Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Samuel 2 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Chaidh Daibhidh suas gu Hebron, agus an sin rinneadh rìgh dheth os cionn Iùdah. 8 Rinn Abner Isboset na rìgh air Israel. 17 Bhuaileadh Abner agus fir Israeil ro sheirbhisich Dhaibhidh.

1 Agus na dhèidh seo dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, ag ràdh, An tèid mi suas gu aon de bhailtean Iùdah? Agus thubhairt an Tighearna ris, Falbh suas. Agus thubhairt Daibhidh, Càit an tèid mi suas? Agus thubhairt esan, Gu Hebron.

2 Agus chaidh Daibhidh suas an sin, agus mar an ceudna a dhà mhnaoi, Ahinoam a’ bhan‐Iesreeleach, agus Abigail bean Nàbeil, an Carmeleach.

3 Agus a dhaoine a bha maille ris thug Daibhidh suas leis, gach fear le a theaghlach; agus ghabh iad còmhnaidh ann am bailtean Hebroin.

4 Agus thàinig daoine Iùdah, agus dh’ung iad an sin Daibhidh na rìgh os cionn taigh Iùdah. Agus dh’innis iad do Dhaibhidh, ag ràdh, B’iad daoine Iabeis‐ghilead a dh’adhlaic Saul.

5 Agus chuir Daibhidh teachdairean a dh’ionnsaigh daoine Iabeis‐ghilead, agus thubhairt e riu, Beannaichte gu robh sibh on Tighearna, a‑thaobh gun do nochd sibh an coibhneas seo dur tighearna, do Shaul, agus gun d’adhlaic sibh e.

6 Agus a‑nis, gun nochdadh an Tighearna coibhneas dhuibhse, agus fìrinn: agus dìolaidh mise mar an ceudna am maitheas seo dhuibh, do bhrìgh gun do rinn sibh an nì seo.

7 A‑nis uime sin biodh ur làmhan air an neartachadh, agus bithibh gaisgeil; oir tha ur tighearna Saul marbh, agus mar an ceudna dh’ung taigh Iùdah mise am rìgh os an cionn.

8 Ach ghabh Abner mac Neir, ceannard armailt Shauil, Isboset mac Shauil, agus thug e thairis e gu Mahanaim:

9 Agus rinn e e na rìgh air Gilead, agus air na h‑Asuraich, agus air Iesreel, agus air Ephraim, agus air Beniàmin, agus air Israel uile.

10 Dà‑fhichead bliadhna a dh’aois bha Isboset mac Shauil nuair a thòisich e air rìoghachadh os cionn Israeil, agus rìghich e dà bhliadhna: ach lean taigh Iùdah Daibhidh.

11 Agus b’e àireamh nan làithean a bha Daibhidh na rìgh ann an Hebron air taigh Iùdah, seachd bliadhna agus sia mìosan.

12 Agus chaidh Abner mac Neir, agus seirbhisich Isboseit mhic Shauil a‑mach o Mhahanaim gu Gibeon.

13 Agus chaidh Ioab mac Sheruiah agus seirbhisich Dhaibhidh a‑mach, agus choinnich iad a chèile aig lochan Ghibeoin: agus shuidh iad sìos, iad seo air aon taobh den lochan, agus iad siud air an taobh eile den lochan.

14 Agus thubhairt Abner ri Ioab, Eireadh na h‑òganaich a‑nis, agus dèanadh iad fearas‐chuideachd nar fianais. Agus thubhairt Ioab, Eireadh iad.

15 An sin dh’èirich suas agus chaidh thairis dà‑fhear‐dheug ann an àireamh de Bheniàmin, a bhuineadh do Isboset mac Shauil, agus dà‑fhear‐dheug de sheirbhisich Dhaibhidh.

16 Agus rug gach fear dhiubh air ceann a chompanaich, agus shàth e a chlaidheamh ann an lethtaobh a chompanaich, agus thuit iad sìos cuideachd: uime sin thugadh mar ainm air an àite sin Helcat‐hasurim, a tha ann an Gibeon.

17 Agus bha cath ro‑chruaidh ann air an là sin: agus bhuaileadh Abner agus fir Israeil fa chomhair seirbhisich Dhaibhidh.

18 Agus bha trì mic Sheruiah an sin, Ioab, agus Abisai, agus Asahel: agus bha Asahel cho luath da chois ri boc‐earba na machrach.

19 Agus chaidh Asahel air tòir Abneir; agus cha do chlaon e na shiubhal a dh’ionnsaigh na làimh deise no na làimhe clìthe, o dhol an dèidh Abneir.

20 An sin dh’amhairc Abner na dhèidh, agus thubhairt e, An tusa Asahel? Agus fhreagair esan, Is mi.

21 Agus thubhairt Abner ris, Tionndaidh a dh’ionnsaigh do làimhe deise no a dh’ionnsaigh do làimhe clìthe, agus glac aon de na h‑òganaich, agus gabh ad ionnsaigh armachd. Ach cha b’àill le Asahel tionndadh o esan a leantainn.

22 Agus thubhairt Abner a‑rìs ri Asahel, Tionndaidh o mise a leantainn; carson a bhuailinn thu gu làr? Cionnas an sin a thogainn suas m’aghaidh ri Ioab, do bhràthair?

23 Gidheadh dhiùlt esan tionndadh; uime sin bhuail Abner e le eàrr na sleagh fon chòigeamh aisne, agus thàinig an t‑sleagh a‑mach air a chùlaibh; agus thuit e an sin, agus fhuair e bàs anns an àite sin fhèin: agus iadsan uile a thàinig a dh’ionnsaigh an àit anns an do thuit Asahel sìos agus anns an d’fhuair e bàs, dh’fhan iad nan seasamh.

24 Chaidh Ioab mar an ceudna agus Abisai air tòir Abneir: agus laigh a’ ghrian nuair a thàinig iad gu sliabh Amah, a tha fa chomhair Ghiah, air slighe fàsach Ghibeoin.

25 Agus chruinnich clann Bheniàmin iad fhèin an ceann a chèile gu dol an dèidh Abneir, agus bha iad nan aon bhuidhinn, agus sheas iad air mullach cnuic.

26 An sin ghlaodh Abner ri Ioab, agus thubhairt e, An sgrios an claidheamh gu bràth? Nach eil fhios agad gum bi searbhas ann fa dheireadh? Cia fhad a bhios e, matà, mun abair thu ris an t‑sluagh tilleadh o leantainn am bràithrean?

27 Agus thubhairt Ioab, Mar as beò Dia, mura biodh tu air labhairt, gu deimhinn an sin anns a’ mhadainn rachadh an sluagh suas gach fear o leantainn a bhràthar.

28 Uime sin shèid Ioab trompaid, agus stad an sluagh uile, agus cha deachaidh iad nas mò air tòir Israeil, agus cha do chog iad nas mò.

29 Agus dh’imich Abner agus a dhaoine air feadh a’ chòmhnaird rè na h‑oidhche sin, agus chaidh iad thar Iòrdan, agus chaidh iad tro Bhitron uile, agus thàinig iad gu Mahanaim.

30 Agus thill Ioab o dhol an dèidh Abneir: agus nuair a chruinnich e an sluagh uile an ceann a chèile, dh’ionndrainneadh de sheirbhisich Dhaibhidh naoi‐fir‐dheug agus Asahel.

31 Ach bhuail seirbhisich Dhaibhidh de Bheniàmin, agus de dhaoine Abneir, trì cheud agus trì‐fichead fear, a fhuair bàs.

32 Agus thog iad leo Asahel, agus dh’adhlaic iad e ann an àit‐adhlacaidh a athar, a bha ann am Betlehem: agus dh’imich Ioab agus a dhaoine rè na h‑oidhche, agus thàinig iad gu Hebron mu bhriseadh na fàire.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan