Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Samuel 11 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Laigh Daibhidh le Bat‐seba mnaoi Uriah an Hitich, agus dh’fhàs i torrach. 14 Chuireadh Uriah gu bàs. 26 Ghabh Daibhidh Bat‐seba gu bhith na mnaoi aige.

1 Agus aig teachd mun cuairt na bliadhna, mun àm anns an tèid rìghrean a‑mach gu cath, chuir Daibhidh uaithe Ioab, agus a sheirbhisich maille ris, agus Israel uile, agus sgrios iad clann Amoin, agus theannaich iad Rabah: ach dh’fhan Daibhidh ann an Ierusalem.

2 Agus thachair e mu fheasgar gun d’èirich Daibhidh bhàrr a leapa, agus gu robh e a’ spaisdearachd air mullach taigh an rìgh: agus on mhullach chunnaic e bean ga nighe fhèin: agus bha a’ bhean ro‑mhaiseach ri sealltainn oirre.

3 Agus chuir Daibhidh fios, agus dh’fheòraich e mu thimcheall na mnà: agus thubhairt neach, Nach i seo Bat‐sèba nighean Eliam, bean Uriah an t‑Hiteach?

4 Agus chuir Daibhidh uaithe teachdairean, agus ghabh e i; agus thàinig i a‑steach da ionnsaigh, agus laigh e leatha; (oir bha i air a glanadh o a neòghlaine;) agus thill i da taigh fhèin.

5 Agus dh’fhàs a’ bhean torrach, agus chuir i fios uaipe, agus dh’innis i do Dhaibhidh, agus thubhairt i, Tha mi torrach.

6 Agus chuir Daibhidh fios uaithe gu Ioab, ag ràdh, Cuir am ionnsaigh Uriah an t‑Hiteach. Agus chuir Ioab Uriah a dh’ionnsaigh Dhaibhidh.

7 Agus nuair a thàinig Uriah da ionnsaigh, dh’fheòraich Daibhidh dheth cionnas a bha Ioab, agus cionnas a bha an sluagh, agus cionnas a chaidh an cogadh air aghaidh.

8 Agus thubhairt Daibhidh ri Uriah, Imich sìos dod thaigh, agus nigh do chasan. Agus chaidh Uriah a‑mach à taigh an rìgh, agus chuireadh na dhèidh lòn bìdh on rìgh.

9 Ach laigh Uriah aig doras taigh an rìgh, maille ri uile sheirbhisich a thighearna, agus cha deachaidh e sìos da thaigh.

10 Agus nuair a dh’innis iad do Dhaibhidh, ag ràdh, Cha deachaidh Uriah sìos da thaigh, thubhairt Daibhidh ri Uriah, Nach ann od thuras a thàinig thu? Carson matà nach deachaidh tu sìos dod thaigh?

11 Agus thubhairt Uriah ri Daibhidh, Tha an àirc, agus Israel, agus Iùdah a’ fantainn ann am pàilleanan; agus tha mo thighearna, Ioab, agus seirbhisich mo thighearna, air campachadh air aghaidh na machrach; an tèid mise matà a‑steach dom thaigh, a dh’ithe, agus a dh’òl, agus a laighe lem mhnaoi? Mar as beò thusa, agus mar as beò d’anam, cha dèan mi an nì seo.

12 Agus thubhairt Daibhidh ri Uriah, Fan an seo mar an ceudna an‑diugh, agus a‑màireach leigidh mi leat imeachd. Agus dh’fhan Uriah ann an Ierusalem an là sin, agus an là màireach.

13 Agus ghairm Daibhidh air, agus dh’ith agus dh’òl e na fhianais, agus chuir e air mhisg e; ach chaidh e a‑mach mu fheasgar a laighe na leabaidh maille ri seirbhisich a thighearna, agus da thaigh fhèin cha deachaidh e sìos.

14 Agus anns a’ mhadainn sgrìobh Daibhidh litir a dh’ionnsaigh Ioaib, agus chuir e i le làimh Uriah.

15 Agus sgrìobh e anns an litir, ag ràdh, Cuiribh Uriah mu choinneamh a’ chatha as dèine, agus tillibh fhèin o a chùlaibh, a‑chum gum buailear e, agus gum faigh e bàs.

16 Agus nuair a ghabh Ioab beachd air a’ bhaile, dh’òrdaich e Uriah a dh’ionnsaigh àite anns an robh fhios aige gu robh daoine gaisgeil.

17 Agus chaidh fir a’ bhaile a‑mach, agus chog iad ri Ioab; agus thuit cuid den t‑sluagh, de sheirbhisich Dhaibhidh; agus fhuair Uriah an t‑Hiteach bàs mar an ceudna.

18 An sin chuir Ioab fios uaithe, agus dh’innis e do Dhaibhidh gach nì a thachair anns a’ chath:

19 Agus dh’àithn e don teachdaire, ag ràdh, Nuair a chuireas tu crìoch air gach nì a thachair anns a’ chath innse don rìgh,

20 Agus ma thachras gun èirich fearg an rìgh, agus gun abair e riut, Carson a chaidh sibh teann air a’ bhaile a chathachadh? Nach robh fhios agaibh gun tilgeadh iad on bhalla?

21 Cò a bhuail Abimelech mac Ierubeseit? Nach do thilg bean mìr de chloich‐mhuilinn air on bhalla, air chor is gun d’fhuair e bàs ann an Tebes? Carson a chaidh sibh teann air a’ bhalla? An sin their thusa, Tha do sheirbhiseach, Uriah an t‑Hiteach, marbh mar an ceudna.

22 Agus dh’imich an teachdaire, agus thàinig agus dh’innis e do Dhaibhidh gach nì mun do chuir Ioab air falbh e.

23 Agus thubhairt an teachdaire ri Daibhidh, Gu deimhinn bhuadhaich na daoine oirnn, agus thàinig iad a‑mach dar n‑ionnsaigh anns a’ mhachair agus chuir sinn an ruaig orra eadhon gu dol a‑steach a’ gheata.

24 Agus thilg na fir‐bhogha air do sheirbhisich on bhalla, agus tha cuid de sheirbhisich an rìgh marbh, agus tha do sheirbhiseach, Uriah an t‑Hiteach, marbh mar an ceudna.

25 An sin thubhairt Daibhidh ris an teachdaire, Mar seo their thu ri Ioab, Na biodh an nì seo olc ad shùilean; oir cuiridh an claidheamh as do aon duine cho math is do dhuine eile: dèan do chath nas treasa an aghaidh a’ bhaile, agus sgrios e, agus thoir misneach dha.

26 Agus nuair a chuala bean Uriah gun d’fhuair a fear Uriah bàs, rinn i caoidh airson a fir.

27 Agus nuair a bha am bròn thairis, chuir Daibhidh fios oirre, agus thug e i a dh’ionnsaigh a thaighe, agus bha i na mnaoi aige, agus rug i mac dha: ach bha an nì a rinn Daibhidh olc ann an sùilean an Tighearna.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan