Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Eachdraidh 27 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Rìoghachadh Iotaim: 5 bhuadhaich e air na h‑Amonaich. 9 Fhuair e bàs, agus rìghich Ahas na àite.

1 Còig‐bliadhna‑fichead a dh’aois bha Iotam nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e sia‑bliadhna‑deug ann an Ierusalem; agus b’e ainm a mhàthar Ierusa, nighean Shadoic.

2 Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, a rèir nan uile nithean a rinn Udsiah a athair; gidheadh cha deachaidh e a‑steach do theampall an Tighearna, agus bha an sluagh fhathast truaillidh.

3 Thog e geata àrd taigh an Tighearna, agus air balla Opheil thog e mòran.

4 Agus thog e bailtean ann an slèibhtean Iùdah, agus anns na coilltean thog e caistealan agus tùir.

5 Agus chog e ri rìgh chloinn Amoin, agus thug e buaidh orra. Agus thug clann Amoin dha air a’ bhliadhna sin fhèin ceud tàlann airgid, agus deich mìle tomhas cruithneachd, agus deich mìle tomhas eòrna. Seo thug clann Amoin seachad dha, araon air an dara bliadhna, agus air an treas.

6 Agus dh’fhàs Iotam cumhachdach, a chionn gun do dheasaich e a shlighean am fianais an Tighearna a Dhia.

7 Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Iotaim, agus a chogaidhean uile, agus a shlighean, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar rìghrean Israeil agus Iùdah.

8 Còig‐bliadhna‑fichead a dh’aois bha e nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e sia‑bliadhna‑deug ann an Ierusalem.

9 Agus chaidil Iotam maille ra athraichean, agus dh’adhlaic iad e ann am baile Dhaibhidh: agus rìghich Ahas a mhac na àite.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan