2 Peadar 3 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Thug Peadar cinnte do luchd‐aidmheil a’ chreidimh mu theachd Chrìosd a‑chum breitheanais, an aghaidh luchd‐fanaid; 8 thug e rabhadh do dhaoine mì‑dhiadhaidh, o fhad‐fhoighidinn Dhè, iad a ghreasadh an aithreachais: 10 chuir e mar an ceudna an cèill am modh air an sgriosar an saoghal seo. 1 An dara litir seo, a mhuinntir mo ghràidh, tha mi a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh a‑nis; annta le chèile tha mi a’ brosnachadh ur n‑inntinn fhìorghlain le ur cur an cuimhne: 2 A‑chum gum bi sibh cuimhneachail air na briathran a labhradh roimhe leis na fàidhean naomha, agus air ar n‑àithne‐ne, abstoil an Tighearna agus an t‑Slànaighir: 3 Air dhuibh fhios seo a bhith agaibh air tùs, gun tig anns na làithean deireannach luchd‐fochaid, ag imeachd a rèir an ana‑miann fhèin. 4 Agus ag ràdh, Càit a bheil gealladh a theachd? Oir o chaidil na h‑athraichean, tha na h‑uile nithean a’ fantainn mar a bha iad o thoiseach a’ chruthachaidh. 5 Oir tha iad aineolach air seo de an deòin, gu robh na nèamhan ann o chian, agus an talamh na sheasamh as an uisge, agus anns an uisge, tre fhacal Dhè: 6 Tre an deachaidh an saoghal a bha an sin ann a sgrios, air teachd don dìle air. 7 Ach tha na nèamhan agus an talamh a tha a‑nis ann, leis an fhacal sin fhèin air an tasgadh suas, agus air an gleidheadh fa chomhair teine air cheann là a’ bhreitheanais, agus sgrios dhaoine an‑diadhaidh. 8 Ach, a mhuinntir mo ghràidh, na bithibh‐se aineolach air an aon nì seo, gu bheil aon là aig an Tighearna mar mhìle bliadhna, agus mìle bliadhna mar aon là. 9 Chan eil an Tighearna mall a‑thaobh a gheallaidh (mar a mheasas dream àraidh moille), ach tha e fad‐fhulangach dar taobh‐ne, gun toil aige dream sam bith a bhith caillte, ach na h‑uile dhaoine a theachd gu aithreachas. 10 Ach thig là an Tighearna mar ghadaiche anns an oidhche; anns an tèid na nèamhan thairis le toirm mhòir, agus anns an leagh na dùilean le dian‐theas; agus bidh an talamh mar an ceudna, agus na h‑obraichean a tha air, air an losgadh suas. 11 Uime sin do bhrìgh gum bi na nithean seo uile air an sgaoileadh as a chèile, ciod a’ ghnè dhaoine a bu chòir a bhith annaibh, ann an caitheamh‐beatha naomh, agus diadhachd, 12 Le sùil a bhith agaibh ris, agus a’ luathachadh a‑chum teachd là Dhè, anns am bi na nèamhan, air dhaibh a bhith ri theine, air an sgaoileadh as a chèile, agus anns an leaghar na dùilean le dian‐theas? 13 Gidheadh tha dùil againne ri nèamhan nuadh agus talamh nuadh, a rèir a gheallaidh, anns an còmhnaich fìreantachd. 14 Uime sin, a mhuinntir ionmhainn, o tha dùil agaibh ris na nithean sin, dèanaibh ur dìcheall a‑chum gum faighear leis‐san ann an sìth sibh, gun smal agus neo‐lochdach: 15 Agus measaibh gur slàinte fad‐fhulangas ar Tighearna; amhail a sgrìobh ar bràthair gràdhach Pòl mar an ceudna dur n‑ionnsaigh, a rèir a’ ghliocais a thugadh dha; 16 Eadhon mar na litrichean uile, a’ labhairt annta mu na nithean seo; anns a bheil cuid de nithean do‑thuigsinn, a tha an dream a tha neo‐fhòghlaimte, agus neo‐sheasmhach, a’ fiaradh, mar na sgriobtairean eile, a‑chum an sgrios fhèin. 17 Ach sibhse, a mhuinntir mo ghràidh, o is aithne dhuibh na nithean seo ro‑làimh, thugaibh an aire air eagal air dhuibhse mar an ceudna a bhith air ur tarraing air falbh le seachran nan daoine an‑diadhaidh, gun tuit sibh o ur seasmhachd fhèin: 18 Ach fàsaibh ann an gràs, agus ann an eòlas ar Tighearna agus ar Slànaighir, Iosa Crìosd. Dhàsan gu robh glòir a‑nis agus gu sìorraidh. Amen. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society