Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Eòin 1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Chomhairlich Eòin do mhnaoi òirdheirc àraidh agus do a cloinn buanachadh anns a’ chreidimh; agus ann an gràdh Crìosdail, 8 air eagal gun cailleadh iad duais na h‑aidmheil a rinn iad roimhe; 10 agus gun ghnothach a bhith aca ris na mealltairean sin nach toir fìor‐theagasg Iosa Crìosd leo dan ionnsaigh.

1 An seanair a‑chum na ban‐tighearna thaghte, agus a‑chum a cloinne, as ionmhainn leam anns an fhìrinn; agus chan ann leamsa a‑mhàin, ach leòsan uile mar an ceudna a ghabh eòlas air an fhìrinn;

2 Airson na fìrinn a tha na còmhnaidh annainne, agus a bhios maille rinn gu bràth:

3 Gràs, tròcair, agus sìth gu robh maille ribh o Dhia an t‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd, Mac an Athar, ann am fìrinn agus ann an gràdh.

4 Bha gàirdeachas mòr orm, do bhrìgh gun d’fhuair mi cuid ded chloinn‐sa ag imeachd anns an fhìrinn, a rèir mar a fhuair sinne àithne on Athair.

5 Agus a‑nis guidheam ort, a bhan‐tighearna, chan ann mar gun sgrìobhainn àithne nuadh ad ionnsaigh, ach an àithne a bha againn o thùs, gun gràdhaicheamaid a chèile.

6 Agus is e seo an gràdh, gun imicheamaid a rèir a àitheantan‐san. Is i seo an àithne, mar a chuala sibh o thùs, gun imicheadh sibh innte.

7 Oir tha mòran mhealltairean air teachd a‑steach don t‑saoghal, nach eil ag aideachadh gu bheil Crìosd air teachd anns an fheòil. Is mealltair seo agus ana‐crìosd.

8 Thugaibh aire dhuibh fhèin, nach caill sinn na nithean sin a shaothraich sinn, ach gum faigh sinn làn‐duais.

9 Ge bè neach a bhriseas an lagh, agus nach fan ann an teagasg Chrìosd, chan eil Dia aige: an tì a dh’fhanas ann an teagasg Chrìosd, tha araon an t‑Athair agus am Mac aige.

10 Ma thig neach air bith dur n‑ionnsaigh, agus nach toir e an teagasg seo leis, na gabhaibh e a‑steach dur taigh, agus na abraibh ris, Guma subhach dhut:

11 Oir ge bè neach a their ris, Guma subhach dhut, tha compàirt aige de a dhroch obraichean.

12 Air dhomh mòran a bhith agam ri sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, cha b’àill leam sgrìobhadh le paipear agus dubh; ach tha dòchas agam teachd dur n‑ionnsaigh, agus labhairt beul ri beul, a‑chum gum bi ar gàirdeachas coileanta.

13 Tha clann do pheathar thaghte a’ cur fàilte ort. Amen.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan