Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Eachdraidh 19 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Thug Iehu achmhasan do Iehosaphat a chionn gun do chuidich e le Ahab. 4 Chaidh Iehosaphat a‑mach air feadh an t‑sluaigh, agus shuidhich e britheamhan anns an tìr. 6 Theagaisg e dhaibh an dleasdanas.

1 Agus thill Iehosaphat rìgh Iùdah a dh’ionnsaigh a thaighe ann an sìth gu Ierusalem.

2 Agus chaidh Iehu mac Hanani am fear‐seallaidh a‑mach na choinneamh, agus thubhairt e ri rìgh Iehosaphat, Am buineadh dhutsa an t‑aingidh a chuideachadh, agus iadsan a ghràdhachadh a dh’fhuathaicheas an Tighearna? Uime sin tha fearg riut o làthair an Tighearna.

3 Ach fhuaireadh nithean matha annad, a‑thaobh gun do chuir thu air falbh na doireachan as an tìr, agus gun d’ullaich thu do chridhe a dh’iarraidh Dhè.

4 Agus ghabh Iehosaphat còmhnaidh ann an Ierusalem: agus chaidh e a‑mach a‑rìs air feadh an t‑sluaigh, o Bheer‐sèba gu sliabh Ephraim, agus thug e air an ais iad a dh’ionnsaigh an Tighearna, Dia an athraichean.

5 Agus shuidhich e britheamhan anns an tìr, air feadh uile bhailtean daingnichte Iùdah, anns gach baile fa leth.

6 Agus thubhairt e ris na britheamhan, Thugaibh an aire ciod a nì sibh, oir chan ann airson duine a tha sibh a’ tabhairt breith, ach airson an Tighearna; agus tha e fhèin maille ribh anns a’ bhreitheanas.

7 A‑nis, matà, biodh eagal an Tighearna oirbh: thugaibh an aire agus bithibh a’ dèanamh; oir maille ris an Tighearna ar Dia chan eil euceart, no bàidh ri neach seach a chèile, no gabhail duaise.

8 Agus mar an ceudna ann an Ierusalem shuidhich Iehosaphat cuid de na Lèbhithich, agus de na sagartan, agus de chinn‐theaghlach Israeil, airson breitheanas an Tighearna, agus gu connsachadh a chrìochnachadh nuair a thill iad gu Ierusalem.

9 Agus thug e sparradh dhaibh, ag ràdh, Mar seo nì sibh ann an eagal an Tighearna, ann an ionracas, agus le cridhe iomlan.

10 Agus ge bè cùis a thig dur n‑ionnsaigh o ur bràithrean a tha a chòmhnaidh nam bailtean, eadar fuil agus fuil, eadar lagh agus àithne, reachdan agus breitheanais, bheir sibh rabhaidh dhaibh nach dèan iad easaontas an aghaidh an Tighearna, agus gun tig fearg oirbhse agus air ur bràithrean: dèanaibh mar seo, agus cha chiontaich sibh.

11 Agus, feuch, tha Amariah an t‑àrd‐shagart os ur cionn ann an uile ghnothaichean an Tighearna; agus Sebadiah mac Ismaeil na cheannard air taigh Iùdah ann an uile ghnothaichean an rìgh; agus na Lèbhithich nan luchd‐riaghlaidh nur fianais. Bithibh misneachail, agus dèanaibh; agus bidh an Tighearna maille ris a’ mhath.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan