2 Samuel 7 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Thoirmisg Nàtan do Dhaibhidh taigh a thogail do Dhia. 12 Gheall Dia dha sochairean agus beannachadh na shliochd. 18 Ùrnaigh agus buidheachas Dhaibhidh. 1 Agus nuair a shuidh an rìgh na thaigh, agus a thug an Tighearna fois dha o a naimhdean uile mun cuairt, 2 Thubhairt an rìgh ri Nàtan am fàidh, Feuch a‑nis, tha mise am chòmhnaidh ann an taigh seudair, ach tha àirc Dhè na còmhnaidh an taobh a‑staigh de chùirteanan. 3 Agus thubhairt Nàtan ris an rìgh, Falbh, dèan gach nì a tha ann ad chridhe; oir tha an Tighearna maille riut. 4 Agus air an oidhche sin fhèin thàinig facal an Tighearna gu Nàtan, ag ràdh, 5 Falbh agus innis dom òglach Daibhidh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, An tog thusa taigh dhòmhsa, a‑chum gun gabhainn còmhnaidh ann? 6 Oir cha do ghabh mise còmhnaidh ann an taigh on là anns an tug mi a‑nìos clann Israeil as an Eiphit, eadhon gus an là‑an‑diugh, ach bha mi ag imeachd ann am bùth agus ann am pàillean. 7 Anns gach àite don d’imich mi maille ri cloinn Israeil uile, an do labhair mi facal ri aon air bith de bhritheamhan Israeil, don d’àithn mi mo shluagh Israel a bheathachadh, ag ràdh, Carson nach tog sibh dhòmhsa taigh seudair? 8 A‑nis uime sin, mar seo their thu rim sheirbhiseach Daibhidh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Thug mise thu o mhainnir nan caorach, o bhith a’ leantainn nan caorach, gu bhith ann ad cheannard air mo shluagh, air Israel: 9 Agus bha mi maille riut anns gach àite don deachaidh tu, agus gheàrr mi às do naimhdean uile od fhianais, agus rinn mi dhut ainm mòr, mar ainm nan daoine mòra a tha air an talamh. 10 Agus òrdaichidh mi àite airson mo shluaigh Israel, agus suidhichidh mi iad, agus gabhaidh iad còmhnaidh nan àite fhèin, agus cha ghluaisear iad nas mò: agus cha sàraich clann na h‑aingidheachd iad tuilleadh mar air tùs, 11 Agus on àm anns an d’àithn mi britheamhan a bhith os cionn mo shluaigh Israel: agus bheir mi dhut fois od naimhdean gu lèir. Mar an ceudna tha an Tighearna ag innse dhut gun dèan an Tighearna taigh dhut. 12 Agus nuair a choileanar do làithean, agus a chaidleas tu maille rid athraichean, togaidh mi suas do shliochd ad dhèidh, a thig a‑mach à d’innibh; agus daingnichidh mi a rìoghachd. 13 Togaidh esan taigh dom ainm‐sa, agus daingnichidh mise rìgh‐chathair a rìoghachd gu bràth. 14 Bidh mi am athair aigesan, agus bidh esan na mhac agamsa: ma nì e aingidheachd, smachdaichidh mi e le slait dhaoine, agus le buillean clann nan daoine: 15 Ach chan imich mo thròcair air falbh uaithe, mar a thug mi air falbh i o Shaul, a chuir mi air falbh od fhianais‐sa. 16 Agus bidh do thaigh seasmhach, agus do rìoghachd gu bràth am fhianais‐sa: bidh do rìgh‐chathair daingeann gu bràth. 17 A rèir nam briathran seo uile, agus a rèir an taisbeanaidh seo uile, mar sin labhair Nàtan ri Daibhidh. 18 An sin chaidh rìgh Daibhidh a‑steach, agus shuidh e am fianais an Tighearna, agus thubhairt e, Cò mise, O Thighearna Dhè, agus ciod e mo thaigh, gun tug thu mi gu ruige seo? 19 Agus bu bheag an nì seo fhathast ad shùilean‐sa, a Thighearna Dhè: ach labhair thu mar an ceudna a‑thaobh taigh do sheirbhisich rè aimsir fhada ri teachd: agus an e seo gnàth duine, a Thighearna Dhè? 20 Agus ciod tuilleadh a dh’fhaodas Daibhidh a ràdh riut? Oir is aithne dhut do sheirbhiseach, a Thighearna Dhè. 21 Airson d’fhacail, agus a rèir do chridhe fhèin, rinn thu na nithean mòra seo uile, a thoirt air do sheirbhiseach eòlas a ghabhail orra. 22 Uime sin tha thu mòr, a Thighearna Dhè: oir chan eil neach ann cosmhail riut, agus chan eil Dia ann ach thusa, a rèir gach nì a chuala sinn le ar cluasan. 23 Agus cia an cinneach air thalamh cosmhail rid shluagh‐sa, cosmhail ri Israel, a chaidh Dia a shaoradh mar shluagh dha fhèin, agus a dhèanamh ainme dha fhèin, agus a dhèanamh air an son nithean mòra agus uamhasach, airson do thìre, am fianais do shluaigh a shaor thu dhut fhèin as an Eiphit, o na cinnich agus on diathan? 24 Oir dhaingnich thu dhut fhèin do shluagh Israel, gu bhith nan sluagh dhut gu bràth; agus tha thusa, a Thighearna, ad Dhia aca. 25 Agus a‑nis, a Thighearna Dhè, am facal a labhair thu a‑thaobh do sheirbhisich, agus a‑thaobh a thaighe, dèan seasmhach e gu bràth; agus dèan mar a thubhairt thu. 26 Agus àrdaichear d’ainm gu bràth, ag ràdh, Is e Tighearna nan sluagh as Dia os cionn Israeil: agus biodh taigh do sheirbhisich Daibhidh daingeann ad fhianais: 27 Oir dh’fhoillsich thusa, a Thighearna nan sluagh, a Dhè Israeil, dod sheirbhiseach, ag ràdh, Togaidh mi taigh dhut; uime sin fhuair do sheirbhiseach na chridhe an ùrnaigh seo a dhèanamh riut. 28 Agus a‑nis, a Thighearna Dhè, is tu fhèin Dia, agus is iad do bhriathran an fhìrinn, agus gheall thu am maitheas seo dod sheirbhiseach: 29 A‑nis uime sin gum bu toigh leat taigh do sheirbhisich a bheannachadh, a‑chum gum mair e gu bràth ad fhianais: oir labhair thusa e, a Thighearna Dhè, agus led bheannachadh beannaichear taigh do sheirbhisich gu bràth. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society