2 Rìgh 9 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Chuir Elisa fàidh gu Ramot‐gilead a dh’ungadh Iehu. 11 Rinneadh Iehu na rìgh le ceannardan an t‑slòigh. 24 Mharbh e Iehoram agus Ahasiah. 30 Thilg caillteanaich Iesebel a nuas o uinneig, agus dh’ith na madraidh a feòil a rèir facail an fhàidh Eliah. 1 Agus ghairm Elisa am fàidh air aon de mhic nam fàidh, agus thubhairt e ris, Crioslaich do leasraidh, agus gabh an còrn ola seo ann ad làimh, agus imich gu Ramot‐gilead. 2 Agus nuair a thig thu an sin, seallaidh tu an sin airson Iehu mhic Iehosaphait mhic Nimsi; agus thèid thu a‑steach, agus bheir thu air èirigh suas o mheasg a bhràithrean, agus bheir thu e do sheòmar cùil: 3 Agus gabhaidh tu an còrn ola, agus taomaidh tu air a cheann e, agus their thu, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Dh’ung mi thu ad rìgh air Israel; an sin fosglaidh tu an doras, agus teichidh tu, agus chan fhan thu. 4 Agus dh’imich an t‑òganach, am fàidh, gu Ramot‐gilead. 5 Agus nuair a thàinig e, feuch, bha ceannardan an t‑slòigh nan suidhe; agus thubhairt e, Tha nì agam ri ràdh riut, a cheannaird. Agus thubhairt Iehu, Cò ris dhinn uile? Agus thubhairt esan, Riutsa, a cheannaird. 6 Agus dh’èirich e, agus chaidh e a‑steach don taigh, agus thaom e an ola air a cheann, agus thubhairt e ris, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Dh’ung mi thusa ad rìgh air sluagh an Tighearna, eadhon air Israel. 7 Agus buailidh tu taigh Ahaib do thighearna, agus dìolaidh mise fuil mo sheirbhiseach na fàidhean, agus fuil uile sheirbhisich an Tighearna, air làimh Iesebeil. 8 Agus sgriosar taigh Ahaib uile, agus gearraidh mi as o Ahab esan a nì uisge ri balla, agus esan a dhruidear suas agus a dh’fhàgar ann an Israel. 9 Agus nì mi taigh Ahaib mar thaigh Ierobòaim mhic Nebait, agus mar thaigh Bhaasa mhic Ahiah. 10 Agus ithidh na madraidh Iesebel ann an cuibhreann Iesreeil, agus cha bhi neach air bith ann a dh’adhlaiceas i. Agus dh’fhosgail e an doras, agus theich e. 11 An sin thàinig Iehu a‑mach a dh’ionnsaigh seirbhisich a thighearna, agus thubhairt iad ris, A bheil gach nì gu math? Carson a thàinig am fear cuthaich seo ad ionnsaigh? Agus thubhairt esan riu, Is aithne dhuibh an duine, agus a chainnt. 12 Agus thubhairt iadsan, Is breug e; innis dhuinn a‑nis. Agus thubhairt esan, Mar seo agus mar seo labhair e rium ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Dh’ung mi thu ad rìgh air Israel. 13 An sin rinn iad cabhag, agus ghabh iad gach fear dhiubh a fhallaing, agus chuir iad gach aon foidhe i air mullach na staidhreach, agus shèid iad le trompaid, agus thubhairt iad, Is e Iehu an rìgh. 14 Uime sin rinn Iehu mac Iehosaphait mhic Nimsi ceannairc an aghaidh Ioraim: (a‑nis bha Ioram a’ gleidheadh Ramot‐gilead, e fhèin agus Israel uile, an aghaidh Hasaeil rìgh Shiria: 15 Ach thill rìgh Ioram gu bhith air a leigheas ann an Iesreel o na lotan a thug na Sirianaich dha, nuair a chog e ri Hasael rìgh Shiria). Agus thubhairt Iehu, Mas e ur toil e, na rachadh neach air bith a‑mach, agus na teicheadh e as a’ bhaile, gu dol ga innse ann an Iesreel. 16 Agus mharcaich Iehu ann an carbad, agus chaidh e gu Iesreel; oir bha Ioram na laighe an sin: agus thàinig Ahasiah rìgh Iùdah a‑nuas a dh’fhaicinn Ioraim. 17 Agus sheas fear‐faire air an tùr ann an Iesreel, agus chunnaic e buidheann Iehu nuair a bha e a’ teachd, agus thubhairt e, Tha mi a’ faicinn buidhne. Agus thubhairt Ioram, Gabh marcaiche, agus cuir nan coinneamh e, agus abradh e, An e sìth a tha ann? 18 Agus chaidh fear a’ marcachd air each na choinneamh, agus thubhairt e, Mar seo tha an rìgh ag ràdh, An e sìth a tha ann? Agus thubhairt Iehu, Ciod do ghnothach‐sa ri sìth? Tionndaidh air mo chùlaibh. Agus dh’innis am fear‐faire, ag ràdh, Thàinig an teachdaire dan ionnsaigh, ach chan eil e a’ tighinn air ais. 19 Agus chuir e uaithe fear eile a’ marcachd air each, agus thàinig e dan ionnsaigh, agus thubhairt e, Mar seo tha an rìgh ag ràdh, An e sìth a tha ann? Agus fhreagair Iehu, Ciod do ghnothach‐sa ri sìth? Tionndaidh air mo chùlaibh. 