2 Samuel 23 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Na bhriathran deireannach chuir Daibhidh an cèill sonas an duine ionraic, agus sgrios an aingidh. 8 Ainmean a dhaoine treuna. 1 A‑nis is iad seo briathran deireannach Dhaibhidh. Thubhairt Daibhidh mac Iese, agus thubhairt an duine a chuireadh suas gu h‑àrd, aon ungte Dia Iàcoib, agus salmadair binn Israeil: 2 Labhair spiorad an Tighearna tromhamsa, agus a fhacal air mo theangaidh. 3 Thubhairt Dia Israeil, labhair carraig Israeil riumsa: Bidh esan a riaghlas os cionn dhaoine cearta a’ riaghladh ann an eagal Dhè: 4 Agus mar sholas na maidne nuair a dh’èireas a’ ghrian, madainn gun neòil; mar am feur a’ fàs as an talamh le dealradh an dèidh uisge. 5 Ged nach eil mo thaigh mar sin aig Dia, gidheadh rinn e coicheangal sìorraidh riumsa, air a shuidheachadh anns gach nì, agus a choimheadar: oir is e seo mo shlàinte uile, agus mo mhiann uile, ged nach eil e a’ toirt air fàs. 6 Ach bidh mic Bheliail uile mar dhroigheann a thilgear air falbh, a chionn nach glacar le làimh iad: 7 Ach am fear a bheanas riu, dìonar e le iarann, agus le crann sleagha; agus le teine loisgear gu tur iad far am fàs iad. 8 Is iad seo ainmean nan daoine treuna a bha aig Daibhidh: Iasobeam, mac Hachmoni, na cheann air triùir; thog esan a shleagh an aghaidh trì cheud, a mharbhadh leis anns an aon àm. 9 Agus na dhèidh‐san bha Eleàsar mac Dhodo an t‑Ahohach, aon den triùir dhaoine treuna a bha maille ri Daibhidh, nuair a thug iad dùbhlan do na Philistich a chruinnicheadh an sin gu cath, agus a dh’imich fir Israeil romhpa. 10 Dh’èirich esan agus bhuail e na Philistich gus an robh a làmh sgìth, agus an do lean a làmh ris a’ chlaidheamh. Agus dh’obraich an Tighearna saorsa mhòr air an là sin; agus thill an sluagh na dhèidh a‑mhàin a dh’fhaobhachadh. 11 Agus na dhèidh‐san bha Samah, mac Agee, an t‑Hararach. Agus chruinnicheadh na Philistich nam buidhinn, far an robh mìr fearainn làn de ghall‐pheasair; agus theich an sluagh ro na Philistich. 12 Ach sheas esan ann am meadhon an fhearainn, agus dhìon e e, agus bhuail e na Philistich: agus dh’obraich an Tighearna saorsa mhòr. 13 Agus chaidh triùir de na deich‐ceannardan‐fichead sìos, agus thàinig iad ann an àm an fhogharaidh a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, do uaimh Adullaim: agus champaich buidheann nam Philisteach ann an gleann Rephaim. 14 Agus bha Daibhidh an sin ann an daingneach, agus bha freiceadan nam Philisteach an sin ann am Betlehem. 15 Agus mhiannaich Daibhidh, agus thubhairt e, O gun tugadh fear‐eigin dhomh deoch uisge o thobar Bhetlehem, a tha làimh ris a’ gheata! 16 Agus bhris an triùir dhaoine treuna a‑steach tro fheachd nam Philisteach, agus tharraing iad uisge à tobar Bhetlehem, a bha làimh ris a’ gheata, agus ghabh iad e, agus thug iad leo e a dh’ionnsaigh Dhaibhidh: gidheadh cha b’àill leis òl dheth, ach thaom e a‑mach e don Tighearna. 17 Agus thubhairt e, Guma fada uamsa, a Thighearna, seo a dhèanamh: an òlainn‐sa fuil nan daoine a chaidh ann an cunnart an anama? Uime sin cha b’àill leis òl dheth. Na nithean sin rinn an triùir dhaoine treuna. 18 Agus bha Abisai bràthair Ioaib, mac Sheruiah, na cheann air triùir; agus thog e suas a shleagh an aghaidh trì cheud, a mharbh e; agus fhuair e ainm am measg thriùir. 19 Den triùir nach b’e a b’urramaiche? Uime sin bha e na cheannard orra: gidheadh, cha do ràinig e gu ruig a’ chiad triùir. 20 Agus Benaiah mac Iehoiada, mac duine gaisgeil, o Chabseel, a rinn mòran ghnìomharan, mharbh esan dithis fhear leòmhannta de Mhòab: chaidh e sìos mar an ceudna, agus mharbh e leòmhann ann am meadhon sluic an àm sneachda. 21 Agus mharbh e Eiphiteach, duine comharraichte: agus ann an làimh an Eiphitich bha sleagh; ach chaidh esan sìos da ionnsaigh le luirg, agus spìon e an t‑sleagh à làimh an Eiphitich agus mharbh e le a shleagh fhèin e. 22 Na nithean sin rinn Benaiah mac Iehoiada; agus bha ainm aige am measg triùir dhaoine treuna. 23 Den triùir b’e a b’urramaiche, ach cha do ràinig e gu ruig a’ chiad triùir: agus chuir Daibhidh e os cionn a fhreiceadain. 24 Bha Asahel bràthair Ioaib am measg an deich‐ar‑fichead, Elhanan mac Dhodo, o Bhetlehem, 25 Samah an t‑Harodach, Elica an t‑Harodach, 26 Heles am Paltach, Ira mac Iceis an Tecoach, 27 Abieser an t‑Anetotach, Mebunai an t‑Husatach, 28 Salmon an t‑Ahohach, Maharai an Netophatach, 29 Heleb mac Bhaanah, an Netophatach, Itai mac Ribai o Ghibeah chloinn Bheniàmin. 30 Benaiah am Piratonach, Hidai o shruthan Ghaais, 31 Abialbon an t‑Arbatach, Asmabhet am Barhumach, 32 Eliahba na Saalbonach: de mhic Iasein, Ionatan, 33 Samah an t‑Hararach, Ahiam mac Sharair an t‑Hararach, 34 Eliphelet mac Ahasbai mhic a’ Mhaachataich, Eliam mac Ahitopheil an Gilonach, 35 Hesrai an Carmeleach, Paarai an t‑Arbach, 36 Igal mac Nàtain o Shobah, Bani an Gadach, 37 Selec an t‑Amonach, Naharai am Beerotach, fear‐iomchair arm Ioaib mhic Sheruiah, 38 Ira an t‑Itreach, Gareb an t‑Itreach, 39 Uriah an t‑Hiteach: seachd‐deug ar fhichead uile. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society