2 Eachdraidh 31 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19922 Shuidhich Heseciah roinnean nan sagart agus nan Lèbhitheach. 5 Thug clann Israeil seachad gu toileach ciad‐thoradh an fhearainn. 11 An luchd‐dreuchd a bha os cionn nan tabhartas. 1 Agus nuair a chrìochnaicheadh seo uile, chaidh Israel uile a bha an làthair a‑mach do bhailtean Iùdah, agus bhris iad na dealbhan, agus gheàrr iad sìos na doireachan, agus thilg iad sìos na h‑ionadan àrda agus na h‑altairean à Iùdah uile agus à Beniàmin, agus ann an Ephraim agus Manaseh, gus an do sgrios iad gu tur iad. An sin thill clann Israeil uile, gach duine a dh’ionnsaigh a sheilbhe fhèin, dam bailtean fhèin. 2 Agus shuidhich Heseciah roinnean nan sagart agus nan Lèbhitheach a rèir an roinnean, gach duine a rèir a sheirbhis fhèin, na sagartan agus na Lèbhithich airson nan ìobairt‐loisgte, agus airson nan ìobairt‐shìth, a fhrithealadh, agus a thabhairt buidheachais, agus a chliùthachadh ann an geatachan camp an Tighearna: 3 Cuibhreann an rìgh mar an ceudna de a mhaoin, airson nan ìobairt‐loisgte, airson ìobairt‐loisgte na maidne agus an fheasgair, agus ìobairt‐loisgte nan sàbaid, agus nan gealach nodha, agus nam fèill suidhichte, mar a tha e sgrìobhte ann an lagh an Tighearna. 4 Dh’àithn e cuideachd don t‑sluagh a bha a chòmhnaidh ann an Ierusalem gun tugadh iad seachad cuibhreann nan sagart agus nan Lèbhitheach a‑chum gum biodh iad air an daingneachadh ann an lagh an Tighearna. 5 Agus cho luath is a thàinig an àithne a‑mach, thug clann Israeil seachad gu pailt ciad‐thoradh an arbhair, an fhìona, agus na h‑ola, agus na meala, agus uile fhàs an fhearainn; agus deicheamh nan uile nithean thug iad a‑steach ann am pailteas. 6 Agus a‑thaobh chloinn Israeil agus Iùdah a bha a chòmhnaidh ann am bailtean Iùdah, thug iadsan mar an ceudna a‑steach deicheamh a’ bhuair agus nan caorach, agus deicheamh nan nithean naomha a bha air an naomhachadh don Tighearna an Dia, agus rinn iad mòran chruach dhiubh. 7 Anns an treas mìos thòisich iad air bunaitean nan cruach a leagadh, agus anns an t‑seachdamh mìos chrìochnaich iad iad. 8 Agus thàinig Heseciah agus na h‑uachdarain, agus chunnaic iad na cruachan, agus bheannaich iad an Tighearna agus a shluagh Israel. 9 Agus dh’fhiosraich Heseciah de na sagartan agus na Lèbhithich mu thimcheall nan cruach. 10 Agus fhreagair Asariah an t‑àrd‐shagart de thaigh Shadoic e, agus thubhairt e, On thòisich iad air na tabhartasan a thoirt a‑steach do thaigh an Tighearna, dh’ith sinn gus an do shàsaicheadh sinn, agus dh’fhàg sinn pailteas: oir bheannaich an Tighearna a shluagh, agus dh’fhàgadh am pailteas mòr seo. 11 An sin dh’àithn Heseciah seòmraichean ullachadh ann an taigh an Tighearna; agus dh’ullaich iad iad; 12 Agus thug iad a‑steach na tabhartasan, agus an deicheamh, agus na nithean naomhaichte gu fìrinneach; agus os an cionn bha Cononiah an Lèbhitheach na fhear‐riaghlaidh, agus Simei a bhràthair anns an àit a b’fhaisge. 13 Agus bha Iehiel, agus Asariah, agus Nahat, agus Asahel, agus Ierimot, agus Iosabad, agus Eliel, agus Ismahiah, agus Mahat, agus Benaiah, nan luchd‐amhairc‐thairis fo làimh Chononiah, agus Shimei a bhràthair, air àithne Heseciah an rìgh, agus Asariah, uachdaran taigh Dhè. 14 Agus bha Core mac Imnah an Lèbhitheach, an dorsair a làimh na h‑àird an ear, os cionn saor‐thìodhlacan Dhè a‑chum gun tugadh e seachad tabhartasan an Tighearna, agus na nithean ro‑naomha. 15 Agus làimh ris‐san Eden, agus Beniàmin, agus Iesua, agus Semaiah, agus Amariah, agus Secaniah, ann am bailtean nan sagart, nan cùram, a thabhairt dam bràithrean, nan roinnean, mar don mhòr mar sin don bheag. 16 A thuilleadh air àireamh nam fireannach a rèir an ginealaichean o thrì bliadhna a dh’aois agus os a chionn, do gach neach a thèid a‑steach do thaigh an Tighearna, a chuibhreann làitheil, airson an seirbhis nan cùram, a rèir an roinnean; 17 Araon do àireamh nan sagart a rèir an ginealaichean, a rèir taigh an athraichean, agus nan Lèbhitheach o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, nan cùram, a rèir an roinnean: 18 Agus do àireamh an cloinne bige uile a rèir an ginealaichean, am ban, agus am mac, agus an nigheanan den choitheanal uile: oir nan cùram naomhaich iad iad fhèin gu mòr: 19 Agus de mhic Aaroin na sagartan ann am fearann co‑roinn am bailtean, anns gach baile fa leth, na daoine a dh’ainmicheadh air an ainm, a thabhairt an cuibhreann do gach fireannach am measg nan sagart, agus dhaibhsan uile a bha air an àireamh a rèir an ginealaichean am measg nan Lèbhitheach. 20 Agus rinn Heseciah mar seo air feadh Iùdah uile: agus rinn e an nì sin a bha math, agus ceart, agus fìrinneach ann am fianais an Tighearna a Dhia. 21 Agus a‑thaobh gach obrach air an do thòisich e ann an seirbhis taigh Dhè, agus anns an lagh, agus anns na h‑àitheantan, a dh’iarraidh a Dhè, rinn e i le a uile chridhe, agus shoirbhich e. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society