Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Eachdraidh 23 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Rinn Iehoiada Ioas na rìgh. 12 Chuireadh Ataliah gu bàs. 16 Bhriseadh altairean agus dealbhan Bhaail. 20 Shuidhich Iehoiada Ioas air an rìgh‐chathair.

1 Agus anns an t‑seachdamh bliadhna neartaich Iehoiada e fhèin, agus ghabh e na ceannardan‐cheud, Asariah mac Ierohaim, agus Ismael mac Iehohanain, agus Asariah mac Obeid, agus Maaseiah mac Adaiah, agus Elisaphat mac Shichri, a‑steach ann an coicheangal ris.

2 Agus chaidh iad mun cuairt ann an Iùdah, agus chruinnich iad na Lèbhithich a‑mach à uile bhailtean Iùdah, agus cinn athraichean Israeil, agus thàinig iad gu Ierusalem.

3 Agus rinn an coitheanal uile coicheangal ris an rìgh ann an taigh Dhè: agus thubhairt e riu, Feuch, rìoghaichidh mac an rìgh, mar a thubhairt an Tighearna mu mhic Dhaibhidh.

4 Seo an nì a nì sibh: Bidh an treas cuid dhibhse a thèid a‑steach air an t‑sàbaid de na sagartan agus de na Lèbhithich nan luchd‐gleidhidh nan doras;

5 Agus bidh trian aig taigh an rìgh; agus trian aig geata na bunaite; agus bidh an sluagh uile ann an cùirtean taigh an Tighearna.

6 Ach na tigeadh a‑steach do thaigh an Tighearna ach na sagartan, agus iadsan de na Lèbhithich a fhrithealas: thèid iadsan a‑steach, oir tha iad naomh: ach coimheadaidh an sluagh uile faire an Tighearna.

7 Agus cuartaichidh na Lèbhithich an rìgh air gach taobh, gach fear le a airm na làimh; agus ge bè neach a thig a‑steach don taigh, cuirear gu bàs e: ach bithibh‐se maille ris an rìgh, nuair a thig e a‑steach, agus nuair a thèid e a‑mach.

8 Agus rinn na Lèbhithich, agus Iùdah uile, a rèir nan uile nithean a dh’àithn Iehoiada an sagart, agus ghabh iad gach fear a dhaoine fhèin a bha gu teachd a‑steach air an t‑sàbaid, maille riùsan a bha gu dol a‑mach air an t‑sàbaid; oir cha do leig Iehoiada an sagart air falbh na roinnean.

9 Agus thug Iehoiada an sagart do na ceannardan‐cheud sleaghan, agus sgiathan, agus targaidean, a bha aig rìgh Daibhidh, a bha ann an taigh Dhè.

10 Agus chuir e an sluagh uile, gach fear le a ghath na làimh, o thaobh deas an taighe gu ruig taobh clì an taighe, làimh ris an altair agus an taigh, mun cuairt air an rìgh.

11 Agus thug iad a‑mach mac an rìgh, agus chuir iad an crùn air, agus thug iad dha an fhianais, agus rinn iad na rìgh e: agus dh’ung Iehoiada agus a mhic e, agus thubhairt iad, Guma fada beò an rìgh.

12 Agus nuair a chuala Ataliah fuaim an t‑sluaigh a’ ruith cuideachd, agus a’ moladh an rìgh, thàinig i a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh a‑steach do thaigh an Tighearna.

13 Agus dh’amhairc i, agus, feuch, sheas an rìgh làimh ra phost aig an dol a‑steach, agus na h‑uachdarain agus na trompaidean làimh ris an rìgh; agus rinn uile shluagh na tìre gàirdeachas, agus rinn iad fuaim le trompaidean, agus an luchd‐seinn le innealan‐ciùil, agus iadsan a bha eòlach air moladh: agus reub Ataliah a h‑aodach, agus thubhairt i, Foill, foill!

14 An sin dh’àithn Iehoiada an sagart do na ceannardan‐cheud a chuireadh os cionn an t‑slòigh, agus thubhairt e riu, Thugaibh a‑mach i an taobh a‑muigh de na sreathan; agus ge bè neach a leanas i, marbhar leis a’ chlaidheamh e: oir thubhairt an sagart, Na cuiribh gu bàs i ann an taigh an Tighearna.

15 Agus thug iad comas dhi; agus nuair a thàinig i gu dol a‑steach geata nan each aig taigh an rìgh, mharbh iad an sin i.

16 Agus rinn Iehoiada coicheangal eadar e fhèin agus an sluagh gu lèir, agus an rìgh, gum biodh iad nan sluagh aig an Tighearna.

17 Agus chaidh an sluagh uile a‑steach do thaigh Bhàail, agus leag iad sìos e, agus bhris iad a altairean agus a dhealbhan gu tur, agus mharbh iad Matan sagart Bhàail fa chomhair nan altair.

18 Agus shuidhich Iehoiada luchd‐riaghlaidh taigh an Tighearna le làimh nan sagart agus nan Lèbhitheach, a roinn Daibhidh ann an taigh an Tighearna, a‑chum ìobairtean‐loisgte an Tighearna ìobradh, mar a tha e sgrìobhte ann an lagh Mhaois, le gàirdeachas agus le seinn, a rèir òrdagh Dhaibhidh.

19 Agus shuidhich e na dorsairean aig geatachan taigh an Tighearna, a‑chum nach rachadh neach air bith a‑steach, a bha neòghlan ann an nì air bith.

20 Agus ghabh e na ceannardan‐cheud, agus na h‑àrd‐uaislean, agus uachdarain an t‑sluaigh, agus uile shluagh na tìre, agus thug iad a‑nuas an rìgh o thaigh an Tighearna; agus thàinig iad tron gheata àrd a‑steach do thaigh an rìgh, agus chuir iad an rìgh na shuidhe air rìgh‐chathair na rìoghachd.

21 Agus rinn uile shluagh na tìre gàirdeachas: agus bha am baile sàmhach, an dèidh dhaibh Ataliah a mharbhadh leis a’ chlaidheamh.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan