2 Eachdraidh 18 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Chaidh Iehosaphat maille ri Ahab an aghaidh Ramot‐ghilead. 4 Dh’fhiosraich iad a dh’fhacal an Tighearna, agus thug na fàidhean brèige làn‐dearbhachd dhaibh gun soirbhicheadh leo. 6 Chuireadh fios air Micaiah: 15 ro‑innis e bàs Ahaib. 1 Agus bha aig Iehosaphat beartas agus cliù ann am pailteas: agus rinn e cleamhnas ri Ahab. 2 Agus an ceann bhliadhnachan àraidh chaidh e sìos a dh’ionnsaigh Ahaib do Shamaria: agus mharbh Ahab caoraich agus crodh ann am pailteas air a shon, agus airson an t‑sluaigh a bha maille ris, agus chuir e impidh air dol suas gu Ramot‐gilead. 3 Agus thubhairt Ahab rìgh Israeil ri Iehosaphat rìgh Iùdah, An tèid thu maille riumsa do Ramot‐gilead? Agus fhreagair esan e, Tha mise mar a tha thusa, agus mo shluagh‐sa mar do shluagh‐sa, agus bidh sinn leat anns a’ chogadh. 4 Agus thubhairt Iehosaphat ri rìgh Israeil, Fiosraich, guidheam ort, an‑diugh de fhacal an Tighearna. 5 Uime sin chruinnich rìgh Israeil na fàidhean an ceann a chèile, ceithir cheud fear, agus thubhairt e riu, An tèid sinn do Ramot‐gilead gu cath, no an leig mi leis? Agus thubhairt iadsan, Falbh suas: oir bheir Dia ann an làimh an rìgh iad. 6 Agus thubhairt Iehosaphat, Nach eil an seo fàidh tuilleadh leis an Tighearna a‑chum gum fiosraich sinn dheth? 7 Agus thubhairt rìgh Israeil ri Iehosaphat, Tha fhathast aon fhear ann, leis am faod sinn fiosrachadh den Tighearna: ach tha fuath agam dha, oir chan eil e a’ dèanamh fàistneachd mum thimcheall idir air math, ach an còmhnaidh air olc: is e seo Micaiah, mac Imla. Agus thubhairt Iehosaphat, Na abradh an rìgh mar sin. 8 Agus ghairm rìgh Israeil aon de a mhaoir, agus thubhairt e, Greas an seo Micaiah mac Imla. 9 Agus shuidh rìgh Israeil, agus Iehosaphat rìgh Iùdah, gach fear air a rìgh‐chathair fhèin, len earradh rìoghail orra, agus shuidh iad ann an àite rèidh, aig dol a‑steach geata Shamaria; agus bha na fàidhean uile ri fàidheadaireachd nan làthair. 10 Agus rinn Sedeciah, mac Chenannah, adhaircean iarainn dha fhèin, agus thubhairt e, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Leo seo buailidh tu na Sirianaich, gus an cuirear as dhaibh. 11 Agus rinn na fàidhean uile fàidheadaireachd mar sin, ag ràdh, Falbh suas gu Ramot‐gilead, agus soirbhich; oir bheir an Tighearna ann an làimh an rìgh iad. 12 Agus an teachdaire a chaidh a ghairm Mhicaiah, labhair e ris, ag ràdh, Feuch, tha briathran nam fàidh le aon bheul a’ foillseachadh maith don rìgh: biodh d’fhacal‐sa, guidheam ort, mar fhacal aoin dhiubhsan, agus labhair math. 13 Agus thubhairt Micaiah, Mar as beò an Tighearna, eadhon an nì a their mo Dhia, sin labhraidh mise. 14 Agus thàinig e a dh’ionnsaigh an rìgh, agus thubhairt an rìgh ris, A Mhicaiah, an tèid sinn do Ramot‐gilead gu cath, no an leig mi leis? Agus thubhairt esan, Rachaibh suas, agus soirbhichibh, oir bheirear nur làimh iad. 15 Agus thubhairt an rìgh ris, Cia lìon uair a mhionnaicheas mi thu, nach innis thu dhomh ach an fhìrinn ann an ainm an Tighearna? 16 Agus thubhairt esan, Chunnaic mi Israel uile sgapte air na slèibhtean, mar chaoraich aig nach eil buachaille: agus thubhairt an Tighearna, Chan eil maighistir orra seo; tilleadh gach fear da thaigh fhèin ann an sìth. 17 (Agus thubhairt rìgh Israeil ri Iehosaphat, Nach d’innis mi dhut, nach dèanadh e fàistneachd mum thimcheall‐sa air math, ach air olc?) 18 A‑rìs thubhairt e, Uime sin èisdibh ri facal an Tighearna: Chunnaic mise an Tighearna na shuidhe air a rìgh‐chathair, agus uile shlòigh nan nèamh nan seasamh air a làimh dheis agus air a làimh chlì. 19 Agus thubhairt an Tighearna, Cò a chuireas impidh air Ahab rìgh Israeil, a‑chum is gun tèid e suas, agus gun tuit e ann an Ramot‐gilead? Agus labhair aon, ag ràdh mar seo, agus aon eile ag ràdh mar siud. 20 Agus thàinig spiorad a‑mach, agus sheas e am fianais an Tighearna, agus thubhairt e, Cuiridh mise impidh air. Agus thubhairt an Tighearna ris, Cia leis? 21 Agus thubhairt esan, Thèid mi a‑mach, agus bidh mi am spiorad brèige ann am beul a fhàidhean uile. Agus thubhairt an Tighearna, Cuiridh tu impidh air, agus mar an ceudna buadhaichidh tu: imich, agus dèan mar sin. 22 A‑nis uime sin, feuch, chuir an Tighearna spiorad brèige ann am beul nam fàidhean sin agad, agus labhair an Tighearna olc mud thimcheall. 23 An sin chaidh Sedeciah mac Chenaanah am fagas, agus bhuail e Micaiah air a’ ghiall, agus thubhairt e, Cia an taobh a chaidh spiorad an Tighearna uamsa a labhairt riutsa? 24 Agus thubhairt Micaiah, Feuch, chì thu anns an là sin air an tèid thu a‑steach do sheòmar‐cùil gu thu fhèin fhalach. 25 An sin thubhairt rìgh Israeil, Glacaibh Micaiah, agus thugaibh air ais e gu Amon, uachdaran a’ bhaile, agus gu Iòas mac an rìgh; 26 Agus abraibh, Mar seo thubhairt an rìgh, Cuiribh am fear seo anns a’ phrìosan, agus beathaichibh e le aran airce, agus le uisge airce, gus an till mise ann an sìth. 27 Agus thubhairt Micaiah, Ma thilleas tusa idir ann an sìth, cha do labhair an Tighearna leamsa. Agus thubhairt e, Eisdibh, a shlòigh uile. 28 Uime sin chaidh rìgh Israeil, agus Iehosaphat rìgh Iùdah, suas gu Ramot‐gilead. 29 Agus thubhairt rìgh Israeil ri Iehosaphat, Cuiridh mise mi fhèin ann an coslas eile, agus thèid mi a‑steach don chath: ach cuir thusa d’earradh rìoghail ort. Agus chuir rìgh Israeil e fhèin ann an coslas eile, agus chaidh e a‑steach don chath. 30 A‑nis dh’àithn rìgh Shiria do cheannardan nan carbad a bha aige, ag ràdh, Na cogaibh ris a’ bheag no ris a’ mhòr, ach ri rìgh Israeil a‑mhàin. 31 Agus nuair a chunnaic ceannardan nan carbad Iehosaphat, thubhairt iad, Is e seo rìgh Israeil: uime sin thàinig iad mun cuairt air a chogadh. Ach ghlaodh Iehosaphat a‑mach, agus chuidich an Tighearna leis, agus dh’aom Dia iad gu falbh uaithe. 32 Oir nuair a chunnaic ceannardan nan carbad nach b’e rìgh Israeil a bha ann, thill iad o a leantainn. 33 Agus tharraing fear a bhogha air thuairmeas, agus bhuail e rìgh Israeil eadar uilt na lùirich: uime sin thubhairt e ra charbadair, Tionndaidh do làmh, agus thoir a‑mach as an fheachd mi: oir tha mi leònte. 34 Ach mheudaich an cath air an là sin: uime sin dh’fhan rìgh Israeil suas na charbad an aghaidh nan Sirianach gu ruig am feasgar; agus fhuair e bàs mu àm dol fodha na grèine. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society