2 Peadar 1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 A‑chum luchd‐aidmheil a’ chreidimh a dhaingneachadh ann an dòchas meudachaidh gràis Dhè, 5 chuir Peadar impidh orra le creideamh agus deagh obraichean, an gairm a dhèanamh cinnteach: 12 bha e cùramach mu seo a chur an cuimhne dhaibh, do bhrìgh gu robh fios aige gun robh a bhàs am fagas. 1 Sìmon Peadar, seirbhiseach agus abstol Iosa Crìosd, dhaibhsan a fhuair an creideamh luachmhor ceudna rinne, tre fhìreantachd ar Dè agus ar Slànaighir, Iosa Crìosd: 2 Gu robh gràs agus sìth air am meudachadh dhuibh, tre eòlas Dhè, agus Iosa ar Tighearna, 3 A rèir mar a dheònaich a chumhachd diadhaidh‐san dhuinn na nithean sin uile a bhuineas do bheatha agus do dhiadhachd, tre eòlas an tì sin a ghairm sinn a‑chum glòire, agus deagh‐bheus: 4 Tre an tugadh dhuinn geallaidhean ro‑mhòr agus luachmhor, a‑chum den trìdsan gum biodh sibhse air ur dèanamh nur luchd‐compàirt de nàdar na diadhachd, air dhuibh dol as on truaillidheachd a tha anns an t‑saoghal tre ana‑miann. 5 Agus a thuilleadh air seo, air dèanamh an uile dhìchill dhuibh, cuiribh ri ur creideamh deagh‐bheus; agus ri deagh‐bheus eòlas; 6 Agus ri eòlas stuaim; agus ri stuaim foighidinn; agus ri foighidinn diadhachd; 7 Agus ri diadhachd gràdh bràthaireil; agus ri gràdh bràthaireil seirc. 8 Oir ma bhios na nithean seo annaibh, agus pailt, bheir iad oirbh gun a bhith leisg, no mì‑thorrach ann an eòlas ar Tighearna, Iosa Crìosd. 9 Ach an tì aig nach eil na nithean sin, tha e dall, agus geàrr‐sheallach, a’ dìochuimhneachadh gun do ghlanadh e o a sheann pheacaidhean. 10 Uime sin, a bhràithrean, dèanaibh tuilleadh dìchill a‑chum ur gairm agus ur taghadh a dhèanamh cinnteach: oir ma nì sibh na nithean seo, cha tuit sibh a‑chaoidh: 11 Oir mar sin fritheilear gu pailt dhuibh slighe a‑steach do rìoghachd shìorraidh ar Tighearna agus ar Slànaighir, Iosa Crìosd. 12 Uime sin cha dearmad mi na nithean seo a ghnàth‐chur an cuimhne dhuibh, ged is aithne dhuibh iad, agus ged tha sibh air ur daingneachadh anns an fhìrinn an làthair. 13 Ach tha mi a’ meas gur còir, am feadh a tha mi anns a’ phàillean seo, sibhse a bhrosnachadh le ur cur an cuimhne: 14 Air dhomh fios a bhith agam gur fagas dhomh àm cur dhìom mo phàillein seo, amhail a dh’fhoillsich ar Tighearna Iosa Crìosd dhomh. 15 Ach nì mi dìcheall, a‑chum an dèidh dhomh siubhal, gum bi agaibhse gnàth‐chuimhne air na nithean seo. 16 Oir cha do lean sinne faoin‐sgeulachdan a dhealbhadh gu h‑innleachdach, nuair a chuir sinn an cèill dhuibh cumhachd agus teachd ar Tighearna Iosa Crìosd, ach rinneadh sinn nar sùil‐fhianaisean air a mhòrachd‐san. 17 Oir fhuair e o Dhia an t‑Athair urram agus glòir, nuair a thàinig a shamhail seo de ghuth da ionnsaigh on ghlòir òirdheirc, Is e seo mo Mhac gràdhach‐sa, anns a bheil mo mhòr‐thlachd. 18 Agus chuala sinne an guth seo a thàinig o nèamh, nuair a bha sinn maille ris air an t‑sliabh naomh. 19 Tha againn mar an ceudna facal fàidheadaireachd as cinntiche; dom math a nì sibh aire a thoirt, mar do lòchran a tha a’ toirt solais uaithe ann an ionad dorcha, gus an soillsich an là, agus an èirich an reul‐mhaidne nur cridheachan: 20 Air dhuibh fhios seo a bhith agaibh air tùs, nach eil fàidheadaireachd air bith den sgriobtar o thogradh dhaoine fhèin. 21 Oir cha tàinig an fhàidheadaireachd a rèir toil duine o shean: ach labhair daoine naomha Dhè, mar a sheòladh iad leis an Spiorad Naomh. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society