2 Samuel 15 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Ghoid Absalom cridheachan chloinn Israeil, agus rinn e ceannairc làidir an aghaidh Dhaibhidh. 13 Theich Daibhidh o Ierusalem. 24 Chuireadh Sadoc agus Abiatar air an ais leis an àirc. 1 Agus an dèidh seo dh’ullaich Absalom dha fhèin carbadan, agus eich, agus leth‐cheud fear gu ruith roimhe. 2 Agus dh’èirich Absalom gu moch, agus sheas e làimh ri slighe a’ gheata; agus nuair a thigeadh neach air bith aig an robh cùis‐lagha a dh’ionnsaigh an rìgh a‑chum breitheanais, an sin ghairmeadh Absalom air, agus theireadh e, Ciod am baile as a bheil thu? Agus theireadh esan, O aon de threubhan Israeil tha do sheirbhiseach. 3 Agus theireadh Absalom ris, Feuch, tha d’fhacail math agus ceart; ach chan eil neach air bith ann air òrdachadh leis an rìgh gu èisdeachd riut. 4 Theireadh Absalom cuideachd, O nach robh mise air mo shuidheachadh am bhritheamh anns an tìr, a‑chum am ionnsaigh‐sa gun tigeadh gach duine aig a bheil còmhstri no cùis‐lagha, agus dhèanainn ceartas dha! 5 Agus nuair a thigeadh duine sam bith am fagas dha a dhèanamh ùmhlachd dha, chuireadh e a‑mach a làmh, agus bheireadh e air, agus phògadh e e. 6 Agus air an dòigh seo rinn Absalom ri Israel uile a thàinig a‑chum breitheanais a dh’ionnsaigh an rìgh: agus ghoid Absalom cridheachan daoine Israeil. 7 Agus an ceann ceithir bliadhna thubhairt Absalom ris an rìgh, Leig dhomh imeachd, guidheam ort, agus mo bhòid a dhìoladh a bhòidich mi don Tighearna ann an Hebron. 8 Oir bhòidich do sheirbhiseach bòid nuair a bha mi am chòmhnaidh ann an Gesur ann an Siria, ag ràdh, Ma bheir an Tighearna mi gu dearbh a‑rìs gu Ierusalem, an sin nì mi seirbhis don Tighearna. 9 Agus thubhairt an rìgh ris, Imich ann an sìth. Agus dh’èirich e, agus chaidh e gu Hebron. 10 Ach chuir Absalom luchd‐bratha air feadh uile threubhan Israeil, ag ràdh, Cho luath is a chluinneas sibh fuaim na trompaid, an sin their sibh, Tha Absalom na rìgh ann an Hebron. 11 Agus maille ri Absalom chaidh dà cheud fear a‑mach à Ierusalem, a ghairmeadh, agus dh’imich iad ann an treibhdhireas an cridhe, agus cha robh fhios nì sam bith aca. 12 Agus chuir Absalom fios air Ahitophel an Gilonach, comhairliche Dhaibhidh, o a bhaile, eadhon o Ghiloh, nuair a bha e ag ìobradh ìobairtean: agus bha a’ cheannairc làidir; oir bha an sluagh a’ sìor dhol an lìonmhorachd maille ri Absalom. 13 Agus thàinig teachdaire a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, ag ràdh, Tha cridheachan fir Israeil an dèidh Absaloim. 14 Agus thubhairt Daibhidh ra sheirbhisich uile a bha maille ris ann an Ierusalem, Eiribh, agus teicheamaid; oir mura dèan sinn sin, cha bhi dol as againn o aghaidh Absaloim; greasaibh agus imichibh, air eagal gun dèan e cabhag, agus gum beir e oirnn, agus gun tarraing e olc oirnn, agus gum buail e am baile le faobhar a’ chlaidheimh. 15 Agus thubhairt seirbhisich an rìgh ris an rìgh, A rèir gach nì as àill lem thighearna, an rìgh, feuch, nì do sheirbhisich. 16 Agus chaidh an rìgh a‑mach, agus a theaghlach uile na dhèidh: a‑mhàin dh’fhàg an rìgh deichnear bhan a bha nan coileabaich aige, a ghleidheadh an taighe. 17 Agus chaidh an rìgh a‑mach, agus an sluagh uile na dhèidh, agus dh’fhan iad ann an àit a bha fad as. 18 Agus chaidh a sheirbhisich uile thairis làimh ris; agus chaidh na Ceretich uile, agus na Peletich uile, agus na Gitich uile, sia ceud fear a thàinig na dhèidh o Ghat, thairis ron rìgh. 19 Agus thubhairt an rìgh ri Itai an Giteach, Carson a tha thusa mar an ceudna a’ dol maille rinne? Till gud àite, agus fan maille ris an rìgh; oir is coigreach thu, agus mar an ceudna fògarrach od àite fhèin. 20 An‑dè a‑mhàin thàinig thu, agus an‑diugh an toir mise ort dol air faondradh maille rinne? Oir thèid mise an taobh a tha mi gu dol: till thusa, agus thoir air an ais do bhràithrean leat; agus gun nochdadh an Tighearna dhut tròcair agus fìrinn. 21 Agus fhreagair Itai an rìgh, agus thubhairt e, Mar as beò an Tighearna, agus mar as beò mo thighearna, an rìgh, gu cinnteach ge bè àit anns am bi mo thighearna, an rìgh, mas ann a‑chum bàis no a‑chum beatha, eadhon an sin bidh do sheirbhiseach. 22 An sin thubhairt Daibhidh ri Itai, Imich, agus gabh thairis. Agus chaidh Itai an Giteach thairis, agus a dhaoine uile, agus a’ chlann bheag uile a bha maille ris. 23 Agus ghuil an tìr uile le guth àrd, agus chaidh an sluagh uile thairis; chaidh an rìgh cuideachd thairis air sruth Chidroin, agus chaidh an sluagh uile thairis an làimh na slighe don fhàsach. 24 Agus, feuch, bha Sadoc mar an ceudna, agus na Lèbhithich uile maille ris, a’ giùlan àirc coicheangal Dhè, agus shuidhich iad àirc Dhè: agus chaidh Abiatar suas, gus an do sguir an sluagh uile de dhol a‑mach as a’ bhaile. 25 Agus thubhairt an rìgh ri Sadoc, Thoir air a h‑ais àirc Dhè don bhaile; ma gheibh mi deagh‐ghean ann an sùilean an Tighearna bheir e air m’ais mi, agus nochdaidh e dhomh e fhèin, agus a àite‐còmhnaidh. 26 Ach ma their e mar seo, Chan eil tlachd agam annad; feuch, tha mise an seo, dèanadh e rium mar as math leis. 27 Thubhairt an rìgh mar an ceudna ri Sadoc an sagart, Nach fear‐seallaidh thusa? Till don bhaile ann an sìth, agus Ahimas do mhac fhèin, agus Ionatan mac Abiatair, ur dithis mhac maille ribh. 28 Faicibh, fanaidh mise ann an còmhnardan an fhàsaich, gus an tig facal uaibhse a thoirt fios dhomh. 29 Uime sin thug Sadoc agus Abiatar àirc Dhè a‑rìs gu Ierusalem; agus dh’fhan iad an sin. 30 Agus chaidh Daibhidh suas ri uchdaich Sliabh nan Crann‐ola, a’ dol suas agus a’ gul, agus a cheann còmhdaichte, agus e ag imeachd cas‐ruisgte: agus chòmhdaich an sluagh uile a bha maille ris, gach fear dhiubh, a cheann, agus chaidh iad suas, ag imeachd agus a’ gul. 31 Agus dh’innis neach do Dhaibhidh, ag ràdh, Tha Ahitophel am measg an luchd‐ceannairc maille ri Absalom. Agus thubhairt Daibhidh, Tionndaidh, a Thighearna, guidheam ort, comhairle Ahitopheil gu amaideachd. 32 Agus nuair a thàinig Daibhidh gu mullach an t‑slèibh, far an do rinn e adhradh do Dhia, feuch, thàinig Husai an t‑Arcach na choinneamh, le a chòta reubte, agus ùir air a cheann. 33 Agus thubhairt Daibhidh ris, Ma thèid thu thairis maille riumsa, an sin bidh tu ad eallaich orm. 34 Ach ma thilleas tu don bhaile, agus ma their thu ri Absalom, Bidh mise am sheirbhiseach dhut, a rìgh; bu sheirbhiseach dod athair mi gu ruige seo, agus a‑nis bidh mi mar an ceudna am sheirbhiseach dhutsa; an sin bheir thu air mo shon‐sa comhairle Ahitopheil gu neoni. 35 Agus nach eil maille riut an sin Sadoc agus Abiatar na sagartan? Agus gach facal a chluinneas tu à taigh an rìgh, innsidh tu e do Shadoc agus do Abiatar na sagartan. 36 Feuch, tha an sin maille riu an dithis mhac, Ahimaas mac Shadoic, agus Ionatan mac Abiatar: len làimh‐san cuiridh sibh am ionnsaigh‐sa gach facal a chluinneas sibh. 37 Uime sin thàinig Husai caraid Dhaibhidh don bhaile, agus thàinig Absalom gu Ierusalem. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society