteach.

2 Agus bhuail e na Mòabaich, agus thomhais e iad le còrd, gan tilgeadh sìos gu làr: eadhon le dà chòrd thomhais e a thabhairt bàis, agus le aon chòrd iomlan a ghleidheadh beò. Agus bha na Mòabaich nan seirbhisich aig Daibhidh, agus thug iad tìodhlacan leo.

3 Bhuail Daibhidh mar an ceudna Hadadeser mac Rehoib, rìgh Shobah, nuair a chaidh e a chosnadh a chrìche air a h‑ais aig abhainn Euphràtes.

4 Agus thug Daibhidh uaithe mìle carbad, agus seachd ceud marcaiche, agus fichead mìle coisiche: agus gheàrr Daibhidh speirean eich nan carbad uile, ach dh’fhàg e dhiubh dìol ceud carbad.

5 Agus nuair a thàinig Sirianaich Dhamascais a chuideachadh le Hadadeser rìgh Shobah, bhuail Daibhidh de na Sirianaich dà mhìle ar fhichead fear.

6 An sin chuir Daibhidh freiceadain ann an Siria Dhamascais: agus bha na Sirianaich nan seirbhisich aig Daibhidh, agus thug iad leo tìodhlacan: agus ghlèidh an Tighearna Daibhidh gach taobh a chaidh e.

7 Agus ghabh Daibhidh na sgiathan òir a bha aig seirbhisich Hadadeseir, agus thug e iad gu Ierusalem.

8 Agus o Bhetah, agus o Bherotai, bailtean Hadadeseir, thug rìgh Daibhidh ro‑mhòran umha.

9 Nuair a chuala Toi rìgh Hamait gun do bhuail Daibhidh sluagh Hadadeseir uile,

10 An sin chuir Toi a mhac Ioram gu rìgh Daibhidh, a chur fàilte air, agus ga bheannachadh, a chionn gun do chog e ri Hadadeser, agus gun do bhuail e e: (oir bha cogadh aig Hadadeser ri Toi:) agus na làimh bha soithichean airgid, agus soithichean òir, agus soithichean umha.

11 Iad sin mar an ceudna choisrig rìgh Daibhidh don Tighearna, maille ris an airgead agus ris an òr a choisrig e o na h‑uile chinnich a cheannsaich e;

12 O Shiria, agus o Mhòab, agus o chloinn Amoin, agus o na Philistich, agus o Amalec, agus o chreich Hadadeseir, mhic Rehoib, rìgh Shobah.

13 Agus fhuair Daibhidh ainm dha fhèin, nuair a thill e o bhualadh nan Edomach ann an gleann an t‑salainn, ochd‐mìle‐deug fear.

14 Agus chuir e freiceadain ann an Edom: air feadh Edoim uile chuir e freiceadain; agus bha na h‑Edomaich uile nan seirbhisich aig Daibhidh: agus ghlèidh an Tighearna Daibhidh gach taobh a chaidh e.

15 Agus rìghich Daibhidh air Israel uile; agus rinn Daibhidh breitheanas agus ceartas da shluagh uile.

16 Agus bha Ioab mac Sheruiah os cionn na h‑armailte; agus bha Iehosaphat mac Ahiluid na sheanchaidh;

17 Agus bha Sadoc mac Ahituib, agus Ahimelech mac Abiatair nan sagartan, agus Seraiah na sgrìobhaiche;

18 Agus bha Benaiah mac Iehoiada os cionn nan Cereteach agus nam Peleteach: agus bha mic Dhaibhidh nan àrd uachdarain.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan