2 Samuel 14 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Chuir Ioab fios air mnaoi ghlic o Thecoah, agus chuir e facail na beul a bhrosnachadh Dhaibhidh gu Absalom a thoirt dhachaidh. 23 Thug Ioab Absalom gu Ierusalem. 1 Agus thuig Ioab, mac Sheruiah, gu robh cridhe an rìgh air Absalom. 2 Agus chuir Ioab fios gu Tecòah, agus thug e as a sin bean ghlic, agus thubhairt e rithe, Leig ort a bhith ri bròn, guidheam ort, agus cuir ort a‑nis aodach bròin, agus na ung thu fhèin le ola, ach bi mar mhnaoi a tha a‑nis fada ri bròn airson mairbh: 3 Agus thèid thu a dh’ionnsaigh an rìgh, agus labhraidh tu ris air an dòigh seo. Agus chuir Ioab na facail na beul. 4 Agus thàinig a’ bhean o Thecòah a dh’ionnsaigh an rìgh, agus thuit i air a h‑aghaidh gu làr, agus rinn i ùmhlachd, agus thubhairt i, Cobhair orm, a rìgh! 5 Agus thubhairt an rìgh rithe, Ciod a tha a’ tighinn riut? Agus fhreagair ise, Gu deimhinn is bantrach mi; oir fhuair m’fhear bàs. 6 Agus bha aig do bhanoglaich dithis mhac, agus chaidh iad a‑mach air a chèile anns an achadh, agus cha robh neach ann a chuireadh eatorra: agus bhuail fear dhiubh am fear eile, agus mharbh e e. 7 Agus, feuch, dh’èirich an teaghlach uile an aghaidh do bhanoglaich, agus thubhairt iad, Thoir seachad esan a bhuail a bhràthair, a‑chum gum marbh sinn e airson anam a bhràthar a mharbh e, agus gum marbh sinn an t‑oighre mar an ceudna: agus mar sin mùchaidh iad m’èibhleag a dh’fhàgadh, air chor is nach fàg iad aig m’fhear aon chuid ainm no iarmad air aghaidh na talmhainn. 8 Agus thubhairt an rìgh ris a’ mhnaoi, Imich a dh’ionnsaigh do thaighe, agus bheir mise àithne mud thimcheall. 9 Agus thubhairt a’ bhean o Thecòah ris an rìgh, Ormsa, a thighearna, a rìgh, biodh am peacadh, agus air taigh m’athar; agus biodh an rìgh agus a rìgh‐chathair neo‐chiontach. 10 Agus thubhairt an rìgh, Ge bè neach a their nì sam bith riut, thoir am ionnsaigh‐sa e, agus cha bhean e riut nas mò. 11 An sin thubhairt ise, Cuimhnicheadh, guidheam ort, an rìgh an Tighearna do Dhia, a‑chum nach bi dìoghaltairean na fala lìonmhor gu sgrios, agus nach marbh iad mo mhac. Agus thubhairt esan, Mar as beò an Tighearna, cha tuit aon ròinneag de fhalt do mhic gu làr. 12 An sin thubhairt a’ bhean, Labhradh, guidheam ort, do bhanoglach aon fhacal rim thighearna, an rìgh. Agus thubhairt esan, Abair romhad. 13 Agus thubhairt a’ bhean, Carson matà a smaoinich thu a leithid seo de nì an aghaidh sluagh Dhè? Oir tha an rìgh a’ labhairt an nì seo mar neach a tha ciontach, a chionn nach eil an rìgh a’ toirt a fhògarraich air ais. 14 Oir bàsaichidh sinn gu deimhinn, agus tha sinn mar uisge a dhòirteadh air an talamh, agus nach cruinnichear a‑rìs: gidheadh chan àill le Dia beatha a thoirt air falbh, ach smaoinichidh e air meadhonan a‑chum nach fògair e a fhògarrach gu tur uaithe. 15 Agus a‑nis gu bheil mi air teachd a labhairt rim thighearna an rìgh mun nì seo, is ann a chionn gun do chuir an sluagh eagal orm: agus thubhairt do bhanoglach, Labhraidh mi a‑nis ris an rìgh: theagamh gun dèan an rìgh iarrtas a bhanoglaich. 16 Oir èisdidh an rìgh, a shaoradh a bhanoglaich à làimh an duine, leis am b’àill mi fhèin agus mo mhac a sgrios le chèile a‑mach à oighreachd Dhè. 17 An sin thubhairt do bhanoglach, Bidh facal mo thighearna an rìgh a‑nis sòlasach: oir mar aingeal Dhè, mar sin tha mo thighearna an rìgh a thuigsinn maith agus uilc: agus bidh an Tighearna do Dhia maille riut. 18 Agus fhreagair an rìgh, agus thubhairt e ris a’ mhnaoi, Na ceil orm, guidheam ort, an nì a dh’fheòraicheas mi dhìot. Agus thubhairt a’ bhean, Labhradh a‑nis mo thighearna an rìgh. 19 Agus thubhairt an rìgh, Nach eil làmh Ioaib maille riut anns an nì seo uile? Agus fhreagair a’ bhean agus thubhairt i, Mar as beò d’anam, a thighearna, a rìgh, chan eil claonadh sam bith a dh’ionnsaigh na làimhe deise no a dh’ionnsaigh na làimhe clìthe ann an nì air bith a labhair mo thighearna, an rìgh: oir do sheirbhiseach Ioab, is esan a chuir ann am beul do bhanoglaich na briathran seo uile: 20 A thoirt mun cuairt a leithid seo de chainnt, rinn do sheirbhiseach Ioab an nì seo: agus tha mo thighearna glic, a rèir gliocas aingeal Dhè, a thuigsinn gach nì a tha air an talamh. 21 Agus thubhairt an rìgh ri Ioab, Feuch a‑nis, rinn mi an nì seo: imich matà, thoir air ais an t‑òganach Absalom. 22 Agus thuit Ioab air a aghaidh gu làr, agus chrom e e fhèin, agus bheannaich e don rìgh: agus thubhairt Ioab, An‑diugh tha fhios aig do sheirbhiseach gun d’fhuair mi deagh‐ghean ad shùilean, mo thighearna, a rìgh; oir rinn an rìgh iarrtas a sheirbhisich. 23 Agus dh’èirich Ioab agus chaidh e gu Gesur, agus thug e Absalom gu Ierusalem. 24 Agus thubhairt an rìgh, Tilleadh e a dh’ionnsaigh a thaighe fhèin, agus na faiceadh e mo ghnùis‐sa. Agus thill Absalom a dh’ionnsaigh a thaighe fhèin, agus chan fhaca e gnùis an rìgh. 25 Ach ann an Israel uile cha robh duine cho maiseach ri Absalom: bha e ri mholadh gu mòr: o bhonn a choise gu ruig mullach a chinn cha robh smal air bith air. 26 Agus nuair a bheàrr e falt a chinn, (oir b’ann aig ceann gach bliadhna a bheàrr e e; a chionn gu robh e trom air, uime sin bheàrr e e,) chothromaich e falt a chinn aig dà cheud secel, a rèir tomhas an rìgh. 27 Agus rugadh do Absalom triùir mhac, agus aon nighean dom b’ainm Tàmar: bha i na mnaoi sgiamhaich na gnùis. 28 Agus ghabh Absalom còmhnaidh ann an Ierusalem dà bhliadhna iomlan, agus chan fhaca e gnùis an rìgh. 29 Uime sin chuir Absalom fios air Ioab, a‑chum a chur a dh’ionnsaigh an rìgh; ach cha b’àill leis teachd da ionnsaigh: agus nuair a chuir e fios a‑rìs an dara uair, cha b’àill leis teachd. 30 Uime sin thubhairt e ra sheirbhisich, Faicibh achadh Ioaib làimh rim achadh‐sa, agus eòrna aige an sin; rachaibh, agus cuiribh ri theine e. Agus chuir seirbhisich Absaloim an t‑achadh ri theine. 31 An sin dh’èirich Ioab, agus thàinig e a dh’ionnsaigh Absaloim da thaigh, agus thubhairt e ris, Carson a chuir do sheirbhisich m’achadh ri theine? 32 Agus fhreagair Absalom Ioab, Feuch, chuir mi fios ad ionnsaigh, ag ràdh, Thig an seo, agus cuiridh mi thu a dh’ionnsaigh an rìgh, a ràdh, Carson a thàinig mi o Ghesur? Bu mhath dhòmhsa gum bithinn fhathast an sin: a‑nis matà faiceam gnùis an rìgh; agus ma tha eu‑ceart sam bith annam, thugadh e fa‑near mo mharbhadh. 33 Uime sin thàinig Ioab a dh’ionnsaigh an rìgh, agus dh’innis e sin dha: agus ghairm e air Absalom, agus thàinig e a dh’ionnsaigh an rìgh, agus chrom e e fhèin air a aghaidh gu làr am fianais an rìgh; agus phòg an rìgh Absalom. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society