20 Agus dh’innis am fear‐faire, ag ràdh, Thàinig e eadhon dan ionnsaigh, agus chan eil e a’ teachd air ais: agus tha an siubhal cosmhail ri siubhal Iehu mhic Nimsi; oir tha e a’ siubhal gu dian. 21 Agus thubhairt Ioram, Ullaich. Agus dh’ullaich e a charbad. Agus chaidh Ioram rìgh Israeil, agus Ahasiah rìgh Iùdah, a‑mach, gach fear dhiubh na charbad, agus chaidh iad a‑mach an coinneamh Iehu, agus thachair iad air ann an cuibhreann Nàboit an t‑Iesreeleach. 22 Agus nuair a chunnaic Ioram Iehu, thubhairt e, An e sìth a tha ann, a Iehu? Agus thubhairt esan, Ciod an t‑sìth, fhad is a bhios strìopachas Iesebeil, do mhàthair, agus a draoidheachdan cho lìonmhor? 23 An sin thionndaidh Ioram a làmhan agus theich e, agus thubhairt e ri Ahasiah, Tha foill ann, O Ahasiah. 24 Agus tharraing Iehu bogha le a uile neart, agus bhuail e Ioram eadar a ghàirdeanan, agus chaidh an t‑saighead a‑mach tro a chridhe, agus chrom e sìos na charbad. 25 An sin thubhairt Iehu ri Bidcar a cheannard, Tog agus tilg e ann an cuibhreann‐fearainn Nàboit an t‑Iesreeleach: oir is cuimhne leam, nuair a bha mise agus thusa a’ marcachd cuideachd an dèidh Ahaib, a athair, gun do chuir an Tighearna an t‑eallach seo air; 26 Gu cinnteach chunnaic mi an‑dè fuil Nàboit, agus fuil a mhac, arsa an Tighearna, agus dìolaidh mi ort anns a’ chuibhreann seo, arsa an Tighearna. A‑nis, matà, tog agus tilg e anns a’ chuibhreann‐fhearainn, a rèir facal an Tighearna. 27 Agus nuair a chunnaic Ahasiah rìgh Iùdah seo, theich e rathad taigh an liosa: agus lean Iehu na dhèidh, agus thubhairt e, Buailibh esan mar an ceudna na charbad. Agus bhuail iad e aig uchdaich Ghuir, a tha làimh ri Ibleam: agus theich e gu Megido, agus fhuair e bàs an sin. 28 Agus thug a sheirbhisich leo e ann an carbad gu Ierusalem, agus dh’adhlaic iad e na àit‐adhlacaidh, maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh. 29 Agus anns an aon‐bhliadhna‑deug de Ioram mac Ahaib, thòisich Ahasiah air rìoghachadh os cionn Iùdah. 30 Agus nuair a thàinig Iehu gu Iesreel, chuala Iesebel e; agus chuir i dath ma sùilean, agus sgeadaich i a ceann, agus dh’amhairc i a‑mach air uinneig. 31 Agus nuair a bha Iehu a’ teachd a‑steach air a’ gheata, thubhairt i, An robh sìth aig Simri, a mharbh a thighearna? 32 Agus thog esan a aghaidh suas a dh’ionnsaigh na h‑uinneig, agus thubhairt e, Cò a tha leamsa, cò? Agus dh’amhairc dithis no triùir de chaillteanaich a‑mach air. 33 Agus thubhairt e, Tilgibh a‑nuas i. Agus thilg iadsan sìos i; agus chrathadh cuid de a fuil air a’ bhalla, agus air na h‑eich, agus shaltair iad fo an casan i. 34 Agus chaidh e a‑steach, agus dh’ith agus dh’òl e, agus thubhairt e, Rachaibh a‑nis a dh’fhaicinn na mnà mallaichte sin, agus adhlaicibh i; oir is nighean rìgh i. 35 Agus chaidh iad ga h‑adhlacadh, ach cha d’fhuair iad dhith ach an claigeann, agus na casan, agus basan a làmh. 36 Agus thill iad, agus dh’innis iad dha: agus thubhairt esan, Is e seo facal an Tighearna, a labhair e le làimh a òglaich Eliah an Tisbitheach, ag ràdh, Ann an cuibhreann Iesreeil, ithidh na madraidh feòil Iesebeil: 37 Agus bidh closach Iesebeil mar aolach air aghaidh an fhearainn ann an cuibhreann Iesreeil, air chor is nach abair iad, Is i seo Iesebel. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society