2 Eachdraidh 36 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Chuir rìgh na h‑Èiphit Iehoahas o rìoghachadh ann an Ierusalem. 4 Rinneadh Iehoiacim na rìgh na àite. 6 Cheangail Nebuchadnesar Iehoiacim a‑chum a thoirt do Bhàbilon. 14 Sgrios na Caldèanaich Ierusalem. 22 Gairm Chìruis. 1 Agus ghabh sluagh na tìre Iehoahas mac Iosiah, agus rinn iad na rìgh e an àit a athar ann an Ierusalem. 2 Trì‐bliadhna‑fichead a dh’aois bha Iehoahas nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e trì mìosan ann an Ierusalem. 3 Agus chuir rìgh na h‑Eiphit e o rìoghachadh ann an Ierusalem, agus chuir e ceud tàlann airgid, agus tàlann òir, mar ùnlagh air an tìr. 4 Agus rinn rìgh na h‑Eiphit Eliacim a bhràthair na rìgh air Iùdah agus Ierusalem, agus thionndaidh e a ainm gu Iehoiacim. Agus ghabh Necho Iehoahas a bhràthair, agus thug e don Eiphit e. 5 Còig‐bliadhna‑fichead a dh’aois bha Iehoiacim nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e aon‐bhliadhna‑deug ann an Ierusalem: agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna a Dhia. 6 Na aghaidh‐san thàinig Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin a‑nìos, agus cheangail e ann an geimhlean umha e, a‑chum a thoirt do Bhàbilon. 7 Thug Nebuchadnesar mar an ceudna leis cuid de shoithichean taigh an Tighearna do Bhàbilon, agus chuir e iad na theampall ann am Bàbilon. 8 Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Iehoiacim, agus a ghràinealachdan a rinn e, agus na fhuaireadh ann, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar rìghrean Israeil agus Iùdah. Agus rìghich Iehoiachin a mhac na àite. 9 Ochd‐bliadhna‑deug a dh’aois bha Iehoiachin nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e trì mìosan agus deich làithean ann an Ierusalem: agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna. 10 Agus aig ceann na bliadhna chuir rìgh Nebuchadnesar daoine uaithe, agus thug e do Bhàbilon e, maille ri soithichean taitneach taigh an Tighearna; agus rinn e Sedeciah a bhràthair na rìgh air Iùdah agus Ierusalem. 11 Bliadhna‑ar‑fhichead a dh’aois bha Sedeciah nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e aon‐bhliadhna‑deug ann an Ierusalem. 12 Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna a Dhia; agus cha d’irioslaich e e fhèin am fianais Ieremiah am fàidh, a labhair o bheul an Tighearna. 13 Agus mar an ceudna rinn e ceannairc an aghaidh rìgh Nebuchadnesair, a thug air mionnachadh air Dia: ach ragaich e a mhuineal, agus chruadhaich e a chridhe o thionndadh a dh’ionnsaigh an Tighearna, Dia Israeil. 14 Mar an ceudna pheacaich iadsan uile a b’àirde de na sagartan agus den t‑sluagh gu ro‑mhòr, a rèir uile ghràinealachdan nan cinneach, agus thruaill iad taigh an Tighearna, a naomhaich e ann an Ierusalem. 15 Agus chuir an Tighearna, Dia an athraichean, fios dan ionnsaigh le làimh a theachdairean, ag èirigh gu moch, agus a’ cur uaithe; a chionn gu robh truas aige da shluagh, agus da àite‐còmhnaidh. 16 Ach rinn iadsan fanaid air teachdairean Dhè, agus rinn iad dìmeas air a bhriathran, agus rinn iad tarcais air a fhàidhean, gus an d’èirich fearg an Tighearna an aghaidh a shluaigh air chor is nach robh leigheas ann. 17 Uime sin thug e orra rìgh nan Caldèanach, a mharbh an daoine òga leis a’ chlaidheamh ann an taigh an ionaid naoimh, agus nach do chaomhain òigfhear no òigh, seann duine no esan a bha air a chromadh leis an aois: thug e thairis iad uile na làimh. 18 Agus uile shoithichean taigh Dhè, mòr agus beag, agus ionmhasan taigh an Tighearna, agus ionmhasan an rìgh agus a uachdaran, thug e leis uile do Bhàbilon. 19 Agus loisg iad taigh Dhè, agus bhris iad sìos balla Ierusaleim, agus loisg iad a lùchairtean uile le teine, agus mhill iad a shoithichean taitneach uile. 20 Agus iadsan a chaidh as on chlaidheamh thug e leis do Bhàbilon, far an robh iad nan seirbhisich aige fhèin agus aig a mhic, gus an do rìghich rìgh Phersia: 21 A‑chum gum biodh facal an Tighearna le beul Ieremiah air a choileanadh, gus am mealadh an tìr a sàbaidean: rè na h‑ùine a bha i fàs, chùm i a sàbaidean, gus an do choileanadh trì‐fichead agus deich bliadhna. 22 A‑nis ann an ciad bhliadhna Chìruis rìgh Phersia, a‑chum gum biodh facal an Tighearna le beul Ieremiah air a choileanadh, dhùisg an Tighearna suas spiorad Chìruis rìgh Phersia, agus thug e fa‑near gairm a bhith air a tabhairt air feadh a rìoghachd uile, agus a chur mar an ceudna ann an sgrìobhadh, ag ràdh, 23 Mar seo tha Cìrus rìgh Phersia ag ràdh, Uile rìoghachdan an domhain thug an Tighearna, Dia nan nèamh, dhòmhsa, agus dh’àithn e dhomh taigh a thogail dha ann an Ierusalem, a tha ann an Iùdah: ge bè neach a tha nur measg de a shluagh uile, gu robh an Tighearna a Dhia maille ris, agus rachadh e suas. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society