Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Eachdraidh 9 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Thàinig bànrighinn Sheba gu Ierusalem a dhearbhadh Sholaimh. 3 Ghabh i iongantas ra ghliocas. 13 Cothrom an òir a thàinig dh’ionnsaidh Sholaimh ann an aon bhliadhna. 17 A rìgh‐chathair. 20 A shoithichean òil. 29 A bhàs.

1 Agus nuair a chuala bànrighinn Shèba cliù Sholaimh, thàinig i a dhearbhadh Sholaimh le ceistean cruaidhe gu Ierusalem, le cuideachd ro‑mhòir, agus le càmhail a’ giùlan spìosraidh agus òir ann am pailteas, agus chlachan luachmhor: agus nuair a thàinig i a dh’ionnsaigh Sholaimh, labhair i ris gach nì a bha na cridhe.

2 Agus fhreagair Solamh dhi a ceistean uile; agus cha robh nì air bith am falach air Solamh nach d’innis e dhi.

3 Agus nuair a chunnaic bànrighinn Shèba gliocas Sholaimh, agus an taigh a thog e,

4 Agus biadh a bhùird, agus suidhe a sheirbhiseach, agus feitheamh a luchd‐frithealaidh agus an trusgan, agus a ghillean‐cupain agus an trusgan, agus a dhol‐suas air an deachaidh e suas gu taigh an Tighearna, cha robh spiorad innte nas mò.

5 Agus thubhairt i ris an rìgh, B’fhìor an t‑iomradh a chuala mi ann am thìr fhèin air do ghnìomharan, agus air do ghliocas:

6 Gidheadh cha do chreid mi am briathran gus an tàinig mi, agus gum faca mo shùilean; agus, feuch, cha d’innseadh dhomh leth meud do ghliocais: chaidh thu thar an iomradh a chuala mi.

7 Is sona do dhaoine, agus is sona iad seo do sheirbhisich, a sheasas ad fhianais an còmhnaidh, agus a chluinneas do ghliocas.

8 Guma beannaichte an Tighearna do Dhia a ghabh tlachd annad gu do chur air a rìgh‐chathair, gu bhith ann ad rìgh airson an Tighearna do Dhia: a chionn gun do ghràdhaich do Dhia Israel, a‑chum an daingneachadh gu bràth, uime sin rinn e thusa ad rìgh os an cionn, a dhèanamh breitheanais agus ceartais.

9 Agus thug i don rìgh ceud agus fichead tàlann òir, agus ro‑mhòran de spìosraidh, agus clachan luachmhor: agus cha robh riamh a leithid seo de spìosraidh is a thug bànrighinn Shèba do rìgh Solamh.

10 Agus mar an ceudna thug seirbhisich Huraim, agus seirbhisich Sholaimh, a thug òr o Ophir, fiodh alguim leo, agus clachan luachmhor.

11 Agus rinn an rìgh den fhiodh alguim staidhrichean do thaigh an Tighearna, agus do thaigh an rìgh, agus clàrsaichean agus saltairean don luchd‐ciùil: agus chan fhacas an leithid roimhe ann an tìr Iùdah.

12 Agus thug rìgh Solamh do bhànrighinn Shèba a h‑uile mhiann a dh’iarr i, a thuilleadh air na thug i a dh’ionnsaigh an rìgh: agus thionndaidh i agus dh’imich i da tìr, i fhèin agus a seirbhisich.

13 A‑nis b’e cudthrom an òir a thàinig a dh’ionnsaigh Sholaimh ann an aon bhliadhna sia ceud agus trì‐fichead agus sia tàlannan òir;

14 A thuilleadh air na thug na ceannaichean agus an luchd‐malairt, agus uile rìghrean Aràbia, agus uachdarain na tìre, a thug òr agus airgead a dh’ionnsaigh Sholaimh.

15 Agus rinn rìgh Solamh dà cheud sgiath de òr buailte; chaidh sia ceud secel de òr buailte a‑chum gach sgèithe.

16 Agus rinn e trì cheud targaid de òr buailte: chaidh trì cheud secel òir a‑chum gach targaide: agus chuir an rìgh iad ann an taigh frìth Lebanoin.

17 Rinn an rìgh mar an ceudna rìgh‐chathair mhòr de fhiaclan elephant, agus chòmhdaich e i leis an òr a bu ghlaine.

18 Agus bha sia ceumannan aig an rìgh‐chathair agus cas‐stòl òir, air an tàthadh ris an rìgh‐chathair, agus làmhan air gach taobh den àite‐shuidhe, agus dà leòmhann a’ seasamh làimh ris na làmhan.

19 Agus sheas dà‑leòmhann‐dheug an sin air na sia ceumannan, air an taobh seo agus air an taobh ud. Cha do rinneadh a leithid ann an rìoghachd air bith eile.

20 Agus bha uile shoithichean‐òil rìgh Solamh de òr, agus uile shoithichean taigh frìth Lebanoin de òr fìorghlan: cha robh meas air airgead ann an làithean Sholaimh a‑chum nì sam bith.

21 Oir chaidh loingeas an rìgh gu Tarsis maille ri seirbhisich Huraim: aon uair anns na trì bliadhna thàinig loingeas Tharsis a’ giùlan òir agus airgid, fiaclan elephant, agus apa, agus pheucag.

22 Agus thug rìgh Solamh barrachd air uile rìghrean an domhain ann an saoibhreas agus gliocas.

23 Agus dh’iarr uile rìghrean na talmhainn teachd an làthair Sholaimh, a chluinntinn a ghliocais a chuir Dia na chridhe.

24 Agus thug iad leo gach fear a thìodhlac, soithichean airgid, agus soithichean òir, agus trusganan, agus airm, agus spìosraidh, agus eich, agus muileidean, cuibhreann bliadhna anns gach bliadhna.

25 Agus bha aig Solamh ceithir mìle prasach each airson a charbad, agus dà‑mhìle‐dheug marcaiche, a chuir e a‑mach ann am bailtean nan carbad, agus maille ris an rìgh ann an Ierusalem.

26 Agus rìghich e os cionn nan rìghrean uile, on abhainn gu ruig tìr nam Philisteach, agus gu ruig crìoch na h‑Eiphit.

27 Agus thug an rìgh air airgead a bhith ann an Ierusalem mar chlachan, agus air na croinn sheudair thug e a bhith mar na croinn shicomoir, a tha anns an t‑srath, air lìonmhorachd.

28 Agus thugadh eich a dh’ionnsaigh Sholaimh as an Eiphit, agus as gach uile thìr.

29 Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Sholaimh, an toiseach agus mu dheireadh, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar Nàtain am fàidh, agus ann am fàidheadaireachd Ahiah an Silonach, agus ann an seallaidhean Ido am fear‐seallaidh an aghaidh Ierobòaim mhic Nebait?

30 Agus rìghich Solamh ann an Ierusalem os cionn Israeil uile, dà‑fhichead bliadhna.

31 Agus chaidil Solamh maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e ann am baile Dhaibhidh a athair: agus rìghich Rehobòam a mhac na àite.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan